Tha thu an seo:
Hiort An-diugh > A’ sgrùdadh na h-Àrainn Nàdarra > Caoraich Shòdhaigh


Proiseact Caoraich Shòdhaigh 

Buinidh caoraich Shòdhaigh do dh’Eilean Shòdhaigh. ’S dòcha gur e seo a’ chaora challa as tràithe a tha fhathast am bith. Chan eil cinnt cò às a thainig caoraich Shòdhaigh o thùs. Tha an seann fhacal Lochlannach Sauda-ey a’ ciallachadh Eilean nan Caorach. Mar sin, ’s iongantach mura robh iad ann a’ Sòdhaigh ri àm nan Lochlannach (an 9mh ’s an 10mh linn AD).

Gu 1932, nuair a chaidh treud de 107 caora à Sòdhaigh a thrusadh agus a chur a Hiort, cha robh sìol fhìor de chaoraich Shòdhaigh ri fhaighinn ann an àite sam bith eile.

Tha a h-uile gin de chaoraich Shòdhaigh air an t-saoghal air tighinn bhon fheadhainn air Sòdhaigh ann a’ Hiort. ’S e caoraich bheaga a th’ annta agus tha iad air eisimpleir cho tràth ’s a th’ ann air caoraich air an cumail le daoine. ’S iongantach gun tàinig atharrachadh sam bith orra bho chionn iomadh mìle bliadhna. Chan eil duine cinnteach cuin dìreach a thàinig na caoraich a Hiort, ach bidh e coltach on fhianais gun tàinig iad còmhla ris a’ chiad luchd-tuineachaidh bho chionn timcheall air 4000 bliadhna. Nuair a ràinig na Lochlannaich eileanan Hiort san 9mh agus san 10mh linn AD, thug iad Sauda-ey – ‘Eilean nan Caorach’ air an eilean.

Suas gu 1932 cha robh Sòdhaich le gintinn glan rim faotainn ach ann an Sòdhaigh. Chaidh an uair sin treud de 107 Sòdhach a chur air Hiort fhèin. An-diugh, tha treudan de chaoraich Shòdhaigh air feadh an t-saoghail.

Tha treudan gun riaghladh sam bith an-diugh ann an Sòdhaigh agus ann a’ Hiort agus, bho na 1950an, tha ùidh mhòr air a bhith aig bith-eòlaichean ann an atharraichean sna h-àireamhan aca. An-dràsta, tha luchd-rannsachaidh bho ghrunnan oilthighean is ionadan rannsachaidh an sàs ann an sgrùdadh eadar-dhreuchdail air nithean a tha a’ toirt buaidh air eag-eòlas àireamhan nan caorach ann a’ Hiort. Chaidh an rannsachadh seo fhoillseachadh bho chionn ghoirid:
Clutton Brock, T.H. & Pemberton J. (2004) Soay Sheep air fhoillseachadh le Cambridge University Press. ISBN 0521823005


Reithe na ruith
Dealbh: Ken Wilson

Clàradh le taing do Thasglann Fuaim Leabharlann Nàiseanta Bhreatainn

Tha iomadh cuspair sgrùdaidh ann, mar an ceangal a tha eadar àireamhan caoraich Shòdhaigh agus na lusan a tha a’ fàs ann a’ Hiort agus an t-adhbhar a tha, no nach eil, adhaircean air na caoraich seo. Gach bliadhna, thathar a’ beireachdainn air na h-uain san sgìre sgrùdaidh ann am Bàgh a’ Bhaile. Tha na h-uain air an tomhas, sampaill fala gan toirt bhuapa agus comharra a’dol orra mus tèid an leigeil mu sgaoil. Aon uair ’s gu bheil uan air a chomharrachadh, tha e furasta aithneachadh agus cumar sùil air fad iomadh bliadhna.

Prìomh bhuilean a’ phroiseict gu ruige seo:

  • Tha àireamhan nan caorach ann a’ Hiort agus ann am Boraraigh a’ dol suas is sìos aig an aon àm.
  • Tha an àireamh a’dol sìos nuair a tha na h-àireamhan àrd agus a tha droch shìde ann sa gheamhradh, ach tha e fhathast doirbh a ràdh le cinnt.
  • ’S e na reitheachan as sine agus le adhaircean àbhaisteach as soirbheachaile a thaobh gintinn, ach (mar a sheall rannsachadh DNA) tha reitheachan òga gun adhaircean cuideachd a’ gintinn uain gu math tric.
  • Mar as motha a tha caoraich Shòdhaigh air gintinn nam measg fhein, ’s ann as lugha a tha de dhìon aca an aghaidh bhiastagan agus chan eil iad cho buailteach a bhith soirbheachail a thaobh gintinn.

Muinntir an airm a’ clàradh fiosrachadh an uain a chaidh a chomharrachadh
Dealbh: Davina Graham

Treud reitheachan
Dealbh: Ken Wilson

Luchd rannsachaidh a’ gabhail beachd air caoraich Shòdhaigh
Dealbh: Ken Wilson

Tuilleadh Fiosrachaidh

Jewell, P.A. et al. 1974 Island Survivors: The Ecology of the Soay Sheep of St Kilda  Athlone Press, Lunnainn

Clutton-Brock, T.H. et al. 1991 'Persistent instability and population regulation in Soay sheep' Journal of Animal Ecology 60, 593-605

Gulland, F.M.D. 1992 'Epidemiology of nematode parasites in Soay sheep (Ovis aries L.) on St Kilda'  Parasitology 105, 481-492

Illius, A.W. et al. 1995 'Selection for foraging efficiency during a population crash in Soay sheep' Journal of Animal Ecology 64

Proiseact Caoraich Shòdhaigh


© Urras Nàiseanta na h-Alba