Tha thu an seo: Clàr nan Comharran


Clàr nan Comharran

Tha Hiort air iomadh comharra a chosnadh, gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta, a tha ag aithneachadh gu bheil dualchas is nàdar aige a tha sònraichte.

1957    Tèarmann Nàdair Nàiseanta
’S e pìosan fearainn a tha glè chudromach a thaobh glèidhteachais a tha ann an Tèarmainn Nàdair Nàiseanta (TNNan) agus tha iad air an riaghladh airson dèanamh cinnteach gun tèid an nàdar sònraichte aca a ghlèidheadh agus gun soirbhich e.
tuilleadh fiosrachaidh

1976    Tèarmann Dà-àrainneil
Tha eco-siostaman talmhainn is cladaich ann an tèarmainn dà-àrainneil. Tha iad air an aithneachadh gu h-eadar-nàiseanta taobh a-staigh an t-suidheachaidh obrach Man and the Biosphere Programme aig UNESCO.
tuilleadh fiosrachaidh

1979    Achd nan Seann Làrach is Sgìrean Airceòlais
Tha togalaichean agus làraichean airceòlais a tha cudromach gu nàiseanta air an clàradh fo na h-Achdan. Tha seo a’ciallachadh gu bheil dìon laghail air na làraich agus feumar cead fhaighinn o Mhinistearan na h-Alba airson obair sam bith a nì milleadh, leagail no sgrios air an làraich, obair-chàraidh sam bith, gluasad, atharrachadh no leasachadh. Tha seo a’ gabhail a-steach rannsachaidhean airceòlais agus atharrachadh no leasachadh nan togalach.
tuilleadh fiosrachaidh

1981    Sgìre Bòidhchead Nàiseanta
Tha Sgìrean Bòidhchead Nàiseanta nan sgìrean a thathar a’ meas cudromach gu nàiseanta air sgàth sheallaidhean inntinneach no bòidhchead air leth. Feumar an gleidheadh mar phàirt de dhualchas nàdarra na rìoghachd.
tuilleadh fiosrachaidh

1984    Ionad de Shuim Shònraichte Shaidheansail
’S e Ionad de Shuim Shònraichte Shaidheansail (ISSS) prìomh chomharra glèidhteachas nàdair ann am Breatainn. Tha na h-àitichean seo sònraichte airson lusan no ainmhidhean no àrainnean, creagan, cumadh na tìre no measgachadh dhiubh sin.
tuilleadh fiosrachaidh

1986    A’ chiad Làrach Dhualchas na Cruinne ann an Alba
Làrach nàdarra no dualchais a tha comataidh Dhualchas na Cruinne aig UNESCO a’comharrachadh mar àite le luach sònraichte dhan chruinne.
tuilleadh fiosrachaidh

1992    Sgìre Dìon Shònraichte an Aonaidh Eòrpaich
Tha Sgìrean Dìon Shònraichte nan sgìrean air an comharrachadh leis an Aonadh Eòrpach tro Stiùireadh nan Eun Fiadhaich. ’S e an t-amas àrainnean eòin shiùbhlach, agus cuid de ghnèithean a tha ann an cunnart mòr a dhol à bith, a dhìon.
tuilleadh fiosrachaidh

An-dràsta    Sgìre Shònraichte Glèidhteachais a tha an t-Aonadh Eòrpach a’ moladh
Tha Sgìrean Sònraichte Glèidhteachais air an cruthachadh fo Stiùireadh nan Àrainn is Ghnèithean an Aonaidh Eòrpaich. Tha an stiùireadh mar thoradh air feum aithnichte taobh a-staigh an Aonaidh Eòrpaich gach seòrsa fiadh-bheatha ’s an àrainnean a dhìon.
tuilleadh fiosrachaidh

2003 Ainmeachadh air Ath-sgrùdadh airson Làrach Dhualchas na Cruinne
Sa Ghearran 2003 chuir Pàrlamaid na h-Alba ainmeachadh a bh’ air ath-sgrùdadh gu UNESCO a’ sireadh tuilleadh leudachaidh san inbhe sna roinnean Dualchas Nàdarra agus Seallaidhean Tìre Dualchasach air sgàth dualchas sònraiche nan uisgeachan timcheall nan eileanan, agus an eisimpleir gun shamhail a tha na h-eileanan a’ toirt dhuinn air eachdraidh is cultar Alba. Tha tuilleadh fiosrachaidh mun tagradh ùr, agus ceangal chun na sgrìobhainn ainmeachaidh gu lèir, air duilleag an Ainmeachaidh.

2004 - Inbhe Dhualchas na Cruinne ga Leudachadh
Aig coinneimh ann an Suzhou ann an Sýona, leudaich Comann Foghlaim, Saidheans is Dualchais nan D¨thchannan Aonaichte (UNESCO) LÓrach Dhualchas na Cruinne ann a' Hiort gu bhith a' gabhail a-steach Órainneachd na mara mu thimcheall nan eilean.

2005 LÓrach Dhualchas na Cruinne air a bhuileachadh
San Iuchair 2005 fhuair LÓrach Dhualchas na Cruinne Hiort Inbhe Dh¨bailte a thaobh Dualchas na Cruinne airson a chudromachd nÓdarrach agus cultarach. An dŔidh Mion-sgr¨dadh Coimeasail ullachadh, ghabh Comataidh Dhualchas na Cruinne UNESCO, a' coinneachadh ann an Durban, Afraga a Deas, ris an leudachadh air na sgrýobhaidhean a fhuaireadh roimhe bho Dhualchas na Cruinne airson dualchas nÓdair mara agus týre. Gabhaidh an sgrýobhadh a-staigh a-nis an 'sealladh cultarach' a dh'fhÓg mýltean bhliadhnachan de dhaoine a' tÓmh ann.

© Urras Nàiseanta na h-Alba