Tha thu an seo:
Hiort An-diugh > A’ sgrùdadh Eachdraidh nan Daoine > Dualchas



Dualchas

Tha tasglann gun shamhail de dhualchas na h-Alba, eadar fuaim, dealbhannan, fiolm/bhideo, làmh-sgrìobhainnean is leabhraichean, ann an Sgoil Eòlais na h-Alba a chaidh a stèidheachadh ann an Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1951. Ann an Tasglann Fuaim na Sgoile, tha agallamhan ri Hiortaich a chaidh a chlàradh sna 1950an agus an dèidh sin. Chaidh fiosrachadh air dualchas Hiort a chlàradh o dhaoine eile cuideachd, mar an t-òran a chluinneas tu Seonag NicCoinnich a’gabhail, agus rudan eile a chaidh a thaghadh on CD air Dualchas na h-Alba TRAX 9019. Tha sgeulachdan, òrain, cleachdaidhean, creideamh, iomradh air an dòigh-beatha agus air ainmeannan-àitichean, a bharrachd air dàta cànain a chruinnich Sgrùdadh Cànain na h-Alba (Gàidhlig) air na teipichean.

Òran Hiortach, faclan is eadar-theangachadh (O Scottish Tradition CD TRAX 9019: Sgoil Eòlais na h-Alba)

Track 18. Hion dail-a horo h

Sisd:
Hion dail-a horo h
H hion dail-a l
Hion dail-a horo h
Hu ru u-ru-i (2)
Hion dail-a horo h
H hion dail-a l.

Tha fleasgach a's a' bhaile -sa
Ris an can iad Dmhnall
'S na faigheadh e saoghal
Gu saoithricheadh e mine.

Ged a bhithinn a' bruidhinn riut
'S a' briotas riut an cmhnaidh
Cha tugadh tu na h-uighean dhomh
Nuair shuidheadh tu Di-Dmhnaich.

Is truagh nach robh mo leannan
Ann an iochdar Leac na Gdaig
Acainn air a smioradh
Agus mise bhith gu h-rd oirr'.

SA1961/71 18.

The refrain consists of vocables
(vocables: sounds without meaning).

There is a young man in this township called Donald, and if he was to live long
he would get the peats done.

If I were to speak to you and flatter you all the time, you would not give me the
eggs when you sat down on a Sunday.

Pity my sweetheart was not at the edge of Gadag Slab, his harness smeared,
and me in charge of it.

 

 

 

Oran le te Hirt, a' magadh air a fear o nacheil e cho duineil sa dh'iarradh i. Dh'ionnsaich Seonag aig Uilleam MacMhathain e. Chaneil an tionndadh a tha ann an Songs of the Hebrides eucoltach ris.

 

Bha beòshlaint muinntir Hiort gu mòr an crochadh air uighean nan eòin-mhara a chruinneachadh iad air na bearraidhean. Tha am boireannach Hiortach a rinn an t-òran a’ magadh air an duine aice, no an duine a tha i an dùil a phòsadh – seach nach eile e cho duineil ’s a dh’iarradh tu ann a’ Hiort. Dh'ionnsaich Seonag aig Uilleam MacMhathain nach maireann e. Chaneil an tionndadh a tha ann an Songs of the Hebrides Leabhar 3 eucoltach ris.

 

Tasglann Dhealbhannan

Tha an cruinneachadh ainmeil aig Robert Atkinson san tasglann. Thadhail ùghdar Island Going air Hiort an dèidh dha na daoine falbh ach fhad ’s a bha e na fhasan aig cuid dhe na Hiortaich a bhith a’ tilleadh fad mhìosan an t-samhraidh. Chaidh aige mar sin cumail air a’ clàradh dòigh-beatha nan daoine nan suidheachadh fhèin, agus cuideachd na seallaidhean nàdarra, ann an dòigh a tha sònraichte.


Fionnlagh MacCuithinn a’ glacadh bhuthaigirean air Càrn Mòr, 26mh Iuchar 1938
Dealbh: Cruinneachadh Robert Atkinson, Sgoil Eòlais na h-Alba,
 Oilthigh Dhùn Eideann


Fionnlagh MacCuithinn taobh a-muigh an taighe aige.
Dealbh: Cruinneachadh Robert Atkinson, Sgoil Eòlais na h-Alba, 
Oilthigh Dhùn Eideann

SS Hebrides ann am Bàgh a’ Bhaile agus i a’ cur eathar air tìr
Dealbh: Cruinneachadh Robert Atkinson, Sgoil Eòlais na h-Alba,
 
Oilthigh Dhùn Eideann

A’ Bhan-Mhgr NicGillÌosa, Niall MacGillÌosa agus Fionnlagh MacCuithinn air a’ chidhe a’ feitheamh SS Hebrides, 9mh Lùnastal 1938
Dealbh: Cruinneachadh Robert Atkinson, Sgoil Eòlais na h-Alba
Oilthigh Dhùn Eideann

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha Sgoil Eòlais na h-Alba a’ tabhann chùrsaichean ann an ceum singilte no dùbailte ann an Eòlas-shluagh na h-Alba. Tha iad cuideachd a’ stiùireadh chùrsaichean iar-cheumnach ann an raointean rannsachaidh sa bheil an tasglann làidir mar bheul-aithris Gàidhlig is Albannach, òrain, ceòl innealan, cleachdaidhean is creideamh, dualchas, òrdugh sòisealta agus ainmeannan àitichean. Tha an Sgoil a’ foillseachadh irisean mar Scottish Studies, Tocher (stuthan an tasglainn air an tar-sgrìobhadh ’s an eadar-theangachadh gu grinn), Occasional Papers agus an t-sreath de chlàir agus de theipichean Scottish Tradition (Greentrax Recordings Ltd.).

Tha fiosrachadh air stuth na Sgoile mu Hiort ann an An Isle called Hirte le Mary Harman (Waternish: Maclean Press, 1997), a rinn rannsachadh doctaireachd fo sgèith Sgoil Eòlais na h-Alba.

Sgoil Eòlais na h-Alba
Oilthigh Dhùn Eideann
27 Ceàrn Dheòrsa
Dùn Eideann EH8 9LD
Breatann

Fòn: (+44) 0131 650 4161
www.sss.ed.ac.uk

 

© Urras Nàiseanta na h-Alba