Tha thu an seo: An t-Àm ri teachd


An t-Àm ri teachd

Cunnartan Nàdarra
Cunnartan o Dhaoine 
Truailleadh  
Lorg Ola 
A’ dìon Hiort

 

Cunnartan Nàdarra

Dè tha mach air Hiort sna ceud bliadhna a tha romhainn? Feumaidh na h-eòlaichean a tha ag obair ann an-diugh na cunnartan a mheasadh agus ceumannan a ghabhail gus na h-eileanan a dhìon. Tha na siantan a’ toirt droch bhuaidh air na toglaichean, agus bleith a’ chladaich air cumadh na tìre. Tha cunnart ann cuideachd o luachair oir faodaidh na freumhaichean làraichean nan togalach a mhilleadh.

Tha e mar dhleastanas air an Urras dèanamh cinnteach gum bi gleidheadh buan air an eilean, a chum math na rìoghachd, mar a tha sin air a shònrachadh san lagh-chomasachaidh, Achdan Dearbhaidh Òrduigh Urras Nàiseanta na h-Alba 1935 agus 1938. Tha seo a' còmhdach dualchas, nàdar agus dealbh-tìre nan eilean. Tha riaghladh an dualchais nàdarra fo sgèith Dualchas Nàdair na h-Alba (DNA). Tha iadsan a' riaghladh nan eilean mar Thèarmann Nàdair Nàiseanta (TNN), a rèir cùmhnantan aonta a' mhàil leis an Urras. Tha an t-Urras agus Dualchas Nàdair na h-Alba còmhla a' fastadh neach-gleidhidh airson an t-seusain, a tha air a mhaoineachadh le . Tha an t-Urras a' maoineachadh airceòlaiche, le taicairgid o Alba Eachdraidheil, gus program rannsachaidh airceòlais a riaghladh. Ann am beagan fhaclan, tha an t-Urras a' dèanamh cinnteach gu bheil gleidheadh buan air nàdar, dualchas is dealbh-tìre nan eilean; seach gu bheil na h-eileanan air an comharrachadh mar Làrach Dhualchas na Cruinne, tha dleastanas eadar-nàiseanta air an Urras gus dèanamh cinnteach gu bheil gach raon dhen dualchas ga ghleidheadh, co-dhiù tha e fo riaghladh dìreach an Urrais no nach eil.

brùth airson dealbh nas motha

Luachair a’ sgaoileadh o chionn beagan bhliadhnaichean
Dealbh: Jacqui Huntley

 

Cunnartan o Dhaoine

Dh’fhaodadh bàtaichean a tha a’ toirt an airm agus luchd-tadhail chun an eilein radain no beathaichean eile a thoirt dha na h-eileanan gun fhios dhaibh. Nan tachradh sin, dh’fhaodadh gum biodh àitichean-neadachaidh nan eun air an sgrios. 


Long a’ fàgail Hiort tràth anns a’ mhadainn, an dèidh bathar a chur air tìr air an tràigh
Dealbh: Taighean-Tasgaidh Ghlaschu

Truailleadh

Tha na h-eòin a tha ag ithe timcheall nan eilean, agus a’ neadachadh ann a’ Hiort, ann an cunnart o stuthan rèidio-beò sa mhuir, o ola a dhòirteas agus o sgudal mar phlastaig, loidhnichean-iasgaich phlastaig agus polaidhstaidhrean air sgaoileadh.


Sùlaire mharbh air Stac Lì le loidhne iasgaich mu sgèith
Dealbh: Jim Vaughan

Faic Lorg airson Ola (Ann am Beurla)


A’ dìon Hiort

Tha iomadh comharrachadh a’ dìon cumadh na tire, nan toglaichean agus an fhiadh-bheath ann a’ Hiort. ’S e na h-eileanan an aon Làrach Dhualchas na Cruinne ann an Alba a tha air aithneachadh airson dualchas nàdarra a tha sònraichte. Thathar an dòchas gun urrainnear an comharrachadh a leudachadh gu bhith a’ gabhail a-steach na tha air fhàgail de dhualchas Hiort agus àrainneachd na mara. Tha e an urra rinn uile uallach a bhith oirnn mu dheidhinn dè thachras dha na h-eileanan seo agus taic phoblach a chumail a’ dol airson an gleidheadh agus an dìon.


A’ tighinn timcheall an Dùin o Bhàgh a’ Bhaile ri droch mhuir
Dealbh: Rohan Holt

© Urras Nàiseanta na h-Alba