Tha thu an seo: Naidheachdan

Dè tha dol?


Naidheachdan

   Naidheachdan an Tasglainn (Ann am Beurla)

Bat recorded for the first time on St Kilda
Norman John Gillies, born Hiort, St Kilda 22nd May 1925, died 29 September 2013, Cambridge
Isle paint St Kilda - search for artists in residence starts
Virgin Holidays Responsible Tourism Award Winner 2012: Best destination for conserving architectural heritage
Disposable Brides - a Radio Scotland programme looks at the fate of Lady Grange who was kidnapped by her husband and exiled on St Kilda
St Kilda material on UNESCO website
Latha Hiort 2009
Cùisean Glèidhteachais Hiort
Uallach an Urrais mun MoD a’ falbh à Hiort
St Kilda – LIVE WEBCAST
St Kilda – Plockton Gallery
Hiort – Eileanan air an Inntinn
INBHE DHùBAILTE A THAOBH DUALCHAS NA CRUINNE DO DH'EILEANAN ALBANNACH SòNRAICHTE
àrainneachd Mhara A' Faotainn Dìon Dhualchas Na Cruinne
Inbhe Buidheann Ceadaichten
Aonta Màil Ministrealachd an Dìon
Naidheachd air Tagradh Inbhe na Cruinne
Eathraichean nan Dàn
Puinnsean ann am Pàrras
Beachdan mu Hiort
Plana Riaghlaidh Hiort 2002-2007
Pasgan a thugadh dhan Urras
Inbhe Làrach Dhualchas na Cruinne
Leabhraichean Ùra mu Hiort agus Innse Gall

Bat recorded for the first time on St Kilda

1st July 2014

Bat recorded for the first time on St Kilda
http://www.bbc.co.uk/news/uk-scotland-highlands-islands-28105541

Norman John Gillies, born Hiort, St Kilda 22nd May 1925, died 29 September 2013, Cambridge

3rd October 2013

Norman John Gillies, born Hiort, St Kilda 22nd May 1925, died 29 September 2013, Cambridge
http://www.scotsman.com/news/obituaries/obituary-norman-john-gillies-painting-and-decorating-department-manager-1-3122548

Isle paint St Kilda - search for artists in residence starts   

Isle paint St Kilda - search for artists in residence starts

10th April 2013

With its dramatic vistas, stark beauty and splendid isolation, St Kilda is a dream destination for many artists. This summer, two artists will be given the chance to take up 'residence' on the remotest archipelago in the UK.

The National Trust for Scotland and Taigh Chearsabhagh Museum & Arts Centre on North Uist have launched a call for artists to apply for two residency spots -this summer. Funded by the Year of Natural Scotland, the residencies are open to visual artists from all over the world, working in a variety of mediums.

St Kilda is in the care of conservation charity the National Trust for Scotland - it is the UK's only mixed World Heritage Site. In recent years, artists it has been visited by artists including Norman Ackroyd RA, Thomas Joshua Cooper and Claire Harkess.

St Kilda Property Manager Susan Bain said:

"The beauty, mythology and atmosphere of St Kilda have inspired many artists over the years. We hope that this opportunity attracts artists who can present a fresh take on the wild coastlines, fascinating history and unique heritage of this special place."

The resulting works will be exhibited at Taigh Chearsabhagh Museum & Arts Centre as part of their The Fragility of Flight project in 2014.

This programme commenced in 2005 and from 27 April till 27 July 27, Taigh Chearsabhagh will host an exciting exhibition of ornithological/environment-themed contemporary artwork from artists all over the world, including some from the Outer Hebrides. Artists include Claudia Losi, Dalziel + Scullion, Takaya Fuji, Edwyn Collins, Andrea Roe, Steve Dilworth and Deirdre Nelson.

For more information and to apply , download the packs and application form below.

Related Files

St Kilda residency application (DOC - 355 KB)
St Kilda residency guidelines (PDF - 3.28 MB)

Virgin Holidays Responsible Tourism Award Winner 2012: Best destination for conserving architectural heritage

8th November 2012

St Kilda was recognised as the Best Destination for Architectural Heritage at the Virgin Holidays Responsible Tourism Awards held in London yesterday.

The judges saw the National Trust for Scotland's work in St Kilda, the UK's only mixed-World Heritage site - important to both the cultural and natural heritage of the World - as a good example of the contribution which tourism can make to the maintenance of built cultural heritage in remote areas.

http://www.responsibletravel.com/awards/winners/2012.htm#destination

Disposable Brides - a Radio Scotland programme looks at the fate of Lady Grange who was kidnapped by her husband and exiled on St Kilda

http://www.bbc.co.uk/programmes/b00zm4wf

St Kilda material on UNESCO website

See: http://www.bbc.co.uk/news/10620788

Latha Hiort 2009

Latha Hiort 2009

Cùisean Glèidhteachais Hiort

Iuchar 2009

Carson a tha Hiort cudromach:

Tha Hiort air lrach dualchais cho cudromach s a th ann am Breatainn. S e Hiort an aon Lrach le Comharrachadh Dualchais Cruinneil Dbailte agus tha e ainmeil airson dualchas ndarra is culturail. Chan eil ach 25 lraich air an t-saoghal le inbhe chulturail is ndarra.

Tha Hiort air a bhith leis a charthannas ghlidhteachais bho 1957. Tha e air fear dhe na coloinidhean ein-mhara as cudromaiche ann an ceann an Ear Thuath an Atlantaig agus s ann ann a tha a choloinidh as motha de shlairean a chinn a tuath air an t-saoghal.

Seach gu bheil na h-eileanan cho iomallach, tha gnathan snraichte ann chan eil dreathan-donn Hiort no luch-feir Hiort rim faighinn an ite eile. Mhair caoraich Shdhaigh, an gn as trithe san Roinn Erpa, an seo agus tha iad air leth cudromach airson neo-thruaillidheachd an ginean air sgth cho iomallach s a tha iad.

