Hiort il beag Hiort il Hiort Quiz Hiort Digh-beatha Hiort Agallamh Hiort Suidheachadh
Suidheachadh Hiort
Buidheann de chòig eileanan

Chan e dìreach aon eilean a th’ ann a’ Hiort ach buidheann de chòig eileanan. Is iad sin Hiort, Sòdhaigh, Boraraigh, An Dùn agus Leabhanais (tha dà chreig mhòir ann cuideachd, Stac an Armainn agus Stac Lì.)

Tha e 66 cilemeatair (no 41 mìle) an iar air Beinn na Fadhla ann an Eileanan Siar na h-Alba.

Canar St Kilda ri na h-eileanan seo ann am Beurla agus tha an t-ainm seo gu math annasach. Cha robh naomh riamh ann air an robh Kilda agus tha iomadh sgeulachd ann mu dheidhinn mar a fhuair e, ’s dòcha, an t-ainm.
Tha aon sgeulachd ag ràdh gun robh na Hiortaich a’ fuaimneachadh ainm a’ phrìomh eilein, Hirta no Hirte, mar Hilta, a tha coltach ri Kilta. Mar sin, tuigidh sinn mar a dh’fhaodadh luchd-tadhail tràth a bhith dhen bheachd gun robh iad ag ràdh Kilta no Kilda agus fiù ’s St Kilda.

Ann a’ Hiort:
- Tha na bearraidhean mara as àirde ann am Breatainn (còrr is 400 meatair a dh’ àirde), ann a’ Hiort agus tha iad a’ leantainn orra fon uisge agus a’ dèanamh …

- Nam bearraidhean as ‘àirde’ fon mhuir ann am Breatainn le sgeirean is uamhan a tha a’ cumail taic ri beatha-mara a tha iongantach fhèin.

- As t-samhradh, seo an t-àite-tuineachaidh de dh’ eòin-mhara as motha ann an ceann an ear thuath an Atlantaig le faisg air millean eun


Dè cho fada ’s a bheir thu a’ dol ann?
- Heileacoptair à Beinn na Fadhla - mu 20 mionaid

- Bàta às na Hearadh - eadar 2-3 uair a thìde

- Bàta às an Òban is Malaig - eadar 17 uairean is 4 latha a rèir ’s ciamar a tha an t-sìde!

Coimhead air map de dh’ Alba agus feuch an lorg thu Hiort air!

 

   
 
   
   
       
 
               
Cead-aonta | Buidheachas | Wee St Kilda Guide | © Urras Nàiseanta na h-Àlba