Tha thu an seo: Hiort an-diugh > A’ sgrùdadh Eachdraidh nan Daoine > Rannsachaidhean Airceòlais


Rannsachaidhean Airceòlais

Ann an 1983 dh’aontaich An t-Urras agus Alba Eachdraidheil air program de rannsachadh airceòlais ann a’ Hiort. B’ e an t-amas a bh’ aca faighinn a-mach ciamar a bha na h-eileanan air an cur gu feum thar nan linntean, agus ciamar a bha togalaichean fa leth a’ tighinn a rèir a’ phàtarain.

Am Baile
An Lag agus Ruabhal
Mullach Sgar
Sgrùdadh na h-Àrainneachd
Cuaraidhean Cloiche Ro-eachdraidheil
Am Beàrn

Am Baile

Eadar 1986 is 1990 rinn Oilthigh Dhurham sgrùdadh is cladhach ann a’ Hiort. Bha rannsachadh baile an 19mh linn a’ gabhail a-steach sgrùdadh nach do mhill càil, cladhach agus sampaill is sgrùdadh àrainneachdail.




Mapa: Chris Smith

De na taighean a thogadh sna 1860an, rannsaich buidhnean obrach Urras Nàiseanta na h-Alba Taigh 6 mus deach a thogail às ùr. Chlàr iad fiosrachadh mun fhiodh a bha sna ballachan-tarsainn air an taobh a-staigh agus mun fhiodh a bha san làr. Chaidh cladhacha dhèanamh air Taigh 8 agus timcheall air, agus chaidh a dhearbhadh gun do chleachd taigh-tughaidh a bhith ann ri linn nas tràithe, mar a nochd ann an sgrùdadh RCAHMS.

Nochd sgrùdadh RCAHMS gur dòcha gur e sabhal àtha a bha ann an Taigh W. Bhathar uaireigin dhen bheachd gur e taigh-còmhnaidh Lochlannach no bho na Meadhan Linntean a bha ann. Nuair a chaidh a chladhach, lorgadh àth le sabhal bualaidh is fasgnaidh ceangailte rithe. ’S iongantach mura buin i dhan 19mh linn.


An àth agus an sabhal
Dealbh: Taighean-tasgaidh Ghlaschu

Dhearbh soithichean de steatait (clach-shiabainn), a chaidh a lorg nuair a bhathar a’cladhach, gun robh co-cheangal aig na Lochlannaich ri na h-eileanan seo. Fhuaradh dearbhadh cuideachd air na bha muinntir nan eilean a’ toirt a-steach de bhathar deireadh an 19mh linn agus san 20mh linn. Nam measg sin bha soithichean glainne, obair chrèadha shaor, stocan-leapa iarainn agus lampaichean paireafain. Tha sin a’comharrachadh mar a bha a’ choimhearsnachd ag atharrachadh o bhith fèin-fhòghainteach gu bhith an urra barrachd is barrachd air an t-saoghal mhòr.

 

An Lag agus Ruabhal

Ann an 1992 ghabh Oilthigh Ghlaschu thairis am program rannsachaidh. Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air An Lag Bhon Tuath, coire air cùl a’ Bhaile sa bheil ceithir pàircean mòra le ballachan cloiche timcheall orra. Sheall seo gun robh na pàircean air uachdar feartan na bu thràithe – dromannan is bruaichean a bha fo na pàircean agus nam broinn. Nuair a chaidh an rannsachadh, fhuaradh a-mach gur e imirean àitich a bh’ annta sin. Dhearbh sgrùdadh air poilean sìol gràin gun robh mòran eòrna is coirce ga chur.