Le fianais gun robh daoine an seo crr is 2000 bliadhna, tha an t-arc-elas iongantach a toirt dhuinn fiosrachadh air digh-beatha an eilein. Tha e cuideachd a sealltainn dhuinn na digh-beatha gun shamhail, agus nach eil ann a-nis, a bha aig muinntir an eilein mus do dhfhg iad an t-ite iomallach seo ann an 1930.

Is toigh le luchd-turais a bhith a tadhal an eilein tha dil ri timcheall air 5000 am-bliadhna agus bidh mran dhiubh a tighinn air soithichean-turais no air btaichean fastaichte. Bidh iomallachd agus bidhchead an ite iomallaich seo, le na bearraidhean mra agus na stacan-mara, nan cis-iongnaidh dhan luchd-turais, agus bidh mran dhiubh a faireachdainn dimheil dhan ite agus bheir iad taic dha fad am beatha.

An t-uallach a th oirnn:

  1. Cunnart dhan rainneachd ndarra

    Mura bidh daoine ann an stisean an airm ann a Hiort, tha sinn dhen bheachd gum faodadh seo a bhith na chunnart dhan rainneachd ndarra. s aonais luchd-obrach a bhith ann fad na bliadhna, tha cunnart ann gum faodadh btaichean agus luchd-tadhail gnathan eile agus dosganaich a thoirt a-steach gun fhiosta no a dh aon ghnothaich. Bhiodh for dhroch bhuaidh aig an sin air na h-ein-mhara ann a Hiort, air caoraich Shdhaigh agus air lusan an eilein. A bharrachd air an sin, bheireadh e nas fhaide mus tigeadh cobhair chun an eilein. Dhfhaodadh ola drtadh dhan mhuir no radain tighinn ri linn long-bhriseadh.

  2. Cunnart dhan arc-elas agus dha na togalaichean
  3. Dhfhaodadh na feartan arc-elais agus na togalaichean a bhith ann an cunnart bho bhandailean mura biodh luchd-obrach air an eilean fad na bliadhna. Mura deaghadh diligeadh san spot ri milleadh stoirmean a gheamhraidh, dhfhaodadh gum biodh trr obair craidh ri dhanamh air na togalaichean gu h-raidh timcheall air Bgh a Bhaile. Tha cunnart ann cuideachd gum faodadh bhandailean na lraich arc-elais a mhilleadh no gun deaghadh am milleadh gun fhiosta. Bheireadh sin buaidh air ar comas na tobhtaichean cudromach sin a sgrdadh agus ionnsachadh bhuapa.

  4. Riaghladh san m ri teachd

    Seach gum faodadh Ministrealachd an Don (MoD) luchd-obrach a ghluasad far Hiort, tha an t-Urras ag ath-bheachdachadh air mar a tha Hiort ga riaghladh agus thid beachdachadh am bu chir luchd-obrach agus luchd-rannsachaidh an Urrais a bhith ann pirt dhen bhliadhna no fad na bliadhna.

    Thathar a toirt sil agus a measadh na buaidh a bhiodh aig gach roghainn air dualchas an eilein, cho math ris a chosgais agus am modh-obrach a bhiodh an cois gach roghainn. Cuideachd, thathar a coimhead air a chosgais a bhios ann nuair a thilleas an MoD na togalaichean a tha iad a cleachdadh chun an Urrais agus chan eil dil gum bi sin beag.

  5. Buaidh air ionmhas

    Tha e cinnteach gum biodh cosgaisean a bharrachd air an Urras, agus s dcha air roinnean eile dhen Riaghaltas, nan gluaiseadh an MoD an luchd-obrach far an eilein. Tha sinn an-drsta a rannsachadh seo gu mionaideach ach dhfhaodadh seo na ceudan mhltean not a chosg gach bliadhna.
    Thigeadh a mhr-chuid dhen chosgais a bharrachd bho:

    • Cosgais luchd-obrach a bharrachd;
    • Cosgais siubhail a bharrachd;
    • Cosgais an lib nan togalaichean a dheaghadh a thilleadh chun an Urrais.

Na tha sinn ag iarraidh:

  • Beachdachadh math, cramach air a bhuaidh a bhiodh air dualchas an eilein nan toireadh MoD an luchd-obrach aca far an eilein;
  • Taic bhon MoD ma dhfhalbhas iad airson ullachadh a dhanamh fa chomhair nan cunnartan a chaidh a chomharrachadh a thaobh an ionmhais agus gu practaigeach.

An ath cheum:

  • Tha an t-Urras mar phirt dhen Sgioba-ghnomh a tha an-drsta a beachdachadh air buaidh molaidhean MoD air na h-Eileanan Siar gu lir agus riochdaichidh an t-Urras Hiort agus na cisean glidhteachais is dualchais co-cheangailte ris.
  • Tha an t-Urras ag ullachadh measadh air a bhuaidh gu lir a bhiodh aig molaidhean MoD mar a tha iad an-drsta air dualchas an eilein agus bidh seo mar bhunait do fhreagairt co-chomhairleachaidh an Urrais dhan MoD.

Ceistean is freagairtean:

Carson a tha an t-Urras a cur feum air MoD?
Tha an t-aonta seirbheis a th againn cmhla ri QinetiQ a ciallachadh gu bheil cothrom againn air uidheamachd agus sgilean a dhfheumamaid fhin a chur an ss s aonais MoD cram meidigeach, dealanairean, plumairean, ceanglaichean cmhdhail cunbhalach.

