Tha thu an seo: Hiort An-diugh > A’ sgrùdadh na h-Àrainn Nàdarra > Toiseach Tòiseachaidh


Toiseach Tòiseachaidh: Geòlas Hiort

Tha a’ chreag chriostaileach, chomhaireach on deach cladaichean Hiort a chruthachadh air sealladh iongantach a thoirt dhan àite. O chionn 60 millean bliadhna no mar sin, bha beanntan-teine bitheanta air taobh an iar Alba, mar as aithne dhuinn an-diugh e. Bha sreath bheanntan-teine eadar an sgìre deas air Arainn agus suas gu tuath agus tarsainn iomall Eòrpach a’ Chuain Shiar. Nuair a chaidh cochall uachdrach na Talmhainn agus an rùsg a bha ga chòmhdach a sgaoileadh o chèile, dh’èirich creag leaghte suas tron rùsg agus bhrùchd i a-mach o bheanntan-teine sa mheadhan no tro sgàinnidhean mòra.

Tha Hiort a’ comharrachadh làrach tè dhe na beanntan-teine a bha sa mheadhan. Thàinig na creagan, a thug na h-eileanan gu bith, o mhagma leaghte a bha a’ fuarachadh gu mall fada shìos fon bheinn-theine a bha a’ brùchdadh a-mach gu h-àrd. Tha magma de cho-chur eadar-dhealaichte sna h-eileanan eadar an gabbro dorcha glas a tha a’ dol o Shòdhaigh, Hiort agus an Dùn gu Boraraigh, agus a’ chlach-ghràin bhàn-dhearg a tha ann an Conachair is Oiseabhal.


Dealbh: Graham Durant
Bha co-chur eadar-dhealaichte air an dà sheòrsa magma. Bha barrachd magnesium is iarainn sa ghabbro agus bha barrachd sileacain sa chloich-ghràin. Bha teodhachd agus tiughad gu math eadar-dhealaichte san dà mhagma agus, an dràsta ’s a-rithist, dheigheadh iad am measg a chèile. Bha seo a’ toirt air beinn-theine brùchdadh a-mach air an uachdar. Tha fianais air an seo air a ghleidheadh sna creagan agus sna h-ulbhagan air a’ cheann an iar de Bhàgh a’ Bhaile.

Dealbh: Graham Durant
Chaidh sgòdan de mhagma gabbro an lùib clach-ghràin shoilleir na b’fhuaire gus a’ chreag annasach seo a chruthachadh. Tha i ri faicinn dlùth dhan Dùn. Ann an àitichean eile, tha barrachd measgachaidh dhen dà sheòrsa magma air sreath de chreagan haibriod diorait criostaileach a chruthachadh.

Dealbh: Graham Durant
 
Tha fillidhean tana, staon agus ballachan mìne basalt a’ gearradh tro gach seòrsa gabbro agus granophyre. Tha iad seo gu math follaiseach sna bearraidhean de chlòich-ghràin ann an Oiseabhal.

Dealbh: Graham Durant
Tha trì fichead millean bliadhna de bhleith o sguir a’ bheinn-theine air cridhe comhaireach na beinn’-theine fhàgail na sheasamh faisg air an oir an iarthuath dhen iomall Eòrpach.

Dealbh: Graham Durant

© Urras Nàiseanta na h-Alba