Tha thu an seo:
Hiort An-diugh > A’ sgrùdadh na h-Àrainn Nàdarra > Beatha na Mara


Beatha na Mara

Tha uisge soilleir timcheall Hiort agus tha iomadh seòrsa ainmhidh is lus ann, an dà chuid eadar loidhne àrd is ìseal an làin agus fon loidhne as isle.


Daoibhear a’ togail dhealbhannan de bheatha na mara
Dealbh: Rohan Holt

Tha na h-àitichean eadar loidhne àrd is ìseal an làin cha mhòr dìreach sa mhòrchuid dhe na h-eileanan. Tha ainmhidhean is lusan orra a tha air iad fhein a dhèanamh suas ri stoirmean a’ Chuain Shiar a bhios a’ gabhail dha na h-eileanan. Tha crios leathann gu h-àrd de bhàirnich gheala agus, gu h-ìseal, tha bann de dh’fheusgain dhubha le feamainn dhearg Mastocarpus stellatus a’ fàs air fheadh. Tha an uair sin creagan ann le feamainn bhàn-dhearg agus stiallan fada de dh’fheamainn ruadh. Ann an corra àite, far a bheil fasgadh o na tuinn, tha seòrsaichean de dh’fheamainn bhalgainn, Fucus spiralis agus Fucus distichus, a tha gu math tearc sa chòrr dhen rìoghachd.
Dìreach fo uachdar na mara tha ceilp a’ fàs gu pailt agus tha iomadh ainmhidh is lus na measg. Tha iomadh seòrsa spuing is cìoch na muice mara a’ còmhdach nan creagan am measg na ceilpe.

A’ dol sìos nas doimhne, far nach eil uiread de sholas, tha a’ cheilp nas taine. Ach gu h-iongantach, tha cuid de lusan ceilpe beò ann an doimhneachd a tha còrr is 45m an taca ri 25m air taobh an iar tìr-mòr na h-Alba agus dìreach 10-12m air an taobh an ear.


Coille ceilpe le cnagan-feannaig (Echinus esculentus)
Dealbh: Sue Scott

Chan eil mòran rùm ann agus tha gach ciadameatair de chreig làn dhen h-uile seòrsa dath is cruth. Tha flùr na gaoithe ann dhen h-uile seòrsa dath eadar uaine, pinc is dearg, meuran nam marbh (corail bog) orains, spuingean orains, buidhe, glas agus uaine, hydra agus còinnich pailt sna h-uisgeachan seo a tha cho beartach le planctan. Tha maorach, seilcheagan, gnamhain, crùbagan agus iomadh seòrsa crosgaig ann cuideachd.

 


Caileàideascop de chruthan is de dhathan a’ còmhdach nan creagan
Dealbh: Sue Scott


Gnamhan (Polycera sp.)
Dealbh: Rohan Holt


Crosgag (Asterias rubens) agus flùr na gaoithe (Sagartia elegans)
Dealbh: Sue Scott

Tha iasg pailt san uisge shoilleir. Tha sgaothan sgadan a’ deàrrsadh san uisge nuair a dheàlras a’ ghrian air na lannan airgeadach. Tha ròin, cearbain agus mucan-mara minke mu na cladaichean. Tha beatha na mara iongantach dha-rìreabh timcheall Hiort agus tha e air leth prìseil ann an dualchas nàdair Alba.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Dualchan Nàdair na h-Alba
2/5 Anderson Place
Dùn Eideann
EH6 5NP
Fòn: 0044 (0) 131 554 9797
Facs: 0044 (0) 131 554 7900
http://www.snh.org.uk


© Urras Nàiseanta na h-Alba