Nach eil seo a ciallachadh gun tid togalaichean MoD a ghluasad far an eilein?
Chan eil. Feumaidh MoD na h-uiread de thogalaichean a chumail ged nach biodh luchd-obrach ann. Tillidh na togalaichean eile chun an Urrais. N an t-Urras ln mheasadh gus faighinn a-mach d thachras dhaibh san m ri teachd. Dhfhaodadh gum feum an t-Urras cuid dhe na togalaichean sin a chumail a dol, gu h-raidh ma bhios luchd-obrach agus luchd-rannsachaidh an Urrais air an eilean fad na bliadhna.

D nan ceannaicheadh coimhearsnachd e?
Chan eil mran coltais ann gun tachradh seo. Chan eil e soilleir d a choimhearsnachd a dheaghadh os cionn a leithid agus bhiodh feum air tasgadh tomadach a thaobh ine is strasan, a bharrachd air na sgilean a bhiodh a dhth gus an dualchas a riaghladh a rir Inbhe Dualchais na Cruinne agus na snrachaidhean eile.

A bheil cunnart ann gun cailledh Hiort Inbhe Dualchais na Cruinne?
Tha an t-Urras agus a chompirtichean dealasach gus an dleastanasan a choileanadh co-cheangailte ri Lrach Dualchais na Cruinne. Ged a bhios an obair nas dorra ma dhfhalbhas MoD, tha sinn cinnteach gun lean an obair chudromach an seo air adhart le taic bho Riaghaltas na h-Alba agus bho Riaghaltas Bhreatainn agus na Buidhnean aca.

Uallach an Urrais mun MoD a’ falbh à Hiort

17 Ògmhios 2009

Thuirt Urras Nàiseanta na h-Alba gum bi e doirbh dhaibh àite le Inbhe Dhùbailte a thaobh Dualchas na Cruinne, Hiort, a chumail suas ma ghabhas Ministrealachd an Dìon (MoD) ri molaidhean gun luchd-obrach a bhith aca ann a’ Hiort.

Thòisich MoD air co-chomhairleachadh an-diugh, a mhaireas 30 latha, air modh obrachaidh an ionaid aca ann a’ Hiort san àm ri teachd. ’S e Hiort an t-eilean as motha sa bhuidheann eileanan seo. Dh’fhaodadh na molaidhean a bhith a’ ciallachadh gun rachadh luchd-obrach a ghluasad às an ionad.

Tha Hiort air a bhith aig Urras Nàiseanta na h-Alba, buidheann carthannais glèidhteachais, bho 1957. Thuirt iad gum faodadh ionad gun luchd-obrach milleadh a dhèanamh air na feartan a bha nam meadhan air na h-eileanan a bhith le Inbhe Dhùbailte a thaobh Dualchas na Cruinne. Chan eil ach 25 dhiubh sin air an t-saoghal.

Tha Inbhe Dhùbailte a thaobh Dualchas na Cruinne aig Hiort le comharrachadh an dà chuid airson nàdar agus cultar. ’S e Hiort àite cho cudromach ann an ceann an ear-thuath an Atlantaig airson àiteachan-tuineachaidh nan eòin-mhara. Nam measg tha an t-àite-tuineachaidh shùlairean as motha air an t-saoghal. Tha iomadh làrach arc-eòlais cudromach ann a tha a’ toirt fianais air dòigh-beatha an eilein fad iomadh mìle bliadhna.

Tha uallach air Urras Nàiseanta na h-Alba gun rachadh milleadh mòr a dhèanamh sa gheamhradh mura biodh luchd-obrach air an eilean. Dh’fhaodadh stoirmean no bhandailean togalaichean is carraighean a mhilleadh gun ghuth air, agus dh’fhaodadh an àrainneachd a bhith ann an cunnart bho bhàtaichean a bhiodh a’ dol seachad a’ toirt ghnèathan ainmhidhean eile a-steach. Bhiodh seo cunnartach do Làrach Dualchais na Cruinne.

Bhiodh gluasad gu ionad gun luchd-obrach cuideachd a’ cur barrachd cosgais air a’ bhuidheann carthannais oir tha iad a’ roinn sheirbheisean riatanach còmhla ri na goireasan aig MoD. Bhiodh siubhal dhan eilean na bu dorra agus cha bhiodh uiread de dh’àitichean fuirich ann do chunnradairean riatanach.

Thuirt àrd Cheannard Urras Nàiseanta na h-Alba, Kate Mavor:

Tha Hiort air leth cudromach a thaobh nàdar agus cultar an t-saoghail agus tha e na urram dhan Urras gu bheil a leithid a dh’àite fo chùram. Tha uallach oirnn nach bi luchd-obrach tuilleadh san ionad ann a’ Hiort. Às aonais taic an MoD agus am bun-structar a tha aca an sin, bhiodh e uabhasach doirbh dhuinn an cùram agus an aire a thoirt do Hiort a tha dhìth air.
Bhiodh mòran chosgaisean a bharrachd air an Urras gus ar n-obair an sin a chumail a’ dol agus gus dèiligeadh ri togalaichean MoD air nach biodh feum. Aig àm nuair a tha a’ bhuidheann a’ feuchainn gu mòr ri seasmhachd ionmhais a leasachadh, bhiodh e doirbh ruighinn air a’ chosgais seo. Ach ’s e am prìomh nì an cunnart a th’ ann dhan àrainneachd is dhan chultar a tha a’ fàgail gu bheil Hiort cho sònraichte. Dh’iarrainn air MoD beachdachadh gu math air na cùisean seo mus tig iad gu co-dhùnadh.

 

Oifis Mheadhanan Urras Nàiseanta na h-Alba. Cuir fios gu Sarah Cuthbert-Kerr air 0844 493 2483/ 07713 786 277

Notaichean an Deasaiche:

Tha Urras Nàiseanta na h-Alba na phrìomh charthannas glèidhteachais an Alba, agus tha e an urra ri taic ionmhais bho na buill gus obair chudromach air dualchas nàdair is cultair na h-Alba a mhaoineachadh gus gum meal gach duine ann an Alba iad.

