Hiort il beag Hiort il Hiort Quiz Hiort Digh-beatha Hiort Agallamh Hiort Suidheachadh
Agallamhan ri Luchd-obrach

Neach-raoin Hiort
Hi – Is mise an Neach-raoin ann a’ Hiort. Tha mi a’ fuireach an seo fad an t-samhraidh eadar An Giblean agus An t-Sultain. Bidh mi a’ dèanamh iomadh obair – Bidh mi a’ coinneachadh an luchd-turais a bhios a’ tighinn air bàta. Bidh mi ag innse dhaibh mu na chì iad agus na dh’fhaodas iad a dhèanamh air an eilean. Tha cuid dhen luchd-turais le ùidh ann an eòin, cuid le ùidh ann an eachdraidh agus tha cuid eile a tha dìreach airson coiseachd agus coimhead air na bearraidhean mara. Thèid agam air innse dhaibh mu na
h-àitean as fheàrr airson a dhol annta agus dè choimheadas iad air a shon. Feumaidh fios a bhith agam càite bheil daoine a’ dol gun fhios nach tèid iad air chall. Lorgaidh sinn iad an uair sin.

Bidh mi a’ dol cuairt cha mhòr a h-uile latha – tha a’ phrosbaig agam an-còmhnaidh agus bidh mi a’ coimhead ach am faic mi mucan-mara agus leumadairean-mara agus eòin. Ged a tha mòran sheòrsachan eòin a’ cur seachad an t-samhraidh ann a’ Hiort, bidh cuid nach bi a’ stad ach latha no dhà air an slighe tuath no deas. Uaireannan, ma bhios droch shìde ann, bidh a’ ghaoth a’ cur nan eòin far an cùrsa. An-uiridh, bha corra-mhonaidh agus comhachag gheal againn. Dh’fhuirich iad beagan làithean agus dh’fhalbh iad.

Is toigh leam an samhradh ann a’ Hiort. Uaireannan, bidh mi ag ionndrainn mo theaghlaich agus mo charaidean ach tha mòran ri fhaicinn agus ri dhèanamh ann agus bidh mi a’ coinneachadh ri mòran dhaoine.

Neach-raoin na Mara is nan Eòin-mhara ann a’ Hiort
’S e an obair agamsa a bhith a’ sgrùdadh nan eòin-mhara ann a’ Hiort agus na rudan a tha fon uisge.

Tha còrr is millean eun-mara ann a’ Hiort. Mar sin, tha mi gu math trang! Gach bliadhna bidh sinn a’ dol gu far a bheil na buthaidean a’ neadachadh agus a’ cunntas cia mheud ugh a tha sna tuill. Thèid sinn air ais a-rithist a dh’fhaicinn cia mheud isean a chaidh a bhreith. Feumaidh tu do ghàirdean a chur sìos dhan toll gus am fairich thu an t-isean. Cha toigh leis sin idir agus faodaidh e do bhìdeadh le ghob! Bidh mi cuideachd a’ cunntas nam faireagan agus eòin dubh an sgadain ach bidh mi a’ cleachdadh prosbaig airson sin oir tha iad a’ neadachadh air bearraidhean.

’S e àite àlainn, iongantach a tha fon mhuir ann a’ Hiort. Tha an t-uisge uabhasach soilleir agus làn beatha – tha coiltean feamad ann far a bheil iasg agus ròin a’ leum. Tha na creagan agus na bearraidhean fon mhuir air an còmhdach le cìochan dathte na muice-mara, dearg agus purpaidh agus orains. ’S ann a tha iad coltach ri dìtheanan.

Tha e mìorbhaileach a bhith a’ coimhead an fhiadh-bheatha ann a’ Hiort. Bidh cuid a’ faighneachd dhomh am bi mi ag ionndrainn an TBh no na bùithtean, ach tha uiread ri fhaicinn ’s gur gann a tha mi gan ionndrainn idir


Arc-eòlaiche Hiort
Tha mi a’ cur seachad an t-samhraidh ann a’ Hiort. ’S e mo phrìomh obair a bhith a’ cuideachadh a’ càradh nan seann togalaichean agus a’ coimhead às dèidh an taigh-tasgaidh.

Bha daoine a’ fuireach ann a’ Hiort fad mhìltean bhliadhnaichean. Bhiodh iad a’ faighinn a h-uile càil a bha a dhìth orra airson a bhith beò on eilean fhèin. Bha iad a’ cleachdadh chlachan airson thogalaichean agus innealan agus na h-eòin-mhara agus na caoraich airson biadh agus bha iad a’ cur bàrr anns na h-achaidhean.

Bidh arc-eòlaichean a’ coimhead air na rudan a shad daoine air falbh no a dh’fhàg iad às an dèidh. Tha e caran mar a bhith nad lorg-phoileas – bidh thu a’ coimhead air na rudan a dh’fhàg iad agus a’ feuchainn ri dhèanamh a-mach ciamar a bha iad beò. Tha an-còmhnaidh rudeigin ùr ann ri lorg agus coimhead air. Is toigh leam a bhith a’ feuchainn ri dhèanamh a-mach ciamar a bha an dòigh-beatha o chionn cheudan bliadhna.
Nuair a thuiteas balla, feumaidh sinn a chàradh gu faiceallach airson gum bi e a’ coimhead ceart – chan urrainn dhuinn stuthan an latha an-diugh, mar concrait, a chleachdadh. ’S e foill a bhiodh an sin! Tha cuid dhe na clachan uabhasach mòr. Mar sin, feumaidh tu a bhith làidir agus fiot.


 
 
     
 
       
Cead-aonta | Buidheachas | Wee St Kilda Guide | © Urras Nàiseanta na h-Àlba