Tha thu an seo: Àm a dh’fhalbh > Am Fàsachadh


Am Fàsachadh

Mean air mhean, chaill na Hiortaich am mustar, agus bha iad an eisimeil bathair o thìr-mò rairson am bìdhe, connadh is stuthan-togailairson nan taighean. Ann an 1852, rinn 36 duine eilthireachd a dh’Astràilia, agus thòisich àireamh an t-sluaigh a’ crìonadh. (Chaochail mòran air an t-slighe, ach thuinich grunnan ann am Melbourne, far a bheil St Kilda air tè de sgìrean a’ bhaile chun an latha an-diugh).Bha muinntir an eilein a’ sìor fhàs mothachail air cho iomallach ’s a bha iad agus bha iad air an sàrachadh gu h-àraidh le cho beag ’s a bha de chonaltradh cunbhalach aca ri tìr-mòr.

Ann an 1876, agus am biadh glè ghann, chaidh ‘long’ mhèilichean a chur air bhog ann a’ Hiort airson a’ chiad turas mar chomharra èiginn. Bha litir ann an soitheach fiodh le aotroman caorach ceangailte ris ach an seòladh e. An dèidh seo, chaidh mòran dhe na soithichean seo a chur dhan mhuir. Thàinig a’ mhòrchuid air tìr ann an Alba no sna dùthchannan Lochlannach ’s iad air an giùlan leis an t-sruth.


An long Hiortach ga cur air bhog ann an 1897
Dealbh: Cherry Kearton

Ann an 1912, bha biadh uabhasach gann agus ann an 1913, bhuail an cnatan mòr na daoine. Bha cuideachd-airm on Chabhlach Rìoghail ann a’ Hiort aig àm a’ chogaidh eadar 1914 – 18, agus bha mèilichean is biadh a’ tighinn a’ Hiort gu cunbhalach air soithichean an Chabhlach Rìoghail. Nuair a sguir seo aig deireadh a’ chogaidh, bha na daoine a’ faireachdainn na b’iomallaiche na bha iad riamh. Rinn tuilleadh dhe na fireannaich òga eilthireachd agus chaidh eaconamaidh an eilein à bith. Ann an 1930 cha robh ach 36 duine air fhàgail agus dh’iarr iad am fàsachadh gu tìr mòr.


Muinntir an eilein a’ giùlan an cuid chun na laimrig aig àm an fhàsachaidh
Dealbh: Glasgow Herald, 30mh Lùnastal 1930

Ann an 1931 chaidh Hiort a reic ri Iarla Bhòid, aig an robh ùidh mhòr ann an eòin. Dh’fhàg e Hiort aig Urras Nàiseanta na h-Alba mar dhìleab ann an 1957.

 

St Kilda Diaries — The diary of Alice MacLachlan 1906 – 1909

© Urras Nàiseanta na h-Alba