Faodaidh tu gabhail ann an Urras Nàiseanta na h-Alba air cho beag ri 5 sa mhos airson teaghlach. Gus gabhail dhan bhuidheann, tadhail air http://www.nts.org.uk/Join/Benefits/.


St Kilda - LIVE WEBCAST

kilda logoGASD


'S e riochdachadh eadar-nàiseanta de theatar-ciùil nuadh-mheadhan a tha ann an "Hiort: Opara Eòrpach" a tha stèidhichte air sgeulachd Hiort.  Tha ceanglaichean-saideil beò, eadar Hiort agus gach àite sa bheil an riochdachadh air a shealltainn, a' toirt cothrom inntinneach air blasad fhaighinn de na h-eileanan mhìorbhaileach seo, 's tha iad air am fighe a-steach dhan cho-obrachadh làidir, chruthachail seo bhon là an-diugh. 

boy"St Kilda: A European Opera," is an international music-theatre new media production based on the story of St Kilda. Live satellite links between St Kilda and each venue allows for a tantalising glimpse of these spectacular islands, which is woven into this vibrant and contemporary creative collaboration.

 

 

 

Tha tiocaidean air fhàgail fhathast is ma tha ùidh agad annkilda glèidh do thiocaidean an-dràsta fhèin -air-loidhne tro www.thebooth.co.uk no bhon Lanntair (01851 703307). Bidh am BBC a' sealltainn webcast beò den taisbeanadh air oidhche Haoine - rach gu www.bbc.co.uk/stkildaopera agus coimhead a' phròiseact iongantach seo bho àite sam bith den t-saoghal.

There are still some tickets left, so if you are interested please kildabook your tickets soon - online through www.thebooth.co.uk or from An Lanntair (01851 703307). The BBC will be showing a live webcast of the production on Friday night - go to www.bbc.co.uk/stkildaopera and watch this incredible project from anywhere in the world.

 

 

 

dancers

 

 

Cuir seo air adhart gu do charaidean uile gus am bi iad nam pàirt den luchd-amhairc cruinne airson an taisbeanaidh shònraichte seo. Seo do chothrom a bhith nad phàirt dheth is mar sin na dìochuimhnich a dhol air loidhne an ath Dhihaoine (22mh) aig 20.20 GMT.

Please pass this on to everyone you know so that they can become part of the global audience for this unique production. This is your chance to be part of it so don't forget to log on next Friday (22nd) at 20.20 GMT.

 

 

Le gach deagh dhùrachd


Sgioba Hiort - The St Kilda Team
Website / Larach - lin
Myspace
Tickets (Scotland) / Tiocaidean (Alba)


St Kilda - Plockton Gallery
Claire Harkess RSW

9th June - 8th July 2007
Open daily 10am - 10 pm

St Kilda

This new exhibition of paintings by Claire Harkess documents both the starkness and the beauty of the island of St Kilda. These poetic water colour paintings are not reflections of a photographic vision but offer instead an artist’s impression and personal response to this extreme, inhospitable landscape and the birdlife it sustains. The images created are the visual expression of ideas of transience and endurance, balance and precariousness, darkness and light, and through them Claire reveals the essence of this hostile environment and allows the viewer to enter into the spirit of the place.

www.plocktongallery.com
The Plockton Gallery
The Manse,
Innes Street,
Plockton
IV52 8TW

tel/fax: +44(0)1599 544442
mob: 07747 777601


Gannets

Hiort – Eileanan air an Inntinn

20 Lùnastal - 22 Damhair 2005
Museum nan Eilean
Sgoil Lionacleit
Beinn na Fadhla

Tha an taisbeanadh Hiort – Eileanan air an Inntinn a' coimhead air an t-sealladh a tha aig daoine an-diugh air Hiort agus an sealladh a bha aig feadhainn eile air na h-eileanan nuair a thadhail iad orra ann an linn a dh'fhalbh.

San Iuchar 2005 chaidh faighneachd do ghrunnan dhaoine a bha ag obair ann a' Hiort dè bha a' dèanamh Hiort sònraichte dhaibhsan agus dè bha gan ceangal ris an àite. Chaidh na freagairtean aca a chleachdadh mar thoiseach tòiseachaidh an taisbeanaidh.

Tha mòran luchd-tadhail bho linntean a dh' fhalbh air am beachdan air Hiort a chlàradh. Tha grunnan dhiubh san taisbeanadh seo airson sealladh a thoirt air a liuthad beachd fa leth a bha aig daoine mu Hiort. Tha iad sin a' gabhail a-steach eadar a' chùnntas thràth aig Màrtainn Màrtainn ann an 1698 agus sgrìobhadairean san 20mh linn leithid Hammond Innes agus Raibeart Atkinson.

Chaidh buill-àrsaidh agus ìomhaighean, le ceangal ris an eilean, a tharraing bho na cruinneachaidhean aig Museum nan Eilean, Urras Nàiseanta na h-Alba agus Gaileiridh Ealain & Taigh-tasgaidh Inbhir Nis airson a dhol an cois nan sgeulachdan.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun taisbeanadh Hiort - Eileanan air an Inntinn cuir fios gu:-

Dana Nic a' Phì
Oifigear an Taigh-tasgaidh
Museum nan Eilean
Fòn. 01870 602864
dmacphee1a@fnes.net


Luchd-tadhail


Meileachan

INBHE DHùBAILTE A THAOBH DUALCHAS NA CRUINNE DO DH'EILEANAN ALBANNACH SòNRAICHTE

Leugh am brath naidheachd.


àrainneachd Mhara A' Faotainn Dìon Dhualchas Na Cruinne

Aig coinneimh ann an Suzhou ann an Sìona, leudaich Comann Foghlaim, Saidheans is Dualchais nan Dùthchannan Aonaichte (UNESCO) Làrach Dhualchas na Cruinne ann a' Hiort gu bhith a' gabhail a-steach àrainneachd na mara mu thimcheall nan eilean. Leugh am brath naidheachd a sgaoil Urras Nàiseanta na h-Alba, Dualchas Nàdair na h-Alba, Pàrlamaid na h-Alba agus Comhairle nan Eilean.