Bhathas an toiseach an dùil gur ann do bheathaichean a bha na pàircean a b’ùire ach, tha e nas coltaiche gur ann a bha iad airson am bàrr a dhìon o bheathaichean. Bha ùir à àitichean timcheall air a cruinneachadh agus air a cur dha na pàircean. Cha mhòr gun robh sgath ùir-uachdarach air fhàgail timcheall nam pàircean, ach bha suas ri 80cm de dhoimhneachd air an taobh a-staigh. Tha seo a’ dearbhadh gun robh na Hiortaich a’ feuchainn ri imirean àitich a chruthachadh ann an àitichean far nach robh mòran ùir-uachdarach gu nàdarra.



click for enlargement

Far an robh na rannsachaidhean air Lag Bhon Tuath agus Ruabhal
Dealbh: GUARD

Tha tobhtaichean cuideachd san sgìre seo de dh’fheartan le cumadh bàta orra agus structaran coltach ri cùirn. Cha do chuir an rannsachadh soillearachadh orra sin. Dh’fhaodadh gur e carraighean tìodhlacaidh a bh’ annta, a tha ’s dòcha a’ dol air ais gu Linn an Umha. Ach dh’dhaodadh cuideachd gur e cleitean a bh’ annta agus gun deach falbh leis a’ mhòrchuid dhuibh. Feumar barrachd rannsachaidh a dhèanamh air an seo.


A’ cladhach am measg nan clachan air An Lag Bhon Tuath
Dealbh: Alex Morrison

Sheall sgrùdadh geo-fiosaigeach agus de chumadh-tìre air Ruabhal comharran air mhuabhraighean uchdach, pàircean agus ’s dòcha togalaichean na bu shine.


Muabhraighean air Ruabhal
Dealbh: Alex Morrison

Cha tàinig co-dhùnadh sam bith bho chladhach air Carson a bha na structaran cloiche coltach ri cill. Cha d’fhuaradh deit no càil a bhuineadh dhan dualchas.


A’cladhach structaran coltach ri cill air Ruabhal
Dealbh: Alex Morrison

 

Mullach Sgar

Chum cladhach airceòlais a’ dol air Mullach Sgar ann an 2000 agus 2002. Thàinig toradh ùr,inntinneach asta seo. B’ e an rud a b’ inntinniche structar beag 5 X 3 meatairean a bha air a ghleidheadh cho math ’s a ghabhadh.Bha cuid dheth air cladhach a-steach dhan sgàirneach. Fhuaradh iomadh pìos crèadha is innealan cloiche ann an làr an togalaich seo. Nochd na ballachan cloiche agus tha còrr is meatair a dh’airde air fhàgail dhuibh.Tha tobhtaichean thogalaichean eile an iar air an structar Seo ged nach eil iad air an gleidheadh cho math.

Nuair a thòisich an obair seo ann an 1997, chaidh an sgìre seo a thaghadh oir bhathas an dòchas gun deaghadh làrach teampall Chalum Chille, air nach eil sgeul againn,a lorg. Ach, ann an dòigh, tha na chaidh a lorg nas inntinniche buileach. Tha an obair a’dol air adhart fhathast. Nuair a bhios am pròiseact deiseil, bidh fiosrachadh cudromach againn air dòigh-beatha ann a’ Hiort ri Linn an Iarainn. ’S e an obair chrèadha a chaidh a lorg an seo a’ chiad chruinneachadh tomadach ro-eachdraidheil a th’ againn à Hiort.


Pìos Crèadha o Linn an Iarainn
Dealbh: Susan Bain



Clachan Suathaidh
Dealbh: Susan Bain

Structar coltach ri cill air Mullach Sgar
Dealbh: Susan Bain


Cladhach ann an 2003
Dealbh: Susan Bain

 

Sgrùdadh na h-àrainneachd le Oilthigh Dhurham (1986-90)

Lorg sgrùdadh àrainneachd Oilthigh Dhurham poilean eòrna is coirce air làraich ann am Bàgh a’ Bhaile. Lorgadh poilean feòir is fraoich air An Lag Bhon Tuath, agus poilean o eòrna, coirce is luibhean àitich. Tha an obair seo gar cuideachadh gu bhith a’ tuigsinn mar a bha na Hiortaich a’ cleachdadh na talmhainn agus mar a dh’atharraich an cleachdadh sin thar ùine. Chrìon àiteach a’ choirce agus chaidh àiteach an eòrna am meud. Tha comharran ann nach robh àiteach leantainneach ann an cuid de dh’àitichean. Chaidh an t-uabhas poilean a lorg o Chelidonium majus (ceann ruadh) a bhuineas do theaghlach nan crom-lus agus a bhathar a’ cleachdadh mar ìocshlaint airson galaran sùla agus neasgaidean.

