Tha thu an seo: Cuideachadh Teicnigeach


Cuideachadh Teicnigeach

Seo beagan stiùiridh airson do chuideachadh a’ faighinn toileachais on làrach-lìn seo. Bidh mòran dhiubh feumail airson làraichean-lìn eile.

Tha an làrach-lìn seo air a dhealbh gus a bhith nas fheàrr le rèiteachadh scrion de 800x600 pixel.

Ma tha thu airson roghainn nan grafaigean atharrachadh:

  • Theirig gu panail smachd Windows (air Start Menu)

  • Brùth air an ìomhaigh Display

  • Tagh an taba Settings

  • Faodaidh tu rèiteachadh an scriona atharrachadh on seo

Nòta: Fhad ’s a tha thu an sin, coimhead air taba Effects. On sin faodaidh tu an roghainn ‘smooth edges of screen fonts’ option’ a shuidheachadh. Dh’fhaodadh seo taisbeanadh an teacsa air an scrion a leasachadh gu mòr.

 

Uaireannan tha e feumail modh taisbeanaidh an t-sireadair (browser) atharrachadh gu Full-Screen 

  • Brùth Iuchair Foincsean F11 (mar as trice aig mullach a’mheurchlàir)

  • Cuiridh seo an sireadair gu Full Screen Mode

  • Brùth F11 a-rithist airson tilleadh gu Normal View

Nòta: Chan eil seo ag obrachadh ach ann an MS Internet Explorer a-mhàin. 

Ma chlò-bhuaileas tu duilleag ’s gu bheil taobh deas na duilleig a dhìth, atharraich an clò-bhualadair gu ‘landscape’ agus feuch a-rithist.

 

Iuchraichean Foincsean Feumail Eile (MS Internet Explorer a-mhàin)

F5 ................................................ Ùraich an duilleag air a bheil thu a’coimhead

ALT - Biodag Chlì ........................ Air ais  

ALT - Biodag Dheas ..................... Air adhart

 

© Urras Nàiseanta na h-Alba