Inbhe Buidheann Ceadaichte

Air an 9mh dhen Damhair 2003 fhuair Urras Nàiseanta na h-Alba Inbhe Buidheann Ceadaichte bho Dhualchas Nàdair na h-Alba gus Tèarmann Nàdair Nàiseanta Hiort a riaghladh.

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba air a bhith ag obair ann an com-pàirteachas còmhla ris an Urras gus an làrach sònraichte seo a riaghladh o thainig fo sheilbh an Urrais ann an 1957, agus gu bhith na Thèarmann Nàdair Nàiseanta ann an 1957. Air sgàth gu bheil dualchas nàdair gun shamhail ann, tha Hiort a’ cur feum air sàr sgilean gus a bhith cinnteach gu bheil e air a riaghladh ceart. Thar nan 47 bliadhna mu dheireadh, tha Dualchas n~adair na h-Alba air taic a thoirt dhan Urras le na feumalchdan riaghlaidh sin agus tha iad air cuideachadh a thoirt dhan Urras ann a bhith a’ leasachadh sgilean riaghlaidh sònraichte agus eòlas.

Thuirt Alex Lindsay, Stiùiriche Urras Nàiseanta na h-Alba airson na Gàidhealtachd is nan Eilean: “Tha sinn uabhasach toilichte gun d’fhuair sinn aithne airson ar n-oidhirpean gu bhith a’ leasachadh ar sgilean ann an riaghladh an Tèarmainn Nàdair Nàiseanta, agus gun d’fhuair sinn inbhe Buidheann Ceadaichte mar am buidheann le uallach airson riaghladh Hiort. O chionn ghoirid, tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth còmhla ri Dualchas Nàdair na h-Alba agus ar com-pàirtichean ann an riaghladh Hiort gus plana riaghlaidh farsaing ullachadh airson nan eilean agus tha sinn toilichte gum bi sinn a’ leantainn oirnn ag obair ann an com-pàirteachas gus dèanamh cinnteach gum bi an t-àite iongantach seo air a dhìon gu bràth.”

Ann a bhith ag innse gur e an t-Urras am buidheann ceadaichte airson riaghladh an Tèarmainn Nàdair Nàiseanta ann a’ Hiort, thuirt ceannard Dualchas Nàdair na h-Alba, Ian Jardine: “Tha ceangal air a bhith aig Dualchas Nàdair na h-Alba agus na buidhnean a chaidh romhainn ri Hiort o chionn fhada, ag obair còmhla ri Urras Nàiseanta na h-Alba thar dà fhichead bliadhna. Rè na h-ùine seo, tha sinn air a bhith a’ feuchainn ris an aire a thoirt air na h-eileanan miorbhuileach seo agus air an fhiadh-bheatha mar nithean prìseil, gun shamhail, an dà chuid a thaobh nàdair agus a thaobh dualchais. Bha e riamh air fear de na Tèarmainn Nàdair Nàiseanta as sònraichte ann an Alba. Mar Làrach Dhualchas na Cruinne, tha aire agus sgrùdadh eadar-nàiseanta air riaghladh Hiort agus tha uallach mòr an cois seo. Tha mi toilichte a dhaingneachadh gur e Urras Nàiseanta na h-Alba am buidheann ceadaichte airson riaghladh Tèarmann Nàdair Nàiseanta Hiort. Tha mi cuideachd toilichte a bhith a’ toirt taic dhan Urras san obair chudromaich seo.”


Aonta Màil Ministrealachd an Dìon

The Ministrealachd an Dìon agus Urras Nàiseanta na h-Alba air an ainmean a chur ri aonta màil ùr gus dualchas nàdair is culturach Hiort a dhìon airson 25 bliadhna eile.
Tha seo a’comharrachadh rùn an dà bhuidhinn gus dèanamh cinnteach gun cumar a’ toirt an aire air Làrach Dhualchas na Cruinne agus ga dhìon. Tha Hiort mu thràth na Làrach Dhualchas na Cruinne air sgàth dualchas nàdair, agus chaidh tagradh a dhèanamh gu UNESCO airson inbhe dhùbailte a thaobh inbhe Dhualchas na Cruinne a bhios a’ còmhdach a’chultair cho math ri àrainneachd na mara. Thàinig Ministrealachd an Dìon a Hiort an toiseach ann an 1957, bliadhna an dèidh dhan 5mh Marcais Bhòid na h-eileanan a thoirt dhan Urras mar thìodhlac. Aig an àm sin,bha raon deuchainn rocaidean an Airm ga stèidheachadh faisg air Beinn a’ Bhaoghla agus, an-diugh, tha an radar agus goireasan eile ann a’ Hiort gan cleachdadh mar stèisean deuchainn is measaidh mar phàirt de raon nan urchraichan ann an Uibhist a Deas. Tha luchd-ionaid na Ministrealachd, QinetiQ, Ltd. a’ riaghladh nan nithean sin an-dràsta.


Naidheachd air Tagradh Inbhe na Cruinne

Sa Ghearran 2003 chuir Pàrlamaid na h-Alba ainmeachadh air ath-sgrùdadh [Sgrìobhainn Ainmeachaidh] gu UNESCO a’ sireadh tuilleadh leudachaidh san inbhe sna roinnean Dualchas Nàdarra agus Seallaidhean Tìre Dualchasach air sgàth dualchas sònraiche nan uisgeachan timcheall nan eileanan, agus an eisimpleir gun shamhail a tha na h-eileanan a’ toirt dhuinn air eachdraidh is cultar Alba.

