Tha thu an seo: Hiort An-diugh > A’ sgrùdadh Eachdraidh nan Daoine


A’ sgrùdadh Eachdraidh nan Daoine 

Sgrùdaidhean air na Togalaichean 
Rannsachaidhean Airceòlais 
Gnothaichean san Taigh-Tasgaidh 
Dualchas   
 
                    


Tha eachdraidh tuineachaidh nan daoine ann a’ Hiort iom-fhillte agus inntinneach. Tha iomadh làrach airceòlais air na h-eileanan fhèin. Tha cuideachd tobhtaichean thaighean is thogalaichean eile ann a tha a’ toirt shanasan dhuinn air dòigh-beatha nan daoine a bha a’ fuireach ann o shean. Tha iad sin air an clàradh fo Achd nan Seann Làraichean is Sgìrean Airceòlais, 1979 agus chan fhaodar an rannsachadh no dhol nan gaoth gun chead.

’S e Alba Eachdraidheil a’ bhuidheann riaghaltais le uallach airson an Achd a chur an gnìomh agus cead a thoirt airson làraichean airceòlais a rannsachadh agus na toglaichean a leasachadh. Tha Alba Eachdraidheil cuideachd a’ cur maoin ri riaghladh is gleidheadh nan làrach airceòlais agus nan togalach eachdraidheil air na h-eileanan.


An Stòr, a mhilleadh le bàta-aigeann an nàmhaid aig àm a’ Chiad Chogaidh
Dealbh: Urras Nàiseanta na h-Alba


An Stòr, air a chàradh le Urras Nàiseanta na h-Alba
Dealbh: Urras Nàiseanta na h-Alba


 
Alba Eachdraidheil

Tha Alba Eachdraidheil a’ clàradh sheann làraichean a tha cudromach gu nàiseanta, agus toglaichean a tha sònraichte a thaobh airceòlais no eachdraidh, às leth a’ Phrìomh Mhinisteir. Tha seo a’ toirt dìon fon lagh a tha a’ cur feum air cead o Alba Eachdraidheil airson rannsachadh airceòlais, atharraichidhean no leasachadh. Tha Alba Eachdraidheil a’ gleidheil làraichean a tha fo chùram Phrìomh Mhinisteir na h-Alba agus bidh iad a’ toirt taic airgid do luchd-seilbh prìobhaideach airson glèidhteachais agus càraidh. Tha iad os cionn glèidhteachas thoglaichean agus bidh iad a’ dèanamh obair-chàraidh shònraichte a’ cleachdadh dhòighean is sgilean dualchasach.

Tha còrr is 330 àite fo chùram Alba Eachdraidheil, agus bidh faisg air 3 millean duine a’ tadhal nan àitichean sin gach bliadhna. Tha còrr is 70,000 sgoilear gan tadhal gach bliadhna.

Alba Eachdraidheil
Longmore House
Salisbury Place
Dùn Èideann EH9 1SH
Breatann
Fòn: (+44) 0131 668 8600
http://www.historic-scotland.gov.uk

© Urras Nàiseanta na h-Alba