Tha thu an seo: Ceistean cumanta


Ceistean Cumanta

Cò bh’ann an St Kilda?
Tha an t-ainm St Kilda caran annasach oir cha robh naomh air an robh Kilda riamh co-cheangailte ris an eilean. Chaidh a chleachdadh an toiseach an àite Hirte, no Hirta, air map ann an 1540, ach airson eilean faisg air Leòdhas. Air map ann an 1592 chaidh a chleachdadh airson eileanan Hiort.

Dh’fhaodadh gun tàinig e bho 'Skildir,' sgiathan, san t-Seann Lochlannais agus ’s dòcha gu bheil e co-cheangailte ri cruth nan eilean nuair a chì thu iad aig muir.


Ciamar a gheibh mi ann?
A bharrachd air a dhol an sàs ann am Buidheann Obrach UNA no a dhol air Cuairt-mhara UNA, ’s e an dòigh as fheàrr air a dhol a Hiort a dhol a dhol ann air bàta-cùmhnaint às na h-Eileanan an Iar, às an Eilean Sgitheanach no bho thìr-mòr. Airson fiosrachadh air uairean is prìsean, cuir fios gu gach companaidh bhàtaichean.


Dè cho fada ’s a bheir an turas?
Bidh an ùine a bheir an turas a rèir na sìde agus an làin, agus a rèir dè an seòrsa bàta a bhios ann. Bheir bàta às na h-Eileanan an Iar eadar 3 is 6 uairean a thìde, agus faodaidh gun toir e suas gu 18 uairean bho thìr-mòr. Uaireannan feumaidh bàtaichean tilleadh air sgàth droch shìde.


A bheil duine a’ fuireach ann?
Chan eil duine an-diugh a’ fuireach ann a’ Hiort fad na h-ùine. Ach the daoine ag obair fad na bliadhna ann an ionad an airm, agus cha mhòr nach e luchd-obrach catharra a th’ annta uile a-nis. Bidh luchd-obrach Urras Nàiseanta na h-Alba air an eilean eadar An Giblean agus An t-Sultain gach bliadhna. Bidh buidhnean obrach Urras Nàiseanta na h-Alba a’ tadhal nan eilean as t-samhradh, agus bidh luchd-rannsachaidh a’ cur ùine seachad ann a’ sgrùdadh eachdraidh nàdarra is chultarail.


A bheil duine dhe na Hiortaich fhathast beò?
Cho fad ’s as aithne dhuinn chan eil ach aon duine beò a bha a’ fuireach ann mus deach fhalamhachadh ann an 1930.

Càit am faigh mi cairtean-puist agus cuimhneachain eile?
Tha bùth bheag aig Club Hiort ann a’ Hiort agus tha leabhraichean, cairtean-puist, aodach agus DVDan aca. Gheibhear iad cuideachadh aig cruinneachadh Club Hiort air an 2ra Disathairne san t-Samhain.


A bheil na caoraich fhathast ann? Cò bhios a’ coimhead riutha?
Chaidh na Dubh-cheannaich a ghluasad à Hiort nuair a dh’fhàg na daoine, ach tha iad fhathast ann am Boraraigh. Dà bhliadhna an dèidh sin, chaidh caoraich Shòdhaigh a ghluasad ann à Sòdhaigh. Tha na caoraich sin air a bhith ann on uair sin, gun cha mhòr manaidseadh sam bith bho dhaoine. Thathar air a bhith a’ dèanamh sgrùdadh saidheansail air na caoraich seo bho mheadhan nan 1950an, an toiseach le Sgioba Rannsachaidh Shòdhaigh, agus on uair sin mar phàirt de phròiseact rannsachaidh nas motha agus nas mionaidiche le Pròiseact Caoraich Shòdhaigh. Tha an rannsachadh gu h-àraidh a’ sgrùdadh phàtran ann am fàs is crìonadh ann an àireamhan agus a’ lorg adhbharan airson sin.


Làrach-lìn Pròiseact Caoraich Shòdhaigh


A bheil stuthan eile ann mu Hiort nach eil a’ nochdadh air an làrach-lìn seo?
Tha an t-uabhas stuth ann mu Hiort - cus airson ainmeachadh an seo.

Tha dà phrìomh stòr ann:

Tha tasglann cudromach de dhealbhan ann an Cruinneachadh George Washington ann an Oilthigh Obar Dheathain.

Cruinneachadh George Washington Wilson
Queen Mother Library
University of Aberdeen
Meston Walk
Obar Dheathain AB24 3UE

Tha tasglan mòr stuthan is dhealbhan aig Scottish Life Archive.

Royal Museum of Scotland
Chambers Street
Dùn Èideann EH11JF
An Rìoghachd Aonaichte
Fòn: (+44) 0131 225 7534

© Urras Nàiseanta na h-Alba