San Damhair 2003, chaidh Neach-measaidh, a bha ag obair às leth UNESCO, a Hiort còmhla ri Robin Turner, Ceannard Airceòlais Urras Nàiseanta na h-Alba agus riochdaire o Phàrlamaid na h-Alba. Ged a bha droch shìde ann, lasaich i greiseag agus fhuair sinn ann is às ceart gu leòr. Bha i blàth airson an àm sin dhen bhliadhna agus fhuair sinn cothrom air a dhol air feadh Hiort fhèin.

Dh’fhaighnich an neach-measaidh mòran cheistean mu riaghladh nan eilean. Chaidh aice air coimeas a dhèanamh eadar na bha ann am Plana Riaghlaidh Hiort agus anns an Sgrìobhainn Ath-ainmeachaidh agus na chunnaic i. Ged nach bi aithisg an neach-measaidh ri fhaotainn gu earrach 2004, tha a h-uile coltas gun do shaoil i tòrr dhen àite agus cuideachd de mhodh riaghlaidh nan com-pàirtichean a tha a-nis a’ ruith nan eilean. Cluinnear an tagradh airson làrach dualchas nàdair a leudachadh gu bhith a’ còmhdach an dualchais fon uisge, agus gu bhith a’ cur a’ chultuir ri sgrìobhadh Làrach Dhualchais na Cruinne deireadh an Ògmhios/toiseach an Iuchair 2004 aig coinneimh Comataidh Dhualchais na Cruinne ann an Suzhou, Sìona.


Eathraichean nan Dàn

Taisbeanadh ann an Gaileiridh nan Ealain ’s an Taigh Tasgaidh, Kelvingrove, Glaschu
12 An Òg-mhìos – 21 Iuchar 2002

Chan eil ach glè bheag de thurchairt ann an dèanamh agus ann an taisbeanadh ealain. Tha an obair ga dèanamh ann an dòigh rianail ach am faicear i ann an dòigh àraidh. Chaidh ‘eathraichean nan dàn’ a chruthachadh ann an dòigh a leigeadh beagan turchairt dhan obair. ’S e soithichean beaga fiodha a tha annta air an snaidheadh le làimh. ’S e am fear ealain, Douglas Robertson, a rinn iad an dèidh ‘long Hiortach’ fhaicinn san Taigh Tasgaidh ann an Kelvingrove. Tha dàn beag le Valerie Gillies, Ian Stephen, Kevin MacNeil no le Douglas Robertson fhèin air an taobh a-muigh. Tha gritheid bheag, co-cheangailte ris an ùghdar no ri cuspair an eathair, am broinn gach eathar.

Thèid an cur air bhog nas fhaide dhen bhliadhna à àitichean air an aon domhan-leud ri Hiort (58° 50' N). Bidh e an urra ris a’ ghaoith ’s ris a’ mhuir-làn càit an tèid iad agus cò gheibh iad. Ma thig iad air tìr, cumaidh an neach a lorgas iad iad, fleòdraiche beag a lorg cuideigin air tràigh an àit’-eigin.


Eathar Dàin

Eathar Dàin

 

Puinnsean ann am Pàrras

Tha luchd-saidheans o Oilthigh Obar Dheathain air fianais a lorg gun do thruaill na daoine air na h-eileanan iomallach seo an ùir gun fhios dhaibh. Dh’fhaodadh gun robh seo na adhbhar gun tàinig orra an t-eilean fhàgail ann an 1930.

Tha an t-Oll. Andy Meharg agus an sgioba aige air a bhith a’ sgrùdadh sampaill de dh’ùir à diofar cheàrnaidhean de dh’ Eilean Hiort fhèin. Chruinnich iad sampaill à talamh àitich, achannan, agus òtraichean far an do chleachd sgudal a bhith ga chruinneachadh airson todhair. Sheall an sgrùdadh gu bheil ìre nan ceimigeach puinnseanta àrd fhathast – agus gur dòcha gun tug iad buaidh air torrachas na talmhainn.

Chaidh an ùir a thruailleadh nuair a thòisich na Hiortaich a’ cur barrachd todhair air an talamh. Bha luaidhe, sinc, cadmium agus arsnaig am measg an stuth-truaillidh agus ’s e closaichean eòin-mhara san innear a chuireadh air an talamh bu mhotha a bha ri choireachadh.

Mar a mhìnich an t-Oll. Meharg: ‘Bha na mìltean mòra de dh’eòin gan glacadh gach bliadhna agus bha tòrr sgudail a’ cruinneachadh. Tha eòin-mhara buailteach barrachd mheatailtean puinnseanta a bhith ann am buill am bodhaigean. Nuair a thadhail Martin. Martin air an eilean ann an 1697, rinn e iomradh air cho torrach ’s a bha an t-eilean. Ach tha aithris ann gun robh am bàrr air a dhol bhuaithe mu mheadhan an 18mh linn. Tha uiread de cheimigich sna sampaill a tha againn ’s nach biodh iad air am meas freagarrach airson àiteachais fo lagh an latha an-diugh seach gum faodadh am biadh a bhith na chunnart slàinte.’'

Chuir toradh an rannsachaidh iongnadh air Robin Turner, Prìomh Airceòlaiche Urras Nàiseanta na h-Alba air na h-eileanan: ‘Gu ruige seo, bha sinn a’ faicinn Hiort mar àite miorbhaileach ann an co-chòrdadh ri nàdar. Tha a’ choire airson an fhàsachaidh air a bhith a’ dol air cuideam on taobh a-muigh, an toiseach on uachdaran, an uair sin air luchd-turais agus, mu dheireadh, gun robh an sluagh air tighinn gu bhith a’ sùileachadh barrachd. Tha sinn a-nis a’ faicinn gun robh muinntir an eilein, gun fhios dhaibh, a’ puinnseanachadh na h-ùire air an robh iad an crochadh. Tha seo a’ dèanamh na sgeulachd nas inntinniche buileach dhuinn an-diugh. ’S e an leasan dhuinne: chan e a-mhàin gum feum sinn a bhith beò ann an co-chòrdadh ri ar n-àrainneachd, ach feumaidh sinn a bhith glè chinnteach nach bi droch bhuaidh ris nach robh dùil aig atharrachadh sam bith a nì sinn, air cho ciallach ’s gu bheil e a’ coimhead. Tha e cuideachd na chùis-smaointinn gur dòcha gur e goireas nàdarra, a chum a’ dol iad fad cheudan, ’s dòcha mìltean, bliadhna, a thug buaidh air a’ choimhearsnachd air a’ cheann thall.’

