Tha thu an seo:
Hiort An-diugh > A’ sgrùdadh na h-Àrainn Nàdarra > Eòin-mhara


Eòin-mhara

JNCC Eòin-mhara 2000 agus Rannsachadh Eòin-mhara air Hiort

Sa Chèitean, san Ògmhios agus san Iuchar 1999, chunnt buidheann eun-eòlaichean na bha de dh’eòin-mhara a’ sìolachadh ann a’ Hiort. ’S e luchd saidheans o Cho-chomataidh Glèidhteachais Nàdair (CCGN), buidheann-chomhairleachaidh Riaghaltas Bhreatainn, a bha an urra ris an rannsachadh. ’S ann an 1987 a chaidh cunntas mhòr a dhèanamh ann a’ Hiort roimhe. Bha cunntas 1999 mar phàirt de phroiseact nas motha, Seabird 2000, a tha ag amas air a h-uile eun-mara a tha a’ sìolachadh ann am Breatainn ’s ann an Èirinn a chunntas.

Tha còrr is leth mhillean eun-mara a’ sìolachadh ann a’ Hiort. Tha an t-àireamh as motha air an t-saoghal de shùlairean an seo le còrr is 60,000 pàidhir. Tha an clàr gu h-ìseal a’ sealltainn nan àireamhan airson 1999 agus 1987 de chuid dhe na h-eòin. Chaidh a h-uile h-aon eun, pàidhir no nead (a rèir dè an gnè a bh’ann) a chunntas gu mionaideach. Bha seo uabhasach trom air na sùilean nuair a thàinig e gu na sùlairean, oir chì thu iad mar spotan geala air feadh bhearraidhean a tha 300m de dh’àirde. Ged a chaidh a’ mhòrchuid dhe na h-eòin air Hiort fhèin a chunntas air tìr, chaidh an fheadhainn air na h-eileanan eile a chunntas on dà shoitheach-rannsachaidh againn, MV Cuma agus Popular Diver, oir bha e cho doirbh faighinn thuca. Chan eil e furasta a bhith a’ coimhead tro phrosbaig air soitheach luasganach ann an sruth a’ Chuain Shiar agus chan eil e furasta air an stamaig uaireannan nas mò.


Deagh spiris airson eòin-mhara a chunntas air bearraidhean àrda Hiort
Dealbh: Ian Mitchell

Dithis ag obair còmhla gus nach bi mearachdan ann. Chunntadh a h-uile pàidhir de 64,842 pàidhear fhulmairean air bearraidhean Hiort
Dealbh: Ian Mitchell

De na gnèithean nach eil sa chlàr, chaidh na sùlairean a chunntas mu dheireadh on iarmailt do dh’Ionad an Eigeòlais agus Stòras Uisge na Tìre mar phàirt de sgrùdadh a bhithear a’ dèanamh a h-uile 10 bliadhna air àitichean-neadachaidh nan sùlairean ann am Breatainn. Chaidh tòiseachadh air na buthaigirean, fachaich, luaireagan agus gobhlain-mhara a sgrùdadh ann an 1999. Thathar ag amas crìoch a chur air sgrùdadh nan eòin sin, a tha a’ fuireach ann an tuill fon talamh, ann an 2000. Ged a tha am buthaigire am muigh tron latha, chan eil na luaireagain agus na fachaich. Mar sin,’s e fuaim a thathar a’ cleachdadh airson an cunntas seach fradharc. Tha gairm luaireagain is fhachaich air teip ga chluiche ann an àite-neadachaidh iomchaidh agus bidh na h-eòin a tha a’ neadachadh a’gairm air ais. Seo a’ chiad turas a chaidh cunntas cheart a dhèanamh air na gnèathan seo ann a’ Hiort. Tha e uabhasach cudromach fhaighinn a-mach cia mheud dhe na gobhlain-mhara a tha a’ neadachadh ann a’ Hiort, oir chan eil ach beagan cheudan phàidhrichean a’ neadachadh ann an àitichean eile ann am Breatainn. Mar sin, ’s iongantach mura h-ann air Hiort a tha an àireamh as motha air an taobh seo dhen Chuan Shiar.

 


A’ cunntadh nam mìltean de thuill bhuthaigirean air leòidean casa Bhoraraigh
Dealbh: Ian Mitchell

Gnè 1987 1999
Fulmaire 62,786 64,842
Sgarbh 52 20
Fasgadair mòr 52 163
Faoileag 0 1
Farspach bheag 154 25
Faoileag ghlas 59 6
Farspach 56 10
Fàireag 7,829 3,886
Eun dubh an sgadain * 22,705 23,457
Làmhaidh * 3,814 2,545

Àireamhan nan eòin-mhara a bha a’ sìolachadh air Hiort ann an 1999 an taca ri cunntadh 1987. (Dàta: JNCC)

*    (’s e àireamh nan eòin aig ìre sìolachaidh a tha ann airson eun dubh an sgadain agus an làmhaidh, agus àireamh phàidhrichean a tha a’ sìolachadh ann an càch)


Luchd sgrùdaidh a’ dol air tìr ann am Boraraigh
Dealbh: Ian Scott

Prosbaigean gan cleachdadh gus àitichean fad às a chunntadh
Dealbh: Tim Dunn

Tuilleadh fiosrachaidh

Harris, M.P. & Murray, S. 1977. 'Puffins on St Kilda'. British Birds 70: 50-65.

Harris, M.P. & Murray, S. 1989. Birds of St Kilda. Institute of Terrestrial Ecology & Natural Environmental Research Council, UK.

Tasker, M.L., Moore, P.R. & Schofield, R.A. 1987. 'The seabirds of St Kilda'. Scottish Birds 15: 21-29 .

Wanless, S. & Murray, S. 1996. 'A census of the St Kilda Gannetry in May 1994'. Scottish Birds 18(3): 152-158.

 

Joint Nature Conservation Committee
Seabirds & Cetaceans
Dunnet House
7 Thistle Place
Obar Dheathain AB10 1UZ
Breatainn

Fòn: (+44) 01224 655704
URL: www.jncc.gov.uk


© Urras Nàiseanta na h-Alba