Tha thu an seo:
Hiort An-diugh > A’ sgrùdadh na h-Àrainn Nàdarra > Fàsmhorachd


Fàsmhorachd

Air sgàth an t-suidheachaidh aige, chan eil uiread de lusan a’ fàs a’ Hiort ’s a tha air tìr-mòr na h-Alba. Tha cuid de ghnèathan gu math tearc ann. A dh’aindeoin sin, chaidh 174 lus le dìthean a chlàradh air na h-eileanan. Chan eil craobhan no pris ann. Tha beagan seilich is seileach-an-airgid ann ach chan fhàs iad barrachd air a dhà no trì òirlich. Seach nach eil an talamh a-nis ga àiteach, chan eil luibhean àitich ann. Ach dh’fhaodadh gu bheil sìol fhathast san talamh a chleachd a bhith ga àiteach agus gum fàsadh iad nan deidheadh a thionndadh.


Buidheagan is seileastairean air Lianagan a’ Bhaile
Dealbh: Taighean Tasgaidh Ghlaschu

Sòbhragan air bearraidhean fosgailte Oiseabhal
Dealbh: Taighean Tasgaidh Ghlaschu
Tha buaidh mhòr aig caoraich Shòdhaigh air fàsmhorachd. Tha tòrr ionaltraidh ga dhèanamh air an eilean agus ’s e todhar nan caorach a tha a’ dol dhan talamh. Ach tha iomadh lus a’ fàs air na bearraidhean, air ballachan, air mullaich nan cleitean agus ann an àitichean eile nach ruig na caoraich orra. Tha pàircean a chleachd a bhith a’ dìon a’ bhàrr on ghaoith agus o chathadh na mara a-nis a’ dìon lusan fiadhaich o chaoraich.

Tha samh pailt ri taobh tuill nam buthaigirean air an Dùn far a bheil todhar nan eòin agus far nach fhaigh na caoraich thuige
Dealbh: Taighean Tasgaidh Ghlaschu

Lus nan laoch a’ grèimeachadh ri aghaidh creige
Dealbh: Jim Vaughan

© Urras Nàiseanta na h-Alba