Fhuaradh duais-rannsachaidh o Urras Leverhulme air sgàth an fhiosrachaidh seo. Sna bliadhnaichean a tha romhainn, bheir seo cothrom dhan Oll. Meharg agus dhan sgioba aige coimeas a dhèanamh eadar Hiort agus eileanan eile san robh daoine gu mòr an crochadh air eòin –gu h-àraidh Miùghlaigh agus Fùghlaigh.Thèid aig luchd saidheans o oilthighean Shruighlea is Obar Dheathain cuideachd air sampaill a chleachdadh, a thàinig o chladhach o chionn ghoirid air Hiort, airson a dhol air ais ann an tìm a’ sgrùdadh pàtran an truaillidh.




Sùlairean a’ neadachadh air Stac Lì.
Le bhith a’ cleachdadh chnàmhan is cuid de bhuill aobh a-staigh nam mìltean eòin-mhara mar thodhar, chruinnich ceimigich san ùir a dh’fhaodadh a bhith cronail.

Dealbh: Jim Vaughan
Beachdan air Hiort

Tha Jill Bullington, neach rannsachaidh o Oilthigh Illinois, a’ sgrùdadh mar a bha daoine à àitichean eadar-dhealaichte a’ coimhead air a’ choimhearsnachd iomallaich seo san àm a dh’fhalbh, agus tha i ag iarraidh cuideachaidh:

“ ’S e corpeòlaiche a th’annam agus tha mi a’ feuchainn ri dhèanamh a-mach ciamar a bha daoine ann an coimhearsnachdan eile ann an Innse Gall a’ coimhead air Hiort mus deach fhàsachadh ann an 1930. Gu ruige seo, tha e air a bhith doirbh stuth a bhuineas do dh’Innse Gall mu Hiort a lorg. Is iad na bun-stòir a bh’agam (1) seann irisean dhen Stornoway Gazette, (2) rudan a sgrìobh feadhainn a bha a’ fuireach ann a’ Hiort (a’ mhòrchuid dhiubh daoine far tìr-mòr a bha a’ fuireach ann airson deagh ghreis), agus (3) rudan a sgrìobh feadhainn a bha a’ fuireach ann a’ Hiort (a’ mhòrchuid dhiubh nan luchd turais far tìr mòr a bha a’ fuireach ann greiseag bheag). Seach gun robh iomallachd an àite agus cho doirbh ’s a bha e a’ faighinn ann na annas dhan mhòrchuid de luchd turais, ’s e glè bheag a bha aca ri ràdh mun àite shòisealta a bha aige ann an Innse Gall. Ged a dh’fhaodadh seo a bhith a’ ciallachadh nach robh àite aig Hiort san dòigh seo, dh’fhaodadh cuideachd nach robh mòran diù aig luchd-turais san taobh seo dhen chùis no dìreach nach robh e a’ tighinn a rèir cuspair na h-iomallachd. Nochd muinntir nan Eileanan Siar ùidh mhòr ann a’ Hiort aig na coinneamhan a chum Urras Nàiseanta na h-Alba ann am Beinn a’ Bhaoghla agus anns na Hearadh o chionn ghoirid mu Phlana Riaghlaidh Hiort. Am b’urrainn do dhuine mo stiùireadh gu stòir a tha a’ sealltainn mar a bha muinntir Innse Gall a’ faireachdainn mu Hiort ro 1930? ’S dòcha gur e litrichean, leabhraichean-latha, sgeulachdan teaghlaich no rud sam bith eile a bhiodh annta sin, ann am Beurla no Gàidhlig (a gheibhinn air eadar-theangachadh). Chuirinn luach air cuideachadh sam bith.”

Ma tha thu a’ smaoineachadh gun urrainn dhut cuideachadh leis a’ phroiseact inntinneach seo, cuir fios gu Jill aig: bullingtn@uiuc.edu.


Plana Riaghlaidh Hiort 2002-2007

Innis dhuinn ciamar a tha thu a’ smaoineachadh bu chòir Hiort a riaghladh san àm ri teachd.

Bidh Plana Riaghlaidh Hiort a’ tighinn gu ceann ann an 2001 agus feumar a-nis plana ùr ullachadh airson 2002 – 2007. Tha Planaichean Riaghlaidh riatanach do luchd-stiùiridh àite sam bith: tha iad a’ cur an cèill nan amasan a chaidh aontachadh mu ghlèidhteachas is follaiseachd an ionaid. Tha aontachadh nan amasan a’ toirt dhaoine le beachdan eadar-dhealaichte còmhla gus an t-slighe air adhart a chomharrachadh. Tha do bheachdan cudromach. Mar sin tha pàirt dhen làrach-lìn seo airson fiosrachadh a chumail ri daoine agus airson do bheachdan a chur thugainn: Co-chomhairleachadh Plana Riaghlaidh.

Bidh dreach dhen Phlana Riaghlaidh ùr airson Hiort a’ dol an cois an ainmeachaidh ann an 2002 gus inbhe Làrach Dhualchas na Cruinne a leudachadh gu bhith a’ gabhail a-steach àrainneachd na mara agus dreach na tìre. (Faic an naidheachd air Inbhe Làrach Dhualchas na Cruinne airson tuilleadh fiosrachaidh.)

