Tha thu an seo: Clàr Leabhraichean


’S fhiach iad seo a leughadh

Tha mòran stuthan ann an clò mu Hiort. Tha an fheadhainn a leanas math airson toiseach tòiseachaidh:

Eachdraidh fharsaing is Leabhraichean Iùil

Tha a’ mhòrchuid de na leabhraichean as ùire ann an clò agus gheibhear iad tro bhùth Club Hiort.

Martin, M. 1698 A Late Voyage to St Kilda Lunnainn (ath-chlòbhualadh 1986 James Thin, The Mercat Press Dùn Èideann)
Martin, M. 1716 Description of the Western Isles of Scotland Lunnainn
Martin, M. 1753 A Voyage to St Kilda, (4th ed.) Lunnainn

Rugadh Màrtainn san Eilean Sgitheanach, agus thug e greis na thaoitear aig teaghlach MhicLeòid. Chaidh e Hiort as t-samhradh 1697 còmhla ri Iain Caimbeul, ministear na Hearadh. Sgrìobh e a’ chiad chunntas mhionaideach a tha againn air dòigh-beatha nan eilean seo.

Macaulay, K. 1764 The History of St Kilda Lunnainn
Bha MacAmhlaigh na mhinistear anns na Hearadh agus thadhail e air Hiort ann an 1758. ’S e cunntas inntinneach a tha seo, agus tha fiosrachadh ann mun bhreac a bhuail ann an 1727 agus a theab cur às dhan t-sluagh gu lèir.

Sands, J. 1878 Out of the World; no, Life in St Kilda Dùn Èideann
’S e fear-naidheachd a bha ann an Sands agus thadhail e air Hiort ann an 1875 agus 1876. Chan fhaigheadh e far an eilein fad a’ gheamhraidh agus chuir e ‘long’ air bhog airson fios fhaighinn gu tìr-mòr a dh’innse cho gann ’s a bha biadh ann a’ Hiort.

Seton, G. 1878 St Kilda Past and Present Dùn Èideann (1980 ath-chlò-bhualadh, James Thin, The Mercat Press, Dùn Èideann. 2000 ath-chlò-bhualadh, Birlinn, Dùn Èideann)
Chaidh Seton a Hiort air a’ chiad chuairt a ghabh an stiomair an Dunara Castle. Sgrìobh e cunntas mhionaideach air eachdraidh is nàdar nan eilean.

Kearton, R. 1897 With Nature and a Camera Lunnainn (ath-chlòbhualadh Melven Press, Inbhir Nis 1978) 
Thadhail Richard Kearton air Hiort còmhla ri bhràthair, Cherry, a bhiodh a’ togail dhealbhannan. Tha cunntas inntinneach aige air Hiort aig àm a bha an t-eilean ag atharrachadh air sgàth turasachd. Tha dealbhannan a bhràthar a’ dol leis a’ chunntas.

Heathcote, N. 1900 St Kilda Lunnainn
Bha Heathcote càirdeach dhan fhear leis an robh an t-eilean, Reginald MacLeod. Thadhail e air Hiort còmhla ri phiuthair. Bha ise gu math tapaidh a’ streap nan creag agus a’ dol gu muir ann an eathraichean beaga.

Mackenzie, J.B. 1911 Episode in the life of the Rev. Neil Mackenzie at St Kilda from 1829 to 1843 (foillseachadh prìobhaideach.) 
Bha an t-Urr. Niall Mac Coinnich na mhinistear ann a’ Hiort eadar 1830 agus 1844. Bha e a’ fuireach sa mhansa ùr agus a’ teagasg san eaglais ùir a thogadh ann an 1827. Bha buaidh mhòr aige air muinntir an eilein agus rinn mòran leasachaidh air àiteachas agus air a’ bhaile.

Williamson, K. agus Boyd, J..M. 1960 St Kilda Summer Hutchinson, Lunnainn 
Bha na h-ùghdair a’ riochdachadh Urras Nàiseanta na h-Alba agus Comann Glèidhteachais Nàdair agus bha iad còmhla ri muinntir an airm aig àm Operation Hardrock nuair a bha iad a’ stèidheachadh ionad-airm ann a’ Hiort. Tha cunntas aca air eachdraidh is nàdar an àite le beachdan mu na tobhtaichean.

Quine, D.A. 1988 St Kilda Portraits Downland Press, Frome 
Cuimhneachain phearsanta air muinntir Hiort agus daoine a thadhail air na h-eileanan.

