Tha thu an seo: Àm a dh’fhalbh
> Tràth ann an Eachdraidh


Tràth ann an Eachdraidh

Tha daoine air a bhith ann a’ Hiort o linntean ro-eachdraidheil. Bha iad a’ dèanamh feum de bheartas na mara, a’ cur bàrr agus a’cumail bheathaichean. Chan eil cinnt cuin a thàinig a’ chiad luchd-tuineachaidh a Hiort. Ach tha e coltach o innealan sìmplidh cloiche, gur dòcha gun do thadhail luchd-siubhail, a thàinig o na h-Eileanan Siar, ri Linn na h-Umha air Hiort o chionn 4,000 no 5,000 bliadhna. Sna 1830an, lorg an t-Urr. Niall Mac Coinnich rudan ann am Bàgh a’ Bhaile, agus ’s dòcha gur e na bha air fhàgail de chisteachan laighe a bha sin. Nuair a bha airceòlaichean a’ cladhach ann an 1995, lorg iad làrach a bha ’s dòcha na h-àite-tìodhlachaidh ann an Linn an Umha.

Ann an 1844 chaidh taigh-fo-thalamh (souterrain) a lorg. ’S dòcha gur e stòr a bha seo a bhuineadh do thaigh o Linn an Iarainn o chionn 2,000 bliadhna. Tha trannsa fhada ann, le trannsaichean nas giorra no ceallan a’ falbh dhi.


An Taigh-fo-thalamh
Dealbh: Taighean-Tasgaidh Ghlaschu


Crois air a gearradh air cloich a chaidh a cleachdadh a-rithist san Taigh 16
Dealbh: Taighean-Tasgaidh Ghlaschu

Tha fiosrachadh ann mu chaibealan tràtha, agus lorgadh dà chloich le croisean orra ann an stoidhl Crìosdail tràth.

Tha dearbhadh againn gun robh na Lochlannaich an seo o bhroidsichean is soithichean de chloich shiabainn a chaidh a lorg agus, cuideachd, o ainmeannan-àitichean mar Oiseabhal – a’ bheinn an ear – agus Ruabhal – a’ bheinn ruadh.

 

 

© Urras Nàiseanta na h-Alba