Tuilleadh fiosrachaidh

Leabhraichean:

Emery, N., 1996 Excavations on Hirta 1986-90 NTS/HMSO, Dùn Èideann.

Emery, N., agus Morrison,A., 'The Archaeology of St Kilda'

Buchanan, M. (deas) 1995 St Kilda: The Continuing Story of the Islands HMSO, Dùn Èideann.

Johnson, P.G. agus Pollard, A. 1998 Archaeological Fieldwork on Hirta, St Kilda: The 1998 Season GUARD Aithisg 517

Pollard, A. agus Will, B. 2000 Archaeological Fieldwork on Hirta, St Kilda: The 1999 Season GUARD Aithisg 702

Huntley, J.P. 1999 Life at the Edge of the World: evidence for crop and medicinal plants from St Kilda, Outer Hebrides Foillseachadh eleactronaigeach le World Archaeological Congress
J.P.Huntley@durham.ac.uk

Johnson, P. 1999 Hovels, Hidey-Holes or Houses for the Dead: The Scree Structures of Mullach Sgar, Hirta, St Kilda Foillseachadh eleactronaigeach le World Archaeological Congress

Morrison, A. 1999 An Introduction to the Later Settlement history of St Kilda Foillseachadh eleactronaigeach le World Archaeological Congress

Pollard, A. 1999 New Horizons: St Kilda and the Colonisation of Scottish Islands Foillseachadh eleactronaigeach le World Archaeological Congress

GUARD

Tha Roinn Rannsachadh Airceòlais Oilthigh Ghlaschu (Glasgow University Archaeological Research Division) a’ riaghladh obair-raoin agus pròiseactan co-chomhairleachaidh do bhuidhnean riaghaltais agus do ghnìomhachas. Tha GUARD a’ gabhail os làimh sgrùdaidhean aig deasg, sgrùdaidhean raoin agus cladhach.

GUARD
Roinn an Airceòlais
Gregory Building
Lilybank Gardens
Glaschu, G12 8QQ
Breatann
Fòn: (0141) 330 5541
Facs: (0141) 330 3863

 

Cuaraidhean Cloiche Ro-eachdraidheil

Tha an t-Àrd-ollamh Andrew Fleming (Oiltigh na Cuimrigh Lampeter) agus an t-Ollamh Mark Edmonds (Oilthigh Sheffield) air cunntas fhoillseachadh ann an iris airceòlais Alba, Proceedings of the National Society of Antiquaries of Scotland mu na fhuair iad a-mach agus na rannsaich iad. Chuir iad thugainn a’ chunntas seo air an obair aca:
Riamh o na 1870an bha fios gun robh innealan cloiche ann a’ Hiort. Sheall an obair againn gun tàinig a’chlach airson nan Innealan sin à cuaraidhean an iar air Bàgh a’ Bhaile. Os cionn
an sgàirnich dolarait timcheall Clais na Beàrnaich, (‘An Similear’) chithear comharran mullaichean chuaraidhean a tha caran coltach ri uamhan. Tha an sgàirneach fhein an ìre mhath nàdarra, ach na
mheasg cuideachd tha innealan briste, fuigheall a bha air fhàgail nuair a chaidh an dèanamh, clachan muile beaga a bha air an cleachdadh mar ùird airson na h-innealan a dhèanamh, agus corra
ulbhag tràghadh mhòr a bha air an cleachdadh mar shlacraichean sna cuaraidhean.

 


Cuaraidhean lannan-tobha aig Clais na Beàrnaich; tha an sgor fada san dolarait gu math follaiseach
Dealbh: Andrew Fleming

Beagan gu tuath air an aon bheinn aig gearraidh Àrd tha cnapan a shaoileas tu a tha a’comharrachadh chuaraidhean le feur air fàs thairis orra. Nas fhaide tuath air an sin, tha sinn gu mòr dhen bheachd (fianais o dhealbh a thogadh on adhar ann an 1957) gun do chuir cuaraidh an airm aig Creagan Breac às do sheann chuaraidh a bha gu math mòr. Mar sin, chaidh a’ mhòrchuid dhen dolarait a bha ri fhaicinn a chleachdadh san àm a dh’fhalbht.