Steel, T. 1988 (Tionndadh ùr) Life and Death of St Kilda Fontana, Lunnainn
Fìor chunntas air sgeulachd Hiort a tha air ùidh iomadh leughadair a thogail.

Charnley, B. 1989 Last Greetings from St Kilda Richard Stenlake, 1 Overdale Street, Langside, Glaschu G42 9PZ
Leabhran inntinneach de dhealbhannan cairtean puist o na 1800an gu timcheall air àm an fhàsachaidh.

MacFhearghuis, C. 1995 Hiort: far na laigh a’ ghrian Acair, Steòrnabhagh
Loma-làn fiosrachaidh, ‘s e seo an aon leabhar a bheir sùil air Hiort bho shealladh muinntir Hiort fhèin, le ùghdar a bha gu math eòlach orra, agus gu dearbh càirdeach riutha cuideachd.

RCAHMS 1998 St Kilda: Settlement and Structures on St Kilda RCAHMS, Dùn Èideann
Mapa leathann de Bhàgh a’ Bhaile, le fiosrachadh mu na làraich airceòlais agus na chaidh a lorg. Feumail do luchd-tadhail, agus airson beachd fhaotainn air eachdraidh nan eilean. Ri fhaotainn bho RCAHMS.

Quine, D.A. 2000 (Tionndadh ùr) St Kilda Colin Baxter Photography, Coit Gairtein
Leabhar-iùil a tha furasta a leughadh agus a tha air a chur air dòigh le fiosrachadh mu chuairtean coise a dh’fhaodas tu ghabhail. Cuid de dhealbhannan le Colin Baxter. Dh’fhaodadh gur e seo an leabhar as fheàrr san latha an-diugh airson a’ chiad fhiosrachadh fhaotainn mu Hiort.

Quine, D.A. (deas.) 2001 Expeditions to the Hebrides by George Clayton Atkinson in 1831 and 1833 MacLean Press, An t-Eilean Sgitheanach
Cunntas air turas a Hiort ann an 1831 le dealbhannan àlainn. Bha seo dìreach mus deach an seann bhaile a sguabadh air falbh agus an t-sràid a th’ann an-diugh a thogail. Uabhasach inntinneach le timcheall air 100 dealbh a lorgadh o chionn ghoirid on leabhar-latha a bha ann o thùs. Tha cunntas ann cuideachd air leabhar-latha mu thuras air taobh an iar na h-Alba ann an 1833.

Rannsachadh o chionn ghoirid

Harman, M. 1996 An Isle called Hirte Maclean Press, An t-Eilean Sgitheanach
Obair mhòr air eachdraidh agus dualchas Hiort mar thoradh air proiseact Ph.D. ann an Sgoil Eòlais na h-Alba, Oilthigh Dhùn Eideann.

Emery, N. 1996 Excavations on Hirta 1986-90 HMSO, Dùn Èideann 
Fiosrachadh air toradh nam proiseactan airceòlais a rinn Oilthigh Dhurham air Hiort. Fiosrachadh inntinneach air gnothaichean a thugadh a-steach a Hiort san 19mh agus san 20mh linn.

Buchanan, M. (deas.) 1995 St Kilda:The Continuing Story HMSO, Dùn Èideann
Fiosrachadh mu phroiseactan rannsachaidh air eachdraidh, airceòlas agus nàdar Hiort. Chaidh a sgrìobhadh airson a dhol còmhla ris an taisbeanadh St Kilda Explored ann an Taighean Tasgaidh Ghlaschu 1995-6.


Harris, M..P. agus Murray, S. 1989 Birds of St Kilda Institute of Terrestrial Ecology & Natural Environmental Research Council, UK 
Rannsachadh mionaideach air na h-eòin ann a’ Hiort.

Stell, G.P., agus Harman M. 1988 Buildings of St Kilda. Royal Commission on the Ancient and Historical Monuments of Scotland/HMSO, Dùn Èideann
Toradh rannsachadh RCAHMS ann a’ Hiort tràth sna 1980an.

Jewell, P. A., Milner, C. agus Morton Boyd, J. 1974 Island survivors: the ecology of the Soay sheep of St Kilda Athlone Press, Lunnainn.
Toradh an rannsachaidh fhada air caoraich Shòdhaigh, le caibideil air an ùir agus na tha a’ fàs ann a’ Hiort.

© Urras Nàiseanta na h-Alba