Tha thu an seo: Àm a dh’fhalbh
> Am Baile


Am Baile

B’ e Hiort ainm an eilein bu mhotha sa bhuidhinn agus bha muinntir Hiort a’ fuireach ann am baile air an eilean sin. Tha amharas againn gun deach a thogail uair is uair air làraich eadar-dhealaichte.

Chan eil mòran fiosrachaidh againn mu na h-àitichean-còmhnaidh a bha ann a’ Hiort tràth ann an eachdraidh. Tha beagan air fhàgail de thogalaichean cloiche air an robh cumadh stuaghach, agus de thaighean tughaidh.


Mapa: Chris Smith

Sgrìobh Màrtainn Màrtainn ann an 1697 gun robh na taighean:

“ìseal, de Chloich, agus de Thàthadh de dh’Ùir thioraim; tha Cuplaichean agus Reangan orra le Sgrathan tana, agus le tughadh de Chonnlaich leis a’ Mhullach ga chumail orra le Ròpan Dùbailte de Chonnlaich no de Fhraoch, le Clachan air a’ cheann; tha na Leabannan mar as trice air an togail ann am Balla an Taighe....airson rùm a dhèanamh dha na Mairt a bhios iad a’ toirt a-steach sa Gheamhradh agus as t-earrach."

Fhuaradh lorg air dealbh o chionn ghoirid a rinn George Clayton Atkinson dhen Bhaile ann an 1831. Tha i a’ sealltainn grunnan thaighean-tughaidh de chloich shìos faisg air a’ chladach. ’S dòcha gu bheil sanas an seo mu thuineachadh sna meadhan linntean agus às a dhèidh.


Dealbh dhen Bhaile ann an dathan-uisge ann an 1831
Ath-tharraing: David Quine

An aon shealladh an-diugh
Dealbh: Robin Turner

Chaidh Am Baile, mar as aithne dhuinn e an-diugh, a dhealbhadh leis a’ mhinistear, an t-Urr. Niall MacCoinnich, sna 1830an. Tha e a’ gabhail a-steach sreath thaighean, gach fear le imir-àitich fhèin, an taobh a-staigh de ghàrradh crìche. Bha na taighean a thogadh sna 1830an coltach ri na taighean-tughaidh a bha air feadh Innse Gall. Cha robh annta ach aon rùm, agus bhiodh an crodh a-staigh annta air a’ gheamhradh. Chaidh taighean ùra a thogail sna 1860an. Bha iad seo a rèir an dealbhaidh a bha bitheanta ann an Innse Gall le lobaidh mar a dheigheadh tu a-steach, clòsaid bheag ris a’ chùl agus dà rùm.

Brùth an dealbh airson a dhèanamh nas motha

Am Baile ann an 1886, a’ sealltainn taighean nan 1860an le na mullaich agus taighean-tughaidh nan 1830an a-nis gan cleachdadh nan sabhail ’s nam bàthchannan dhan chrodh. Tha an Stòr, an Eaglais agus am Mansa shìos ris a’ chladach. Tha Taigh a’ Bhàillidh air ceann an ear a’ bhaile. Tha cleitean, sam biodh iad a’ stòradh rudan, air feadh an àite, taobh a-staigh agus taobh a-muigh a’ ghàrraidh-chrìche. Tha corra lios ann airson rudan a chur.
Dealbh: Cruinneachadh George Washington Wilson, Oilthigh Obar Dheathain


A Bhan-Mhgr NicGillÌosa na suidhe taobh a-muigh an taighe
Dealbh: Urras Nàiseanta na h-Alba

© Urras Nàiseanta na h-Alba