Tha thu an seo: Hiort An-diugh > A’ sgrùdadh na h-Àrainn Nàdarra


A’ sgrùdadh na h-Àrainn Nàdarra                    

Toiseach Tòiseachaidh
Gnàth-shìde
Fàsmhorachd
Eòin-mhara 
Beatha na Mara 
Caoraich Shòdhaigh 
Luchainn & Dreathain Donn

Tha ùidh mhòr air a bhith ann an eachdraidh nàdarra Hiort o mheadhan an 19mh linn chun an latha an-diugh. Tha e a-nis fo riaghladh Dhualchas Nàdair na h-Alba. Thòisich proiseact rannsachaidh air caoraich Shòdhaigh sna 1950an agus tha e a’ dol fhathast. Chaidh iomadh sgrùdadh cudromach a dhèanamh air na h-eòin-mhara a tha air na h-eileanan agus mun cuairt orra.

O chionn beagan bhliadhnaichean tha ùidh ann am beatha na mara air a dhol am meud. Bidh mòran dhaoibhearan a’ tadhal air Hiort airson rannsachadh fo na tuinn. Tha na h-eileanan seo uabhasach tarraingeach do dhaoibhearan oir tha an t-uisge cho soilleir agus an t-àite cho iomallach. Chan eil sgrùdadh ga dhèanamh an-dràsta air na dreathain donn no air na luchainn feòir ach bidh an neach-gleidhidh a’ cumail sùil orra.


An t-Oll. Peter Jewell nach maireann, a chuir air dòigh mòran dhen rannsachadh air caoraich Shòdhaigh ann a’ Hiort
Dealbh: Peter Jewell

© Urras Nàiseanta na h-Alba