Tha thu an seo: Àm a dh’fhalbh > Creideamh agus Dualchas


Creideamh agus Dualchas

San 18mh linn, bha ministearan agus miseanairidhean gan cur chun an eilein na bu thrice. Chaidh eaglais agus mansa a thogail tràth san naoidheamh linn deug, agus bha sgoil ann o 1884.


A’ chlann san sgoil
Dealbh: Urras Nàiseanta na h-Alba

’S ann de mhuinntir Innse Gall a bha na Hiortaich agus ’s e a’ Ghàidhlig a bha aca. Bha an aon seòrsa aodaich orra ri muinntir nan Eilean Siar. Ann an 1697 sgrìobh Màrtainn Màrtainn gun robh iad measail air ceòl is geamachan. Aig deireadh an naoidheamh linn deug bha iad air gabhail ri Eaglais Shaoir na h-Alba agus cha robh uiread de dh’fhaoineas nam beatha.


Boireannaich Hiortach ann an 1886
Dealbh: Cruinneachadh George Washington Wilson, Oilthigh Obar Dheathain

© Urras Nàiseanta na h-Alba