Tha thu an seo:
Hiort An-diugh > A’ sgrùdadh na h-Àrainn Nàdarra > Gnàth-shìde


Gnàth-shìde ann a’ Hiort

Tha buaidh mhòr aig Sruth a’ Chuain Shiar air an t-sìde ann a’ Hiort. Tha na geamhraidhean ciùin agus na samhraidhean fionnar. Tha na h-eileanan fosgailte do dh’ìsleachadh aimsir sa Chuan Shiar agus tha tòrr uisge is gaoithtean mòra ann. ’S e a’ ghaoth an iar-dheas as trice bhios ann, agus mar as trice, cha bhi i nas àirde na Ìre 3. Ach, chan eil e neo-àbhaisteach dhan ghaoith tighinn na grìosaich aig còrr is 100 mìle-mara san uair. Tha e uabhasach doirbh coiseachd air an eilean an uair sin. Air an làimh eile, tha i uaireannan teth agus grianach.


Am muir a’ briseadh thairis air a’ chidhe sa gheamhradh
Dealbh: Mary Harman

Latha grianach ann am Bàgh a’ Bhaile
Dealbh: Davina Graham

Heileacoptair a’ tighinn le bathar air latha ceòthach
Dealbh: Davina Graham


Bàgh a’ Bhaile fo shneachda
Dealbh: Robin Turner

Coimhead dè cho àrd ’s a na tuinn sa Chuan Shiar an-diugh

http://www.ndbc.noaa.gov/Maps/England.shtml



© Urras Nàiseanta na h-Alba