Tha thu an seo: Hiort An-diugh



Hiort an-diugh

  Coinnich ris an luchd-gleidhidh          
  A’ sgrùdadh Eachdraidh nan Daoine
 A’ sgrùdadh na h-Àrainneachd Nàdarra
 Ealan, Cànan agus Dualchas

  A’ riaghladh Hiort 


Dh’fhàg an còigeamh Iarla Bhòid Hiort aig Urras Nàiseanta na h-Alba mar dhìleab ann an 1957. Chaidh a chomharrachadh san aon bhliadhna mar Thèarmann Nàdair Nàiseanta le Glèidhteachas Nàdair (Dualchas Nàdair na h-Alba a-nis). Dìreach mus do chaochail e, dh’aontaich Iarla Bhòid pìos beag fearainn a thoirt air mhàl do Mhinistrealachd an Dìon mar stèisean-lorgaidh ràdair airson raon nan urchraichean ann am Beinn a’ Bhaoghla ann an Innse Gall.(Chaidh an aonta màil ùrachadh ann an 1976 airson 25 bliadhna eile.)

An-diugh, tha na trì buidhnean seo, Urras Nàiseanta na h-Alba, Dualchas Nàdair na h-Alba agus Ministrealachd an Dìon, ag obair ann an co-bhanntachd gus program glèidhteachais agus rannsachaidh a leudachadh air na h-eileanan airson a bhith cinnteach gun tèid Làrach Dhualchas na Cruinne a chumail gu math agus a dhìon.

Chaidh Hiort a chomharrachadh iomadh uair aig ìre eadar-nàiseanta airson dualchas agus nàdar air leth.

Liosta comharrachaidh



Sràid a’ Bhaile
Dealbh: Urras Nàiseanta na h-Alba

A’ riaghladh Hiort

 Urras Nàiseanta na h-Alba
 Dualchas Nàdair na h-Alba
  Ministrealachd an Dìon


     Urras Nàiseanta na h-Alba

Tha uallach air an Urras dèanamh cinnteach gum bi gleidheadh buan air an eilean, a chum math na rìoghachd, mar a tha sin air a shònrachadh san lagh-chomasachaidh, Achdan Dearbhaidh Òrduigh Urras Nàiseanta na h-Alba 1935 agus 1938. Tha seo a’ gabhail a-steach nàdar, dualchas agus dealbh-tìre nan eilean. Cuideachd, ann an 1986 chomharraich UNESCO Hiort mar a’ chiad Làrach Dhualchas na Cruinne ann an Alba. Tha an sònrachadh seo a’ cur dleastanas eadar-nàiseanta air an Urras gus dèanamh cinnteach gu bheil dualchas nàdair nan eilean air a dhìon is air a ghleidheadh.

Eadar 1957 is 2003 bha riaghladh an eilein fo sgèith Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) agus bha e air a riaghladh fo aonta com-pàirteachais eadar an t-Urras, SNH agus Ministrealachd an Dìon (MoD). Dh’atharraich seo san t-Sultain 2003 nuair a thug SNH ‘Inbhe Cheadaichte’ dhan Urras gus Hiort a riaghladh gu dìreach mar Thèarmann Nàdair Nàiseanta.

Tha an com-pàirteachas fhathast a’ riaghladh nan eilean, agus chaidh a leudachadh gu bhith a’ gabhail a-steach (a bharrachd air an Trust, SNH agus MoD) Alba Eachdraidheil, QinetiQ (riochdairean MoD) agus Comhairle nan Eilean Siar. Bidh riochdairean o gach buidheann a’ coinneachadh gu cunbhalach gus aontachadh air cùisean mu ro-innleachd agus an dòigh sa bheil Hiort air a riaghladh. Tha an t-Urras cuideachd a’ cur neach-raoin agus airceòlaiche an dreuchd airson an t-sèasoin, le taic airgid bho SNH agus Alba Eachdraidheil.

Fon lagh-comasachaidh, tha an t-Urras a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothroman aig a’ mhòrshluagh tadhal air na làraichean aca airson toileachaidh far a bheil sin comasach. Ri linn cho doirbh ’s a tha e faighinn a Hiort, tha an t-Urras a’ toirt cothrom a dhol ann tro phrogram nam buidhnean-obrach. Tha fàilte ro dhuine sam bith a thig ann air an ceann fhèin, ach feumar sùil a chumail air na h-àireamhan air sgàth cho cùramach ’s a dh’fheumar a bhith mu nàdar ’s mu dhualchas nan eileanan. Tha an t-àite mar sin ga riaghladh, mar a dh’fheumar, gus nach toirear droch bhuaidh air na h-eilean. Tha an t-Urras cuideachd ag obair air cothroman a thoirt gus barrachd tuigse agus luach a chur air Hiort, chan ann a-mhàin do dhaoine a ruigeas na h-eileanan, ach cuideachd do dhaoine san fharsaingeachd nach urrainn tadhal.

