Tha thu an seo: Dè tha dol?

Naidheachdan


Dè tha dol?

·

Bliadhna Creative Scotland

 

Hiort air do bhrosnachadh? Luchdaich suas dealbh de rudeigin a rinn thu no a bha na bhrosnachadh dhut - http://www.blipfoto.com/seeus

·

App Dualchas Mara na Cruinne Air Bhog Download

 

Ann a bhith a' comharrachadh Latha Cuantan na Cruinne, tha Coimisean Cruinneil an IUCN airson Sgìrean fo Dhìon agus Ionad Dualchas Cruinneil UNESCO air prògram ùr a chur air bhog airson an iPhone. 'S e an cuspair a th' aig Latha Cuantan na Cruinne am-bliadhna "Òigridh: Stuagh airson Atharrachadh" agus b' ann air sgàth a' chuspair sin a chaidh am prògram gluasadach seo a chruthachadh. Bidh e mar uinneag air làraich dualchas mara air feadh an t-saoghail.

Tha 6,000 sgìre mara fo dhìon air a' phlanaid, ach chan eil inbhe Dualchas Cruinne, an t-inbhe eadar-nàiseanta as àirde airson glèidhteachas, ach aig 45 dhiubh. Thathar an dòchas gum faic barrachd dhaoine na h-àitichean iongantach sin air sgàth a' phrògram, agus gum faigh iad barrachd fiosrachaidh air cho prìseil 's a tha iad.

"Tha dìon nan 45 làrach mara aig Dualchas na Cruinne a' cur feum air barrachd air deagh mhanaidseachd - tha e cuideachd mu dhaoine, am mothachadh air na h-àitichean, agus mar a chuidicheas iad a' toirt an aire air a' mhuir le bhith a' strì airson barrachd dìon do chridhe gorm na planaid," thuirt Dan Laffoley, Iar-chathraiche airson na Mara aig Coimisean Cruinneil an IUCN airson Sgìrean fo Dhìon. "Leis an app seo, tha sinn toilichte a bhith ag obair còmhla ri Ionad Dualchas na Cruinne aig UNESCO airson ceum mòr a ghabhail gus ceangal dìreach a dhèanamh eadar daoine agus an cuan."

Tha IUCN air a bhith ann an caidreachas o chionn fhada còmhla ri Còmhdhail Dualchas na Cruinne aig UNESCO, a tha fhathast cudromach airson a bhith a' dìon nan àitichean prìseil sin. Shoirbhich gu math le mòran dhiubh thar nan 40 bliadhna mu dheireadh. Leis a' phrògram seo airson iPhone, faodaidh am fiosrachadh gu lèir mun deidhinn a bhith ri làimh. Leigidh am prògram iPhone seo le duine coimhead air bhidiothan de na h-àitichean mìorbhaileach seo, na manaidsearan fhaicinn agus cuideachd na co-dhùnaidhean a bhios Comataidh Dualchas na Cruinne a' dèanamh mun glèidhteachas.

Faodar am prògram a luchdachadh a-nuas luchdachadh a-nuas an-asgaidh bho stòr nan app, agus chan fhada gus am bi e ri fhaotainn airson innealan a tha a' freagairt air android. Bha e comas an obair a dhèanamh air sgàth 's na taic fhialaidh a tha compàirtichean Tides of Time, Jaeger Le Coultre agus an International Herald Tribune agus riaghaltas Fhlannrais a' cumail rinn.

 

·

I Know where Im Going - A conference on remote access to World Heritage Sites - from Uluru to St Kilda
23rd & 24th November 2011, Informatics Forum, The University of Edinburgh

 

I Know where Im Going - A conference on remote access to World Heritage Sites - from Uluru to St Kilda

I Know where Im Going - A conference on remote access to World Heritage Sites - from Uluru to St Kilda
Details and Keynote Speakers (PDF 357 kB)
Event Programme (PDF 238 kB)

·

3mh Iuchar 28mh Lùnastal 2010 Innse Gall Air a dhèanamh san òlaind Taisbeanadh Ealain Uibhist a Tuath

 

Ann an 2009, thug Taigh Chearsabhagh cuireadh do Fred Schley tighinn a chòmhnaidh greis a dhInnse Gall airson cothrom a thoirt dha an obair san taisbeanadh seo a dhèanamh. Tha an fhaireachdainn iongantach a chruthaich e mu mheudachd mhòr nan eileanan seo a glacadh gu soilleir nàdar annasach an t-solais, a bhios ag atharrachadh cho tric, air tìr agus aig muir.

