Tha thu an seo: A’ tadhal air Hiort > Riaghailtean do Bhàtaichean Cuairt


      Riaghailtean do Bhàtaichean Cuairt

Tha a chomhairle seo a bualadh air bàtaichean a dol air tìr air eilean sam bith ach gu h-àraidh air Ionadan Tèarmann Nàdair (NNRs) Hiort (Hirta), Rònaigh a Tuath agus Hèisgeir (Hyskeir), agus na Làraich le ùidh Shònraichte Shaidheansail / Sgìrean le Dìon Sònraichte, na h-Eileanan Flannach, na h-Eileanan Mòra, Miùghalaigh agus Beàrnaraigh.

Air sgàth s gu bheil e cunnartach, agus gum faodadh cus fuaim dragh a chur air eòin a tha a neadachadh, cha bu chòir feuchainn ri dhol air tìr air NNR Sula Sgeir. Cha mhotha na sin a bu chòir a dhol air tìr gun chead air gin de stacan no eileanan Hiort (a bharrachd air Hiort fhèin); mura bheil thu cinnteach theirig an toiseach gu Neach-gleidhidh SNH/NTS, a bhios ann a Hiort eadar An Giblean agus An t-Sultain.

  • Nuair a bhios tu a planadh cuairt a Hiort, cuir fios, greis mhath ron àm, gu oifis Urras Nàiseanta na h-Alba ann an Inbhir Nis (fòn 01463 232 034; facs 01463 732 620) gus deitichean freagarrach a chur air dòigh. Nuair a bhios tu a planadh cuairt a Rònaigh a Tuath, Hèisgeir, na h-Eileanan Flannach, Miùghalaigh no Beàrnaraigh, bhiodh SNH nad chomain nan innseadh tu dhaibh ron àm (fòn 01851 705258; facs 01851 704900 - no 01870 620238; facs 01870 620350 airson Hèisgeir).

  • Ann a bhith a cur dheitichean is uair air dòigh airson a dhol a Hiort, feuch gun smaoinich thu air an Neach-gleidhidh agus air luchd-obrach MoD a tha a fuireach agus ag obair air an eilean. Mar eisimpleir na teirig air tìr ro thràth sa mhadainn oir thathar a sùileachadh gun coinnich an Neach-gleidhidh thu. Ma ghabhas idir, feuch ri Dimàirt a sheachnadh (nuair a bhithear ag aiseag luchd-obrach is bathar - air heileacoptair no soitheach) agus feuch cuideachd an seachain thu Là na Sàbaid.

  • Chaidh fo-laghan a stèidheachadh airson Hiort agus bu chòir dhut fhèin agus na bhios a dol air tìr a bhith eòlach orra ro-làimh. Chithear lethbhreac cuideachd ann an Taigh a Bhàillidh, far a bheil an Neach-gleidhidh stèidhte.

  • Mus teirig thu air tìr ann a Hiort, cuir fios chun an Neach-gleidhidh. Coinnichidh an neach sin am buidheann agad agus bheir e fiosrachadh air an NNR/Làrach Dualchais na Cruinne. Dhfhaodadh gum bi cuairt threòraichte ann de Sgìre a Bhaile agus s dòcha gun tèid aig an Neach-gleidhidh air a dhol còmhla riut san t-soitheach agad timcheall Bhoraraigh agus na Stacan gus àitichean inntinneach a shealltainn dhut: (fhad s a bheir thu e/i air ais a Hiort a-rithist!) Fòn gu 01870 604628 no cuir fios air an rèidio ro-làimh gu ionad MoD Hiort.

  • Cuimhnich nach eil taighean-beaga poblach ann an gin dhe na h-eileanan (fiù s ann a Hiort). Mar sin feuch gun cleachd luchd-siubhail na goireasan air an t-saoitheach mus tèid iad air tìr. (Cha lorg iad àite falach air na h-eileanan agus cha dèan math dhaibh cur ri sgudal sna h-eileanan. Mar sin bu chòir dhaibh an gnothach a dhèanamh mus tèid iad air tìr).

  • Na leig le cait no coin a dhol air tìr oir dhfhaodadh iad teiche, cron a dhèanamh air fiadh-bheatha (agus air caoraich) agus dhfhaodadh e bhith doirbh beireachdainn orra nuair a thig an t-àm airson falbh. Cuideachd, dhfhaodadh coin dìosganaich a thoirt far tìr-mòr a mheasg treud iomallach, gun shamhail chaoraich Shòdhaigh. (Chan eil fada ann bho chaidh cait fhiadhaich à bith ann a Hèisgeir ach s math gun deach).