Airson cunntas air coinneamh Bheinn a’ Bhaoghla, brùth AN SEO.


Pasgan Ealain ga thoirt dhan Urras

Thug luchd ealain o Stiùideo nan Ealan Co-aimsireil ann an Dùn Dè Pasgan Dearbhaidh de dh’obair ùir, Pasgan Hiort, do dh’Urras Nàiseanta na h-Alba. Chaidh a chruthachadh an dèidh a bhith an sàs ann an cladhach airceòlais ann a’ Hiort. Chaidh a chur ri cruinneachadh ealain is dualchais a tha aig an Urras a dh’èirich à ùidh ann a’ Hiort agus sgeulachd Hiort. Airson tuilleadh fiosrachaidh, brùth AN SEO




Pasgan Hiort Dealbh: Susan Wilson

Inbhe Làrach Dhualchas na Cruinne

Air an 31 Lùnastal, 2001, nuair a bhathar a’ cur na làraich-lìn seo air bhog gu h-oifigeil, dh’innis Urras Nàiseanta na h-Alba gun do dh’aontaich UNESCO (United Nations Educational, Scientific and Cultural Organisation) ainmeachadh Hiort mar Dhualchas na Cruinne a leudachadh gus dualchas eachraidheil a chòmhdach. (Chaidh Hiort a chomharrachadh mar Làrach Dhualchas na Cruinne ann an 1986, agus tha tagradh ga dhèanamh gus gum bi e a’ còmhdach àrainneachd na mara.)

Thuirt iar-cheannard an Urrais, Coinneach MacLean, gun robh iad gu math dòchasach gun soirbhicheadh leis an tagradh. Ma thèid a bhuileachadh, bhiodh Hiort air fear de 24 làraichean air feadh an t-saoghail le inbhe Dhualchas na Cruinne airson dà adhbhar. Thuirt Mgr MacLean gum b’e seo an t-àm airson a leithid ainmeachadh seach gun robh cothrom aig uiread de dhaoine air feadh an t-saoghail air brath a ghabhail air miorbhailean Hiort air an eadar-lìon. Bhiodh an Inbhe seo a’ ciallachadh gum biodh Hiort co-ionnan ri Ayers Rock ann an Astrailia, Beinn Athos sa Ghrèig agus seann chomraich nan Inca, Machu Picchu, ann am Peru. Ged a tha obair mhòr aig an Urras ri dèanamh fhathast ann a bhith ag ullachadh tagraidh gu UNESCO, dh’fhaodadh Hiort an inbhe seo a chosnadh an taobh a-staigh de dhà bhliadhna. Cum do shùil an seo airson tuilleadh fiosrachaidh mu adhartas an tagraidh!

Leabhraichean Ùra air Hiort agus Innse Gall

Ùr on fhoillsichear Token Soldiering on St Kilda le James MacKay,

San obair ùir seo tha an t-Oll. James MacKay a’ coimhead air Hiort o shealladh nan saighdearan a rinn Seirbheis Nàiseanta ann eadar 1959 is 1961. Aig aois 23 ’s e an aon leas-cheannard le uallach airson an eilein agus ’s iongantach mura h-e an aon duine nach robh na fhear-gunna a bha an urra ri aonad làmhachais. Tha 150 duilleag, agus còrr is 100 dealbh nach deach am foillseachadh roimhe, san leabhar inntinneach seo. Còrdaidh e ri duine sam bith le ùidh ann an Seirbheis Nàiseanta, an Làmhachas Rìoghail, Eachdraidh Airm ann am Breatainn agus ann a’ Hiort fhèin.

£29.95 ISBN 1 870 192 48 6




Ùr o Colin Baxter Photography Ltd. St Kilda

Tha leabhar-iùil David Quine, le dealbhannan le Colin Baxter, a’ toirt sealladh soilleir air cumadh tìre is nàdar nan eilean. Tha an t-ùghdar a’ tarraing o chunntasan co-aimsireil thar nan linntean gus tuigse a thoirt air eachdraidh nan daoine a chleachd a bhith a’ fuireach ann.

£3.75 ISBN 1 84107 083 1



Expeditions to the Hebrides by George Clayton Atkinson in 1831 and 1833, deasaichte le David A. Quine, MacLean Press, An t-Eilean Sgitheanach, 2001

Ochd fichead bliadhna ’s a deich an dèidh dhan fhear-siubhail òg, George Clayton Atkinson, an leabhar-latha a sgrìobhadh, tha David Quine agus MacLean Press air a’ chunntas seo air na h-Eileanan an Iar sa chiad chuid dhen 19mh linn, fhoillseachadh.

Ged a bha cuid dhen teacsa mu thràth ann an tasglann Hiort NTS,’s e glè bheag dhe na dealbhannan a bha daoine air fhaicinn riamh. An dèidh bhliadhnaichean gan siubhal, lorg David Quine an leabhar-latha a bha ann o thùs agus mu cheud dealbh de thuras Atkinson a Hiort ann an 1831. Bha fios aig Quine gum feumadh e bhith air fhoillseachadh. Cha robh e fhèin no am foillsichear, MacLean Press, deònach càil fhàgail às, agus bha iad airson gun nochdadh a h-uile dealbh ann an dath. Air sgàth sin, tha cunntas iongantach, bheachdail againn air turas Atkinson (agus turas eile a ghabh e ann an 1833). Tha dealbhannan àlainn ann dhe na daoine agus na seallaidhean.

Tha an leabhar seo do dhuine sam bith le ùidh ann a’ Hiort agus Innse Gall, no do dhuine a tha ag iarraidh tuigse air dòigh-beatha Alba tràth san 19mh linn. Tha e math airson coimhead air agus a leughadh.

£25.00 ISBN 1 899272 06 2

 

© Urras Nàiseanta na h-Alba