Airson fiosrachadh mu chùis sam bith co-cheangailte ri Hiort nach eil a’ nochdadh air an làrach-lìn seo, cuir fios gu:

Urras Nàiseanta na h-Alba
Stìuiriche nan Eilean Siar
Taigh Bhaile an Fhàin
40 Sràid Hùnndaidh
Inbhir Nis
IV3 5HR

Fòn: 01463 232 034


A’ fosgladh an taigh-tasgaidh ann an Taigh 3, 1982
Dealbh: Taighean Tasgaidh Ghlaschu

Chan e roinn dhen riaghaltas a tha ann an Urras Nàiseanta na h-Alba, ach buidheann-charthannais neo-eisimeileach le taic on bhallrachd. Feuch an toir thu taic dhan obair againn le bhith a’ tadhal air na làraichean againn, a’ toirt tìodhlac airgid dhuinn, no a’ cur dìleab air dòigh. Faodaidh tu ar cuideachadh le gabhail dhan Urras. Ma bhios tu na do bhall, faodaidh tu tadhal air na làraichean againn an asgaidh. Bidh thu mar sin a’ cuideachadh dualchas Alba – Hiort na mheasg – gu bhith tèarainte san àm ri teachd.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, theirig chun a’ phrìomh làrach-lìn againn:

http://www.nts.org.uk

no cuir fios thugainn aig:

Urras Nàiseanta na h-Alba
Cidhe Hermiston
5 Rathad Cultins
Dùn Èideann
EH11 4DF
Fòn: +44 (0)131 458 0200
From outside the UK:
Tel: +44 (0)131 458 0303
Post-dealain: information@nts.org.uk


      Dualchas Nàdair na h-Alba

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) a’ riaghladh Hiort mar Thèarmann Nàdair Nàiseanta (NNR). Tha iad fhèin agus Urras Nàiseanta na h-Alba (NTS a’ maoineachadh neach-gleidhidh ann a’ Hiort fad an t-seasoin (stèidhte ann an Taigh a’ Bhàillidh) agus ’s e an obair aigesan na h-eileanan a riaghladh mar TNN. Tha an dleastanas orra cuideachd airson obair an airm sna h-eileanan a riaghladh agus smachd a chumail air.

Tha Hiort air aon de 71 Thèarmann Nàdair Nàiseanta (NNR) ann an Alba. Tha an t-uabhas eòin-mhara ann a’ Hiort (nam measg an àireamh as motha air an t-saoghal de shùlairean ceann a tuath a Chuain Shiar). Tha na caoraich, na luchainn feòir agus na dreathain donn gun shamhail. Rinn SNH sgrùdadh o chionn ghoirid a thug tuilleadh fiosrachaidh air beartas beatha na mara timcheall nan eileanan. Tha e mar dhleastanas air NNR na feartan sin a dhìon (a bharrachd air cùisean lusan, geòlais, airceòlais is dualchais), agus cuideachd a bhith a’ cur modh-riaghlaidh math air adhart, rannsachadh agus toileachadh dhan mhòrshluagh. ’S ann ainneamh a thig barrachd air 2000 duine sa bhliadhna. Mar sinn ’s ann o thruailleadh mara agus o lusan is ainmhidhean nach buin dhan àite a dh’fhaodadh tighinn a-steach as motha a tha an cunnart. Feumaidh bàtaichean daoine agus uidheamachd a chur air tìr ann an geòla, gun fhios nach tig radain no mionc dha na h-eileanan; chan fhaod coin tighinn air tìr. Tha seo airson na caoraich agus na h-eòin a dhìon, agus gus bacadh a chur air fiolan fionn nan caorach o thighinn dha na h-eileanan.(Comhairle do luchd-tadhail)

Tha Urras Nàiseanta na h-Alba air fo-laghan a stèidheachadh ach tha na h-eileanan air an dìon cuideachd le laghan eile tro Dhualchas Nàdair na h-Alba, Alba Eachdraidheil, Comhairle nan Eilean Siar, etc. ’S iad na comharrachaidhean sa bheil SNH an sàs Sgìre Bòidhchead Nàiseanta, Ionad de Shuim Shònraichte Shaidheansail (fo Achd an Fhiadh-bheatha ’s na Dùthcha 1981), Àite Sònraichte Dìona (fo Òrdugh Eòrpach nan Eun), Àite Sònraichte Glèidhteachais a thatar a’ moladh (fo Òrdugh Eòrpach nan Àrainn ’s nan Gnè) agus Làrach Dhualchais na Cruinne. Tha Hiort cuideachd na Làrach Ath-sgrùdaidh Geòlais agus na Sgìre-Chomhairleachaidh Mara, agus tha a’ mhòrchuid dhe na togalaichean agus na làraichean airceòlais nan Seann Làraich Chlàraichte. San Damhair 2003 ghluais riaghladh NNR Hiort bho Dhualchas Nàdair na h-Alba gu Urras Nàiseanta na h-Alba (Naidheachan). Tha an Oifis Sgìreil ann an Stadhlaigearraidh ann an Uibhist a Deas fhathast a’ coileanadh obair reachdail Dhualchas Nàdair na h-Alba airson Hiort.

 

Dh’fhoillsich SNH postairean/cairtean puist, bileag dhathte, dhà-chànanach mun Tèarmann Nàdair Nàiseanta agus bhideo goirid ann an Gàidhlig is Beurla mu bheatha na mara. Tha iad rim faotainn o Urras Nàiseanta na h-Alba no bho SNH.

Dualchas Nàdair na h-Alba
Stadhlaigearraidh
Uibhist a Deas
HS8 5RS
Breatainn
Fòn: (+44) 01870 620238
http://www.snh.org.uk


Tha an àireamh as motha air an t-saoghal de
shùlairean cheann a tuath a’ Chuain Shiar air Hiort

Dealbh: Jim Vaughan


Ministrealachd an Dìon

Chaidh ionad Mhinistrealachd an Dìon air Hiort a stèidheachadh ann an 1957 mar stèiseanlorgaidh ràdair airson raon nan urchraichean ann am Beinn a’ Bhaoghla, Innse Gall. Tha QinetiQ a’ ruith an ionaid às leth Ministrealachd an Dìon. ’S e luchd-obrach sìobhalta on chompanaidh stiùiridh QinetiQ bho 1998. Tha luchd-obrach san ionad fad na bliadhna. Tha seo a’ dèanamh obair nam buidhnean glèidhteachais gu math nas fhasa.


Ionad QinetiQ
Dealbh: Calum Ferguson

© Urras Nàiseanta na h-Alba