  • Tha laimrig bheag ann am Bàgh a Bhaile ann a Hiort ach chan eil e sàbhailte fiù s do bhàta beag ceangal ris. Cha mhotha a tha seo ga iarraidh oir bhiodh cunnart ann gum faigheadh radain air tìr. Aon uair s gum faigheadh iad sin grèim, dhèanadh iad cron mòr air na h-eòin-mhara, msaa. Aisig luchd-siubhail air tìr ann an eathraichean beaga.

  • Chan eil goireasan ann an gin dhe na h-eileanan airson a dhol air tìr agus faodaidh na creagan a bhith gu math sleamhain; mar sin bu chòir do luchd-siubhail a bhith glè fhaiceallach nuair a bhios iad a dol air tìr agus comhairle fear a bhàta a ghabhail. Bu chòir caisbheart làidir a bhith orra, le buinn nach sleamhnaich, ach bu chòir dhaibh a bhith a sùileachadh an casan a bhith fliuch!

  • Tha soidhnichean aig na h-Ionadan Tèarmainn Nàiseanta ann a Hiort, Rònaigh a Tuath agus ann a Hèisgeir faisg air far an àbhaist do luchd-siubhail a dhol air tìr. Tha map agus fiosrachadh ann mun eilean airson gum faigh luchd-tadhail nas urrainn dhaibh on cuairt. Tha ìomhaighean beaga ann cuideachd ag innse dè dhfhaodas cron a dhèanamh air an àite agus air an fhiadh-bheatha: feuch gun toir thu feart orra.

  • Gheibhear bileag fiosrachaidh SNH mu Hiort on Neach-gleidhidh no bho Oifis SNH ann an Uibhist a Deas (fòn 01870 620238). Tha bileag fheumail cuideachd aig NTS agus Alba Eachdraidheil mu nithean àrsaidh. Tha mòran leabhraicheann ann mu Hiort agus eileanan eile.

  • Tha bùth bheag ann a Hiort agus dhfhaodadh gun gabhadh a fosgladh do luchd-tadhail le sin a chur air dòigh ro-làimh còmhla ris an Neach-gleidhidh. Tha e air iarraidh air luchd-tadhail gun iad a bhith a coiseachd air feadh ionad QinetiQ no taighean an NTS gun chuireadh oir tha daoine a fuireach annta.

  • Tha taigh-tasgaidh beag ann an Taigh 3 ann a Hiort agus s àbhaist dha a bhith fosgailte do luchd-tadhail (agus is fhiach e tadhal air). Thèid taigh eile a chur air dòigh uaireigin leis an NTS mar eisimpleir de dhachaigh ann a Hiort.

  • Tha e air iarraidh air luchd-tadhail gun a bhith a coiseachd timcheall an eilein leotha fhèin gun fhios nach èirich càil dhaibh, agus gun a dhol ro fhaisg air oir a bhearraidh. Chan e a-mhàin nach eil e stèidheil ann an àitichean ach faodaidh gaoth mhòr no sgal obann a dhèanamh nas cunnartaiche buileach. Tha brogan-mòra le buinn nach sleamhnaich riatanach. Fiù s an uair sin fhèin bidh na leòidean sleamhainn le feur fliuch agus faodaidh e bhith uabhasach doirbh stad a chur ort fhèin bho thuiteam le briogais uisge-dhìonach no oillsgein! Chan eil seirbheis teasairginn bearraidh ann an gin dhe na h-eileanan agus tha an t-slighe gu math fada chun an ospadail as fhaisge.

  • Tha na h-eileanan seo air fad ainmeil airson beairteas agus iomadachd fiadh-bheatha agus tha sin air iomadh comharrachadh nàiseanta agus eadar-nàiseanta a chosnadh dhaibh. Ged a bu mhath leinn gum faigheadh luchd-tadhail nas urrainn on chuairt, cuimhnich gur e feumalachdan na fiadh-bheatha agus na h-àrainneachd as cudromaiche.

  • Feuch gun toir thu spèis dha na togalaichean eachdraidheil, na tobhtaichean, na leacan-uaghach agus dha na structaran arc-eòlais. Chaidh mòran dhiubh a chlàradh mar Charraighean àrsaidh.

  • Na buain dìtheanan, na feuch òrd air na creagan agus na toir leat lusan, clachan no càil sam bith eile agus na cuir dragh air an tìr, air na tha a fàs no air na beathaichean. Faodaidh coltas soitheamh agus dàimheil a bhith air na beathaichean ach cha bu chòir luchd-tadhail a bhith air am mealladh gus a dhol rud beag nas fhaisge oir togaidh lionsan telefoto dealbhan glè mhath. Bu chòir do luchd-tadhail a bhith air am faiceall cuideachd mus toir iad a-steach, gun fhios dhaibh no air dhòigh eile, lusan no ainmhidhean coimheach; mar eisimpleir faodaidh sìol a bhith sa pholl air do bhrògan. Feumaidh SNH cead a thoirt ro-làimh airson cearcaill a chur air eòin san NNR; cha bu chòir gunna sam bith a thoirt air tìr.