A’ ghrian a’ deàrrsadh air
Cuaraidhean aig Gearraidh Àrd

Dealbh: Andrew Fleming

Cuin a bha seo? Cha robh coillteach gu leòr ann a’ Hiort riamh airson gum biodh na h-innealan cloiche seo air an cleachdadh mar chinn thuaghan. ’S iongantach mura robh a’ mhòrchuid dhiubh air an cleachdadh mar lannan air tobhaichean no caibean air sgàth na tha orra de sgriaban ’s de làraich. Chaidh innealan gu math coltach riutha a lorg ann an Arcaibh ’s ann an Sealtainn. Chaidh deit a chur orra sin a bha a’ dèanamh a-mach, an ìre mhath cinnteach, gum buineadh iad do dhan Linn Nuadh-chreagaich is Linn an Umha, timcheall air 3000 RC. Cha do dhearbh sinn fhathast gum buin innealan Hiort dhan linn seo, ach tha fios againn gum buin iad co-dhiù do Linn na Cloiche, mu 300RC, seach gun deach an lorg san taigh-ùire fon talamh, no souterrain, agus air làrach a chaidh a chladhach o chionn ghoirid air Mullach Sgar.
Ach cha bhiodh e uabhasach coltach gun dèanadh luchd-obrach a bha eòlach air obair chloiche lannan thobhaichean cloiche airson a’ chiad uair ann a’ Hiort cho fada ri Linn na Iarainn nuair a bha iad anns na h-Eileanan mu Thuath dà mhìle bliadhna roimhe sin. Lorg sinn dà phìos de dh’obair chrèadha ann an stac-mhara ann a’ Hiort agus tha iad air an sgeadachadh san dòigh a bha àbhaisteach ann an Ìnnse Gall san Linn Nuadh-chreagaich. B’iad seo a’chiad fheadhainn a chaidh a lorg ann. Tha sinn cuideachd mothachail gun robh an t-Àrd-ollamh Mike Walker, a rinn diagram a’phoilean airson Hiort tràth sna 80an, gu làidir dhen bheachd gun robh an t-àm a nochd Plantago lanceolata (bodach dubh) timcheall air 3000RC mar fhianais air nuair a thàinig na daoine (’s ann mar seo a tha an aon rud air a mhìneachadh ann an Sealtainn).


Dà shlacraich chloiche (clachan ùird) bhriste on sgàirneach fo chuaraidhean Chlais na Beàrnaich
Dealbh: Andrew Fleming

Tha lannan thobhaichean briste bitheanta ann am ballachan nan structaran ann am Bàgh a’ Bhaile, far an robh iad uaireannan air an cleachdadh mar spallan sna cleitean (stòran cloiche le mullaichean de sgrathan) san 19mh linn. ’S e am mìneachadh as coltaiche airson lannan thobhaichean sna cleitean gun deach an lorg agus an cleachdadh a-rithist san 19mh linn nuair a chaidh cuid de na seann bhallachan mòra, a bha nam pàirt de sheann shiostam nan achaidhean tuath air an t-sràid, a ghlanadh air falbh. Mhair pàirt dhen t-seann shiostam agus tha e a’nochdadh air plana a’ Choimisein Rìoghail dhen Bhaile. ’S e ceist inntinneach a th’ ann co-dhiù bhuineadh an siostam seo do Linn an Iarainn no do linn nas tràithe. Chan eil teagamh nach eil argamaid ann airson e bhith dhen aon aon aois ri lannan nan tobhaichean; bha sinn a’ lorg innealan ann an gàrradh-cùil 1830, ach cha do lorg sinn iad ach ann am pìosan a bha a’ dol a rèir seann ghàrraidhean achaidh a bhith ann (prìomh shiostam nan achaidhean timcheall Tobar Childa, agus fear nas lugha far an robh teampall Chalum Chille a rèir aithris).


