Tha thu an seo: Àm a dh’fhalbh > Dòigh-beatha


Dòigh-beatha

A’dol air ais ann an eachdraidh, bha àireamh bheag de dhaoine, mu 180 ann an 1697, aig an robh am fearann air mhàl o uachdaran a bha a’ fuireach ann an àiteigin eile, mu dheireadh MacLeòid Dhùn Bheagain san Eilean Sgitheanach. Bha tuineachadh beag aca sa Bhaile agus àirighean sa Ghleann airson an t-samhraidh.

Bha bàillidh aig an uachdaran a bhiodh a’ togail a’ mhàil dha uair sa bhliadhna nuair a thigeadh e a Hiort. Bha fear de mhuinntir Hiort fhèin aige ga riochdachadh air an eilean gus dèiligeadh ri cùisean o latha gu latha. Suas gu faisg air deireadh an naoidheamh linn deug, bha a’ mhòrchuid dhen mhàl ga phàigheadh le bathar. Bha am bàillidh a’ reic a’ bhathair agus a’ toirt stuth dha na h-eileanaich a fhuair e air tìr-mòr.


Fionnlagh MacCuithinn agus an nighean aige ag obair san achadh ann an 1910
Dealbh: Cruinneachadh Neil Ferguson

 

 

© Urras Nàiseanta na h-Alba