Tha thu an seo: A’ tadhal air Hiort


A’ tadhal air Hiort

'S e àite gu math sònraichte a th' ann a' Hiort agus bu mhath leinn a chumail mar sin. Airson sin a dhèanamh, feumaidh sibh ar cuideachadh gus dèanamh cinnteach nach tig plàighean no galaran dhan mhuir-innis a dh'fhaodadh an t-eag-shiostam gun shamhail a mhilleadh. Tha an dà chuid na h-eileanan agus a' mhuir mun cuairt orra comharraichte mar Làrach Dualchas na Cruinne. Tha e aithnichte gur e gnèithean coimheach a' tighinn a-steach an cunnart as motha a th' ann do dh'eag-shiostaman eileanan air feadh an t-saoghail.

Seo cuid de fheartan sònraichte Hiort a dh'fhaodadh a bhith ann an cunnart:

Eòin-mhara
Tha na h-eileanan nan dachaigh dhan choloinidh as motha de dh'eòin-mhara ann an ear-thuath an Atlantaig agus tha e na bhuannachd dhaibh nach eil creachadairean ann air tìr. Nan tigeadh creachadairean a-steach, gu h-àraidh radain agus minc, dhèanadh iad sgrios uabhasach. Bidh radain tric air bàtaichean agus bidh iad am falach ann an cargu is ann am bathar, gu h-àraidh biadh.

  • Na toir bàta le ceabain dhinte chun a' chidhe. Thig air tìr ann an eathar fosgailte sa bheil e nas fhasa rudan fhaicinn agus anns nach bi radain.
  • Feuch gun tòirear biadh air tìr ann an soithichean dinte agus gun dèanar cinnteach nach eil radain annta.

Lusan
Tha lusan tearc agus gun shamhail ann a' Hiort. Chan fhaighear beàrnan-brìde Hiort an àite sam bith eile. 'S dòcha nach eil lusan a tha cumanta air tìr-mòr ann a' Hiort idir, agus tha e cudromach nach toirear sìol a-steach. Bidh galaran lusan glè thric air an sgapadh ann am poll is ann an duilleagan marbh.

  • Glan do bhrògan is d' uidheamachd agus feuch nach bi poll orra mus tèid thu air tìr ann a' Hiort.

Caoraich
Tha caoraich ionadail Shòdhaigh nan eisimpleir de chaoraich a chaidh a dhèanamh soitheamh ann an Linn an Iarainn no nas tràithe. Dh'fhaodadh galar sgrios uabhasach a dhèanamh. Bidh cuid de ghalaran a' sgapadh ann an salchar chon.

  • B' fheàrr leinn nach toireadh sibh coin no peataichean air tìr.

Beatha na Mara
Ged nach fhaic thu i tric, tha beatha na mara air sgeirean fon uisge agus ann an uaimhean mu chuairt Hiort iongantach. Tha iomadh sgìre air costa tìr-mòr na h-Alba ann an cunnart bho ghnèithean a thàinig a-steach mar an carpet sea-squirt agus Japanese wire-weed. Tha an carpet sea squirt mar-thà stèidhichte ann an cuid a dh'àitichean eadar an Leargaidh Ghallta agus Loch Creurann. Nan tigeadh iad a seo, dh'fhaodadh iad beatha na mara a thachdadh agus a sgrios. Chan eil mòran dhòighean air an ruigeadh iad na h-eileanan iomallach seo, ach dh'fhaodadh iad tighinn air sligean bhàtaichean, air acraichean agus ann an uisge balaiste.

  • Feuch gum bi sligean bhàtaichean a bhios a' tadhal ann a' Hiort air an dì-ghalaradh gu cunbhalach agus nach bi fàs-bheairtean sam bith orra.
  • Feuch gum bi poll is salchar eile air a ghlanadh far acraichean agus sèinnichean mus tig iad a dh'uisgeachan Hiort.
  • Feuch nach tèid uisge balaiste no uisge taomain a phumpadh a-mach ann an uisgeachan Hiort.

Siubhail a Hiort air cuairt-mhara Urras Nàiseanta na h-Alba
http://www.nts.org.uk/culturalcruising


Comhairle do Luchd-tadhail

Luchdaich A-nuas Hiort WHS - English
Luchdaich A-nuas Hiort WHS - Gàidhlig
Luchdaich A-nuas Hiort WHS - Deutsch


Chan eil e furasta faighinn a Hiort, ach tha barrachd air aon digh ann mas e sin do mhiann.

