Hiort il beag Hiort il Hiort Quiz Hiort Digh-beatha Hiort Agallamh Hiort Suidheachadh

Dòigh-beatha na cloinne ann a’ Hiort

Dè an t-aodach a bhiodh orra?
Anns na 1830an tha iomradh ann gun robh a’ chlann a b’ òige ann a’ Hiort, na balaich cuideachd, ann an dreach nas lugha de dh’ aodach boireannaich! B’ e sin seòrsa de ghùn le muinchillean (coltach ri lèine mhòr) le froga clò le muinchillean air uachdar. Ann an 1886, bha briogais is seacaid air na balaich agus bha na nigheanan a’ cur orra frogannan dorcha, srianagach le sgarfa shoilleir mun amhaich. Chì thu sin sna dealbhan gu h-ìseal.
Anns na seann làithean, bhiodh na Hiortaich a’ cleachdadh chnàmhan nam fulmairean, dubhain èisge agus gob trilleachain (eun) airson an t-aodach aca a dhùnadh.

Cò ris a bha an sgoil coltach?
Glè thric, cha robh obair-sgoile cho cudromach aig clann Hiort ’s a bha obraichean eile. Bhiodh iad a’ falamhachadh nam bàtaichean, ag obair anns na h-achannan no a’ cuideachadh le bhith a’ glacadh eòin-mhara. Uaireannan, dh’fheumadh an sgoil dùnadh tràth oir bhiodh a’ chlann ro thrang le obair eile! Tràth san 19mh linn, bha sgoil ann eadar 7 is 9 sa mhadainn, eadar 12 is 1 feasgar agus airson dà uair a thìde air an oidhche gus nach biodh I a’ cur maill air obair eile.
Anns an sgoil bhiodh a’ chlann a’ dèanamh leughadh, sgrìobhadh, suimean agus beagan cruinn-eòlais, eachdraidh agus seinn.

Dè an seòrsa bhrògan a bhiodh orra?
Bhuiodh a’ mhòr-chuid dhen chloinn casruisgte as t-samhradh.
Anns na 1750an bha brogan nan inbheach air an dèanamh de chraiceann amhaichean shùlairean!
Anns na 1830an bha brogan air an dèanamh de leathar agus air am fuaigheal le pìosan tana de chraiceann caorach. Ann an dealbhan an dèidh sin, bha brogan-mòra air a’ chloinn. ’S iongantach mura deach iad seo a dhèanamh an àit’-eigin eile agus an toirt a Hiort.

Càit am biodh iad a’ cadal?
Dh’fhaodadh a’ chlann cadal air bobhstairean ( a bha air an dèanamh le pocannan làn connlaich) timcheall an teine san taigh. Ged a bha itean gu leòr aca, cha robh iad gan cleachdadh airson bobhstairean a lìonadh oir bhiodh iad a’ cleachdadh nan itean airson am màl a phàigheadh.
Ann an 1830, bha na Hiortaich air leabannan is plaideachan fhaighinn bho thìr-mòr.

Dè bha iad a’ dèanamh leis an sgudal?
Ro1861, bha òtrach (dùn-sgudail) anns na taighean. Bha seo glè thrice sa chuid dhen taigh ris an canadh iad a’ bhàthach (far an robh iad a’ cumail a’ chruidh). B’ e na pìosan nach deach ithe de dh’ eòin-mhara, luath mòna agus innear a’ chruidh a bu mhotha a bha san sgudal. Bhiodh iad a’ sgaoileadh an sgudail air an talamh mar thodhar nuair a bhiodh rudan a’ fàs.
Bha na coin a’ cuideachadh leis an sgudal oir bhiodh iad ag ithe eòin-mhara a bha a’ chòrr!

Càit an robh an toileat?
Cha robh toileatan ann an taighean an uair ud. Mar sin, feumaidh gun robh iad a’ dol do thoileat a-muigh (taigh-beag) no dhan bhàthaich.

Dè bha iad a’ cleachdadh airson airgead?
Cha bhiodh airgead aig na Hiortaich idir sna seann làithean. Bha bhiodh feum aca air oir cha robh càil ann ri cheannach agus cha robh bùithean ann. ’S ann dìreach airson am màl a phàigheadh dhan uachdaran a bhiodh feum air airgead. Mar sin, uair sa bhliadhna, bhiodh iad a’ cleachdadh itean, eòin air an tioramachadh, clòimh, ìm, càise, eich, ola agus eòrna airson a phàigheadh.

Bhiodh na Hiortaich ag iarraidh air seòladairean rudan a thoirt a-steach dhan eilean. San dòigh sin bhiodh iad a’ faighinn tombaca, iarann agus alann, innealan, guirmean (seòrsa de dhath) agus cotan liosaichte (le dealbhan air). Bhiodh iad ag iomlaid nan rudan sin airson rudan a bh’ aca fhèin (mar ola eòin-mhara) seach pàigheadh le airgead.

An robh geamannan aca mar ball-coise?
Ma bha, ciamar a bha iad ga chluich?

Tha sinn dhen bheachd gur dòcha gun robh na Hiortaich (inbhich agus clann) a’ cluich geama coltach ri iomain air an tràigh. Bhiodh iad air camain ghoirid a chleachdadh agus bàlaichean fiodha airson seo.
’S dòcha gum biodh iad cuideachd a’ rèiseadh phònaidhean eadar an tràigh agus na taighean.

 

   
   
 
       
           
             
       
Cead-aonta | Buidheachas | Wee St Kilda Guide | © Urras Nàiseanta na h-Àlba