Tha thu an seo:
Hiort An-diugh > A’ sgrùdadh na h-Àrainn Nàdarra > Luchainn agus an Dreathan Donn


Luchainn agus an Dreathan Donn

Luchainn Hiort

Chleachd dà sheòrsa luch a bhith ann a’ Hiort. Bha iad le chèile nam fo-ghnè dhe na luchainn-taighe agus na luchainn-coille mar a gheibhear iad air tìr-mòr. ’S iongantach mura h-e na Lochlannaich a thug a Hiort iad. Cleas iomadh beathach eile a bha ann an àite iomallach, thàinig iad gu bhith eadar-dhealaichte on sinnsearan. Ann a’ Hiort, dh’fhàs iad na bu mhotha.


Luchainn-an-fheòir ann a’ Hiort
Dealbh: Urras Nàiseanta na h-Alba

Bha luchainn-taighe ann a’ Hiort an urra ri daoine airson a bhith beò oir bha iad ag ithe gràn is rudan eile a bhiodh aig na daoine. Nuair a dh’fhalbh na daoine ann an 1930, cha robh biadh ann agus chaidh iad à bith. Chan eil ann an-diugh ach sampaill ann an taighean tasgaidh.

Tha luchainn-an-fheòir fhathast pailt ann a’ Hiort agus air an Dùn. Cha robh iadsan riamh cho mòr an urra ri daoine agus, mar sin, cha deach iad à bith. Bidh iad ag ithe sheilcheagan, meanbh-fhrìdean, còinneach agus sìol. Gabhaidh iad cuideachd biadh o chlosaichean chaorach, eòin, ùbhlan, Mars bars no mìlsein sam bith eile a dh’fhàgas luchd-obrach nan laighe!

 

Dreathan Donn Hiort

’S e fo-ghnè dhen dreathan donn air tìr mòr a tha ann an dreathan donn Hiort. Cha do lorgadh e ach ann a’ Hiort, an Dùn, Sòdhaigh agus Bororaigh. Tha e nas motha na an dreathan donn air tìr mòr.


Dreathan donn fireann a’ sealltainn an ionaid aige sa Bhaile
Dealbh: Taighean-Tasgaidh Ghlaschu


Clàradh le taing do Thasglann Fuaim Leabharlann Nàiseanta Bhreatainn

Chan eil ach beagan cheudan phaidhrichean ann uile gu lèir. Tha e mar sin gu math tearc. Bha fèill mhòr air na h-eòin a bha air tighinn gu ìre agus air na h-uighean aca. Chleachd na Hiortaich a bhith a’ cruinneachadh nan uighean aca agus gan reic ri luchd-cruinneachaidh. Tha an dreathan donn an-diugh air a dhìon ann a’ Hiort.

O chionn beagan bhliadhnaichean, tha an neach-gleidhidh air a bhith a’ clàradh àireamhan nan dreathan donn as t-samhradh. Chaidh an cunntadh mu dheireadh ann a’ Hiort ann an 1993. Chaidh eadar 113 agus 117 pàidhir a chlàradh agus mapa a dhèanamh a’ sealltainn far an robhar an dùil a bha iad. Bha na h-àitichean còmhnaidh aca stèidhte air sgìrean far an deach an fheadhainn fhireann a chlàradh a’ seinn co-dhiù trì tursan, far an do lorgadh nead no àl, no far an robh eun a’ dèanamh gairm rabhaidh.

© Urras Nàiseanta na h-Alba