Tha thu an seo: Àm a dh’fhalbh > Na Bliadhnaichean mu dheireadh


Na Bliadhnaichean mu dheireadh

Mu mheadhan an naoidheamh linn deug, bha barrachd ceangail aig na daoine ris an t-saoghal mhòr. Thadhail bàta-smùide - a’ Vulcan – air Hiort ann an 1838. O 1877, thòisich SS Dunara Castle a’ gabhail chuairtean a Hiort as t-samhradh. Cha b’fhada gus an do thòisich feadhainn eile, mar SS Hebrides, air an aon rud.

Bha mustar is misneachd nan daoine air tòiseachadh a’ crìonadh. Thàinig e gu ceann ann an 1930 nuair a dh’fhàg na daoine.


Iris a’ snasachd chuairtean a Hiort
Dealbh: Taighean-Tasgaidh Ghlaschu

Bhiodh bàtaichean caola agus bàtaichean-iasgaich ag obair timcheall Hiort agus bhiodh iad a’ toirt bathair gu muinntir an eilein.


Bàtaichean-iasgaich ann am Bàgh a’ Bhaile
Dealbh: Urras Nàiseanta na h-Alba

Thuirt John Ross, am maighstir-sgoile, ann an 1889 gum biodh muinntir an eilein a’ dèanamh rudan a reiceadh iad ri luchd-turais – seiceannan chaorach, clòitean, miotagan, stocainnean is sgarfaichean, uighean is cùisean co-cheangailte ri eòin.


A’ reic chuimhneachan aig an laimrig
Dealbh: Pàipearan-naidheachd Chaledonian

Stocainnean a rinneadh ann a’ Hiort
Dealbh: Taighean-Tasgaidh Ghlaschu

© Urras Nàiseanta na h-Alba