Tha thu an seo: Àm a dh’fhalbh > Conaltradh


Conaltradh

Cha robh rathaidean air an eilean. Dh’fheumadh daoine stuth a ghiùlan air an druim. Bha eathraichean beaga, fosgailte aca airson a bhith a’ dol gu na h-eileanan beaga timcheall far am biodh iad a’ cumail bheathaichean mar chaoraich Innse Gall, a’ glacadh bhuthaigirean ann am Boraraigh agus a’ faighinn shùlairean agus an uighean air na stacan mara.


Tuairmse cosgais bàta ùr a thogail airson Hiort
Ath-tharraing: Urras Nàiseanta na h-Alba

Gus an do thogadh laimrig ann am Bàgh a’ Bhaile ann an 1901, bha am bathar air fad ga chur air tìr air na creagan – rud a bha gu math cugallach.


Muinntir an eilein a’ cur bathar air tìr on S.S. Dunara Castle
Dealbh: O chairt puist

 

Cha robh mòran conaltraidh eadar iad fhèin agus tìr-mòr gu meadhan an naoidheamh linn deug. Bhiodh am bàillidh a’ tighinn ann am bàta uair sa bhliadhna a thogail a’ mhàil. Bhiodh ministear còmhla ris a bhiodh a’ baisteadh agus a’ pòsadh dhaoine.


Am Bàillidh, Mgr MacCoinnich, a’ tighinn a thogail a’ mhàil c.1910
Dealbh: Anna Mackenzie

© Urras Nàiseanta na h-Alba