Tha thu an seo: Hiort an-diugh > A’ sgrùdadh Eachdraidh nan Daoine > Nithean san Taigh-tasgaidh


Nithean san Taigh-tasgaidh

Tha nithean à Hiort ann an grunnan thaighean-tasgaidh is ionadan air feadh Alba is ann an àitichean eile, ach tha an cruinneachadh as motha ann an Taighean-tasgaidh Ghlaschu. Tha an cruinneachadh seo gun shamhail, agus chan eil rian nach e cruinneachadh cho cudromach ’s a tha ann am Breatainn co-cheangailte ri sluagh is airceòlas. Tha cruinneachadh an taigh-tasgaidh fhèin ann agus cruinneachadh Urras Nàiseanta na h-Alba (a tha air iasad fad-ùine aig Seirbheis nan Taighean-tasgaidh). Tha rudan annasach ann mar ribean air an dèanamh de dh’itean ’s de ghaoisid airson eòin-mhara a ghlacadh, uighean dreathan donn Hiort a chruinnich Uilleam MacCuithein (a bhuineadh do Hiort), stocainnean clòimhe agus clò, liagh de chnàimh muic-mhara, cuibheall shnìomh à Hiort agus long litrichean. Tha fiù ’s a’ chiad eathar a bhiodh a’ coinneachadh an SS Dunara Castle ( a bhiodh a’ dol a Hiort bho na 1870an) ann. Tha iomadh litir is rud eile ann cuideachd.


Cuibheall shnìomh à Hiort
Dealbh: Taighean-tasgaidh Ghlaschu

Tha Taighean-tasgaidh Ghlaschu air iomadh taisbeanadh a chur air adhart mu Hiort, mar St Kilda, Past & Present ann an 1980 agus St Kilda Explored ann an 1995-96. Thadhail am fear mu dheireadh dhiubh ann an iomadh àite air taobh an iar Alba ann an 1996-97.

Chan eil càil à Hiort ga thaisbeanadh an dràsta, ach thathar an dùil taisbeanadh mu Hiort a chur air dòigh ann an Taigh-tasgaidh Kelvingrove ann an 2004. Bidh an taisbeanadh seo ann cha mhòr fad na h-ùine. Tha an Taigh-tasgaidh dùinte o fhoghar 2002 airson a leasachadh gu tur.

     
Taisbeanaidhean eadar-ghnìomhail ann an St Kilda Explored
Dealbh: Taighean-tasgaidh Ghlaschu


‘Long Litrichean’
Dealbh: Taighean-tasgaidh Ghlaschu

brùth airson tuilleadh fiosrachaidh

     
Pìosan crèadhadh o chladhach airceòlais
Dealbh: Taighean-tasgaidh Ghlaschu


Letter from Donald Ferguson, House 5, ordering tar and felt to repair the roof of his house
Photograph: Glasgow Museums

Tar-sgrìobhadh de litir às an tasg-lann:                Hiort 15mh An t-Iuchar 1897

Dear Sir,

Please send us a hogshead of coal tar, we only got two barrels & 4 lbs 2 inch nails. You must also send 28 slaps for the house & 7 yds of felt its empty on both sides of the chimys. The bull is of no use we are sending it back by the Dunara. please send for my mother 20 deals of groved wood to cover the walls inside 21 feet long inch thick.

I hope that you got everything send you by the Dunara quit safe, I have three casks of oil ready. Our weather is fine & warm. I'll have fish to send by the Dunara. I received your letter at present & got the book all right. Norman Gillies cow had her first calve last May.

Yours faithfully

Donald Ferguson

Further information can be obtained from:

Art Gallery & Museum
Kelvingrove
Glasgow
G3 8AG
United Kingdom.
Tel: (+44) 0141 287 2699
Fax: (+44) 0141 287 2690

Glasgow Museums are part of the City of Glasgow's Cultural and Leisure Services Department

http://www.glasgow.gov.uk

© The National Trust for Scotland