Gàrradh seann shiostam achaidhean nuair a thar ga chladhach
Dealbh: Andrew Fleming

Lann tobha dolarait air a dheagh sgealbadh
Dealbh: Andrew Fleming
Bidh e coltach o na rudan a chaidh a lorg gun robh a’dol aig daoine fuireach ann a’ Hiort san Linn Nuadh-chreagaich/Linn an Umha, agus gun robh iad ri àiteach. Seach gun robh uiread de chuaraidhean ann, feumaidh gur e obair a bha seo a mhair greis mhath. Tha beagan fianais, ann nach eil uabhasach soilleir, gur dòcha gun robh muinntir Hiort a’ cleachdadh innealan cloiche aig àm nach eil a’dol cho fada air ais, ’s dòcha nuair a bha meatailt gann. Ach tha a’ mhòrchuid de na cuaraidhean a’coimhead ro shean airson gun biodh iad air an cleachdadh sna dhà no trì linntean mu dheireadh.

Inneal (air a dhèanamh de dholarait dorcha) mar
spalla ann an cleit (air a dhèanamh de ghranophyr,
a’ bhun-chreag shoilleir an ear air Bàgh a’ Bhaile)

Dealbh: Andrew Fleming
Bhiodh muinntir Hiort a’ feumachdainn chasan fiodha airson nan tobhaichean. Mar sin, tha iomadh ceist oirnn mun cho-cheangal a bh’ aca ris an t-saoghal mhòr. An robh iad a’ faighinn fiodh às na h-Eileanan an Iar? Ma bha, nach biodh iad air sgealban dolarait a thairgse air a shon? Gu mì-shealbhach, cha do lorgadh lannan thobhaichean de dholarait Hiort sna h-Eileanan an Iar fhathast. Ach feumaidh sinn cuimhneachadh gu bheil mòran de na làraich Nuadh-chreagach agus de Linn an Umha doirbh an rannsachadh. Tha iad fo mhòine, fo ghainmhich no fon mhuir. Mar sin, chan eil cion fianais a’ciallachadh nach eil fianais ann, mar a bhios luchd-airceòlais ag ràdh. Tha coltas ann gu bheil na fhuair sinn a-mach ag aontachadh ri na tha fios againn mu dhaoine air eileanan beaga eile ann an Alba ’s ann an Èirinn agus chaidh iad sin a thuineachadh uaireigin san linn Nuadh-chreagaich. Feumaidh gun robh na daoine math air a’ mhuir agus eòlach air bàtaichean is seòladh, gun luaidh air iasgach is eunachd – luchd-tuineachaidh a leag buanaitean eachdraidh fhada Hiort.

Tuilleadh fiosrachaidh

Fleming, A. 1995 'St Kilda: stone tools, dolerite quarries and long-term survival.' Antiquity 69, 25-35

Fleming, A agus Edmonds, M. 2000 'St Kilda: quarries, fields and prehistoric agriculture' Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland 129(1), 119-160

Stell, G. agus Harman, M.1988. The Buildings of St Kilda Dùn Èideann

Walker, M. J. C. 1984 'A pollen diagram from St Kilda, Outer Hebrides' New Phytologis 97, 99-113
 

Andrew Fleming
Roinn an Airceòlais
University of Wales
Lampeter, Ceredigion
SA48 7ED
Breatann.
Fòn: (+44) 01570 422351
Facs: (+44) 01570 423669
Post dealain: andrew.fleming@lampeter.ac.uk
          Andrew.fleming@lamp.ac.uk
http://archaeology.lamp.ac.uk/fleming/stkilda.html

 

 

Am Beàrn – A’cladhach

Ann an 1995 chladhaich Urras Nàiseanta na h-Alba ‘làrach air chumadh bàta’ aig A’ Bheàrn ann a’ Hiort. Bha a’ chladhach air oir bearradh cas a bha 650 troigh a dh’àirde agus fhuair sinn fiosrachadh cudromach mus tuit an làrach dhan mhuir air sgàth bleith na talmhainn. Ged a bha an structar air a ghleidheil gu math, cha robh deit follaiseach airson na fianais. Thathar dhen bheachd gur e làrach ro-eachdraidheil a bha ann bho Linn an Umha (mu 2000 RC). Bidh e coltach gun robh ceangal aig làraich mar seo ri creideamh, ged nach urrainn dhuinn a ràdh le cinnt nach e tobhtaichean chleitean a tha annta.


A’cladhach an làraich
Dealbh: Robin Turner

© Urras Nàiseanta na h-Alba