  • Na buain dìtheanan, na feuch òrd air na creagan agus na toir leat lusan, clachan no càil sam bith eile agus na cuir dragh air an tìr, air na tha a fàs no air na beathaichean. Faodaidh coltas soitheamh agus dàimheil a bhith air na beathaichean ach cha bu chòir luchd-tadhail a bhith air am mealladh gus a dhol rud beag nas fhaisge oir togaidh lionsan telefoto dealbhan glè mhath. Bu chòir do luchd-tadhail a bhith air am faiceall cuideachd mus toir iad a-steach, gun fhios dhaibh no air dhòigh eile, lusan no ainmhidhean coimheach; mar eisimpleir faodaidh sìol a bhith sa pholl air do bhrògan. Feumaidh SNH cead a thoirt ro-làimh airson cearcaill a chur air eòin san NNR; cha bu chòir gunna sam bith a thoirt air tìr.

  • Tha e uabhasach furasta dragh a chur air eòin a tha a neadachadh, air ròin a tha a gintinn agus air caoraich le uain agus bu chòir do luchd-tadhail an seachnadh no, ma thig iad air nead no iseanan gun fhiosta, fàgail sa charachadh airson cothrom a thoirt dha na pàrantan tilleadh. Tha faoileagan agus fasgadairean an-còmhnaidh deiseil airson brath a ghabhail air uighean no iseanan nach eil air an gèard.

  • Tha uighean agus àl aig eòin a tha a neadachadh air an talamh air am falach gu math agus tha e doirbh am faicinn. Mar sin bu chòir do luchd-tadhail a bhith faiceallach càit an cuir iad an casan ma tha tha iad dhen bheachd gu bheil nead faisg orra. Bidh steàrnain agus cuid de dheòin grunnachachaidh a breith nan uighean air gainmheach lom/morghan ris a chladach agus tha iad iad seo ann an cunnart nas motha.

  • Tha faoileagan, fiù s steàrnain ach gu h-àraidh fasgadairean a cur dìon mòr air na neadan aca, agus a dàibheadh a-nuas air duine sam bith a thèid ro fhaisge agus fiù s a toirt sgleog do dhaoine mun cheann. Feumaidh luchd-tadhail a bhith faiceallach ach tha e nas fheàrr an seachnadh uile gu lèir.

  • Corra uair dhfhaodadh nach bi cead aig duine a dhol gu cuid de dhàitichean ann a Hiort air sgàth fiadh-bheatha a tha frionasach, rannsachadh no adhbhar eile. Bheir an neach-gleidhidh fiosrachadh mun sin nuair a ruigeas tu agus thèid iarraidh air luchd-tadhail gabhail ris an riaghailt. Cha tachair sin ge-tà ach mar a dhfheumas e.

  • Cha bu chòir do luchd-tadhail cruinneachadh no fuireach ro fhada san aon àite oir sheall rannsachadh gum faod luchd-tadhail gu h-àraidh faisg air laimrigean lùghdachadh mòr a thoirt air gintinn agus beatha cuilein ròin agus iseanan. Cha bu chòir do luchd-tadhail sgudal fhàgail an àite agus bu chòir dhaibh an t-eilean fhàgail mar a fhuair iad e, no nas fheàrr.

  • Chan eil gin dhe na h-acarsaidean sàbhailte ri droch shìde. Tha fiù s Bàgh a Bhaile ann a Hiort fosgailte ris a ghaoith an ear no bhon ghaoith a shèideas a-nuas bho na mullaich. Cuimhnich gum faod an t-sìde atharrachadh gu h-aithghearr agus gum faod e bhith cunnartach falbh on eilean. Feumaidh luchd-tadhail leantainn gu mionaideach ris a chomhairle a gheibh iad bho fhear a bhàta. Cha bu chòir dhaibh gabhail orra a dhol cho fada air falbh agus nach faighear fios thuca ma dhfhàsas an t-sìde dona gu h-aithghearr. Faodaidh sgòth ìosal agus ceò duine a chur tuathal, agus faodaidh e bhith doirbh an acarsaid a lorg.

  • Ma ghabhas idir, feuch gun tadhal Dimàirt no Dihaoine oir is iad sin na làithean solair.

  • Bu chòir do luchd-tadhail a bhith a cheart cho faiceallach nauir a tha iad a fàgail an eilein agus tha sinn an dòchas gun còrd a chuairt riutha.

© Urras Nàiseanta na h-Alba