Tha mòran chuairtean a Hiort a tòiseachadh sna h-Eileanan Siar. Dhfhaodadh tu barrachd fiosrachaidh a lorg mun sgre iongantach seo agus mu bhith a cuairt air dòigh le dhol gu www.culturehebrides.com

Mar as trice bidh daoine a tadhal air Hiort sna dòighean a leanas:

Bàtaichean Cuairt
Bàtaichean Cùmhnant
A’ tadhal le gheata
Campachadh
Buidhnean-Obrach



Boraraigh is na Stacan ri muir mòr
Dealbh: Rohan Holt


Bàtaichean Cuairt 

Bidh iomadh bàta-cuairt m&orgave;r a tadhal air Hiort gach bliadhna. Glè thric, bidh iad a gabhail a-steach Cuairt Urras Nàiseanta na h-Alba. Seach gum bi na cuairtean ag atharrachadh gach bliadhna, bu chòir dhut rannsachadh a dhèanamh air an eadar-lìon airson a bhith cinnteach.

Roinn nan Cuairtean-mara
Urras Nàiseanta na h-Alba
Cidhe Hermiston
5 Rathad Cultins
Dùn Èideann
EH11 4DF
Post-d cruises@nts.org.uk
www.nts.org.uk/Cruises


Tha an liosta gu h-`rd airson fiosrachadh a-mhàin. S e dleastanas dhaoine a tha airson tadhal air na h-eileanan tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mu na seirbheisean a tha na companaidhean a tabhann. Cha bhi uallach sam bith air an Urras airson na seirbheis a gheibh thu


Bàta-cuairt ann am Bàgh a Bhai
Dealbh: Taighean-tasgaidh Ghlaschu
 

Cuairtean latha agus nas fhaide (cliog airson liosta de luchd-bhàtaichean)

Bidh bàtaichean a' dol air cuairtean latha às na h-Eileanan an Iar agus às an Eilean Sgitheanach. Bidh cuid a' tabhann chuairtean cùmhnaint nas fhaide à puirt mar Malaig is an t-Òban. Airson fiosrachadh air uairean is prìsean, cuir fios gu gach companaidh. Bidh an ùine a bheir an turas a rèir na sìde agus an làin, agus a rèir dè an seòrsa bàta a bhios ann.

 

A’ tadhal le gheata

Faodaidh luchd-tadhail a dhol a Hiort air a mhuir lem bàta fhèin, mar bàta probhaideach no gheata. Bhiodh e feumail nan cuireadh luchd-siubhail neo-eisimeileach fios chun an Urrais le fiosrachadh mu na planaichean aca, agus gu h-àraidh an uair aig am bi iad a tighinn air tr agus a fàgail.

Urras Nàiseanta na h-Alba
Taigh Bhaile an Fhàin
40 Sràid Hùnndaidh
Inbhir Nis
IV3 5HR
Fòn: 01463 232034

CUIMHNICH AIR AN SEO:

  • Faodaidh tu tighinn air tìr uair sam bith aig an laimrig ann am Bàgh a Bhaile, Hiort.
  • Bu chòir dhan h-uile neach-tadhail fios a chur chun an Neach-raoin nuair a ruigeas iad a cleachdadh rèidio VHF a bhta comharra gairm "Kilda Warden", Channel 12 no 16. (Feuch gun smaoinich thu air daoine eile ma ruigeas tu aig uair mhì-choltach).
  • Chan eil àite-fuirich air an eilean do luchd-tadhail ach ionad-campachaidh beag nach gach ach sianar. Tha e riatanach ite a ghleidheil agus gheibhear fiosrachadh bhon oifis gu h-àrd. Faodar àite a ghleidheadh airson sèasan 2009 bho mheadhan an Fhaoillich 2009.
  • Chan eil cead ann do choin (no beathaichean dachaigheil eile) air na h-eileanan.
  • Feuch gun tadhal Dimàirt no Dihaoine, oir sin na làithean solair.
  • Feumar tighinn air tìr ann an eathar fosgailte.
  • Chan eil acrachadh ann am Bàgh a' Bhaile.
  • Chan eil Urras Nàiseanta na h-Alba a' ceadachadh charbadan adhair gun daoine (drònaichean) ann a' Hiort.

Campachadh

Chan eil àite-fuirich air an eilean do luchd-tadhail ach làrach campachaidh beag, a ghabhas sianar air a’ char as motha. Faodaidh luchd-tadhail fuireach suas gu 5 oidhche. Faodaidh iad frasan is toileatan a chleachdadh, cho math ri daoine eile, agus gheibh iad uisge glan ri òl. Chan eil cothrom ann air dealan. Cuimhnich nach eil fnaichean-làimhe no Wi-Fi no cothrom eile air an eadar-lon ann a' Hiort. Tha e riatanach àite a ghleidheadh. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho:

Urras Nàiseanta na h-Alba
Taigh Bhaile an Fhàin
40 Sràid Hunndaidh
Inbhir Nis
IV3 5HR
Fòn: 01463 232034
Post-d: StKildaInfo@nts.org.uk

Faodar àitichean a ghleidheidh airson an t-sèasain bhon Fhaoilleach gach bliadhna. Tha e a’ cosg 20 an duine gach oidhche airson nan goireasan, agus bu chòir sin a phàigheadh dhan Neach-raoin air an eilean.

© Urras Nàiseanta na h-Alba