Tha thu an seo: Hiort an-diugh > A’ sgrùdadh Eachdraidh nan Daoine > Rannsachadh Thogalaichean


Rannsachadh Thogalaichean

Ann an 1983 thòisich còmhraidhean eadar an t-Urras agus Alba Eachdraidheil mu ghlèidhteachas nan togalaichean san àm ri teachd agus mu rannsachadh airceòlais air na tobhtaichean. Chaidh aontachadh gun robh feum air sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air na togalaichean ma bhathas a’ dol gan càradh agus airson tuigse mhath fhaotainn orra mus tòisicheadh a’ chladhach. Chaidh cuireadh a thoirt do Choimisean Rìoghail nan Làrach Àrsaidh is Eachdraidheil (RCAHMS) an obair a ghabhail os làimh.

’S ann air RCAHMS a tha an t-uallach airson fiosrachadh mu làraich, carraighean-cuimhne is togalaichean air feadh Alba a chlàradh is a chumail. Chaidh obair sgrùdaidh a dhèanamh thairis air ceithir ràithean eadar 1983 is 1986. Chaidh gach àite-tuineachaidh air Hiort fhèin a sgrùdadh , a bharrachd air na togalaichean fa leth a b’fheàrr a bha a’ sealltainn amannan eadar-dhealaichte de dhaoine a bhith a’ fuireach ann agus ag àiteach na talmhainn. Chaidh dealbhannan a chlàradh cuideachd. Tha dùil tuilleadh obair sgrùdaidh a dhèanamh.

Brùth airson dealbh nas motha

Plana de sgìre a’ Bhaile, a’ sealltainn far an robh pàircean is ballachan
Còraichean: RCAHMS

Brùth airson dealbh nas motha

Plana de Thaigh-tughaidh C, a thogadh sna 1830an, far an robh teaghlach MhicIllIosa a’ fuireach. Bha an crodh a’ fuireach ann an ceann na bàthcha sa gheamhradh.
Còraichean: RCAHMS


Sgrùdadh sa Ghleann Mhòr, 1985
Dealbh: Sam Scott

Dealbh dhen àite ’s dòcha san robh teampall Bhrianain. Cha d’fhuair an sgrùdadh sgeul sam bith air an teampall seo.
Còraichean: RCAHMS

Tuilleadh Fiosrachaidh

Chaidh toradh sgrùdadh RCAHMS fhoillseachadh ann an Stell, G P, agus Harman, M. Buildings of St Kilda, HMSO, Dùn Èideann, 1988 agus tha geàrr iomradh air a’ cheathramh duilleig ann an sreath RCAHMS, St Kilda, Settlement and Structures on Hirta, Urras Nàiseanta na h-Alba/Alba Eachdraidheil, 1998. Tha eachdraidh an sgrùdaidh seo, agus mar a chaidh a dhèanamh, sa chaibideil ‘The Study of Buildings’ ann am Buchanan, M (deas.), St Kilda, The Continuing Story of the Islands, HMSO, Dùn Èideann, 1995, td 24-38. Chaidh 53 ìomhaigh le RCAHMS, a’ mhòr-chuid dhiubh à Buildings of St Kilda, a sganadh airson a’ phròiseact ioma-meadhan foghlaim aig an Scottish Cultural Resources Access Network (SCRAN).

Tha mòran dhealbhannan is mhapaichean aig RCSHMS co-cheangailte ri structaran eachdraidheil ann a’ Hiort. Tha iad uile rim faotainn tron National Monuments Record of Scotland (NMRS). Tha e fosgailte dhan phoball Diluain-Dihaoine 9.30am – 4.30pm. Tha a’ chuid dhen tasg-lann a chaidh a chur dhan stòr dàta coimpiutair CANMORE ri fhaotainn aig  http://www.rcahms.gov.uk

Chan eil ach glè bheag fhathast dhen stuth co-cheangailte ri Hiort (gheibh thu thuige le ‘St Kilda’ a chur ann an raon an ainm) san stòr dàta seo.

The Royal Commission on the Ancient and Historical Monuments of Scotland,
John Sinclair House,
16 Bernard Terrace,
Dùn Èideann, EH8 9NX.
Breatann
Fòn: (+44) 0131-662 1456
Facs: (+44) 0131-662 1477/1499
www.rcahms.gov.uk

 

© Urras Nàiseanta na h-Alba