Tha e cudromach nach eil fianais air beatha dhaoine sna dealbhan seo. Chan e a-mhàin gu bheil e a toirt sealladh neo-thìmeil air na mìltean bhliadhnachan a chaidh seachad, nuair nach robh buaidh cho dona againn air a phlanaid, ach tha e cuideachd na rabhadh mun àm ri teachd, nuair a tha beatha air na h-eileanan seo fhathast a fàs neo-sheasmhach dìreach mar a thachair ann am Miùghlaidh agus ann a Hiort agus, on uair sin air iomadh eilean eile ann an Innse Gall.

Tha Taigh Chearsabhagh a toirt taing airson taic bho Urras Nàiseanta na h-Alba airson fiosrachadh fhoillseachadh mun taisbeanadh a tha a comharrachadh 80 bliadhna bho chaidh Hiort fhàsachadh.


Innse Gall  Air a dhèanamh san òlaind     Fred Schley

Innse Gall Air a dhèanamh san òlaind     Fred Schley

dealbhan-fìor de sheallaidhean tìre agus mara ann an Innse Gall
gailearaidhean 1 & 2
3 iuchar- 28 lùnastal

fosgailte diluain - disathairne 10m 5f
an-asgaidh. inntreadh do chiorramaich


TAIGH CHEARSABHAGH

taigh-tasgaidh & ionad-ealain
Loch nam Madadh
Uibhist a Tuath
Innse Gall
HS6 5AA


· Làrach-lìn Hiort
 

Bidh cuimhne aig mòran agaibh air an àm a chaidh Plana Riaghlaidh Làrach Dhualchas na Cruinne a chur air bhog airson Hiort ann an 2003. Thachair tòrr on uair sin agus thar nan 18 mìosan a tha romhainn, bidh Urras Nàsieanta na h-Alba a sgrùdadh adhartas a phlana seo agus a suidheachadh nam prìomhachasan riaghlaidh sna 5 bliadhna ri teachd. Gus seo a choileanadh, bidh an t-Urras ag obair còmhla ri com-pàirtichean is luchd-caidreachais, coimhearsnachdan ionadail nam measg, agus duine sam bith le ùidh sna h-eileanan, co-cheangailte ri prìomhachasan riaghlaidh sna bliadnaichean ri teachd. Tha sinn dìreach a tòiseachadh air a phròiseas seo ach bidh sinn ag innse mun adhartas againn air an làrach-lìn aig deireadh na bliadhna agus toiseach 2009. Mar sin, thoir sùil an-dràsta is a-rithist agus gabh pàirt sa cho-chomhairleachadh nuair a thòisicheas e.

· St Kilda - LIVE WEBCAST
 

Haoine 22/06/2007 20:20GMT

· St Kilda - Plockton Gallery
 

Claire Harkess RSW, 9th June - 8th July 2007

· A comharrachadh 50 bliadhna fo sheilbh Urras Nàiseanta na h-Alba
 

Urras Nàiseanta na h-Alba 50 bliadhna ann a Hiort A coimhead air ais thar nan leth-cheud mu dheireadh, tha an t-Urras, agus iomadh neach-obrach saor-thoileach, air a bhith ag obair gus àilleachd iongantach an eilein a dhìon .

· Gailearaidh Ealain is Taigh-tasgaidh Kelvingrove
 

Taisbeanadh ùr mu Hiort ann an Taigh-tasgaidh Kelvingrove, Glaschu - (www.glasgowmuseums.com/projects.cfm)

· Aithisg Airc-eòlaiche Hiort 2005
 

Tha Airc-eòlaiche Hiort aig NTS a’ foillseachadh aithisg gach foghar le iomradh air an obair airc-eòlais air an eilean agus air falbh on eilean. Am measg na tha aithisg na bliadhna seo a’ còmhdach tha: sgrùdadh nan cleitean is nam ballachan, obair a rinn buidhnean obrach as t-samhradh, agus iomradh air obair airson mìosan a’ gheamhraidh air falbh on eilean.

· Inbhe Dhùbailte a thaobh Dualchas na Cruinne do dh'eileanan Albannach Sònraichte: Iuchair 2005
 

Chaidh am fios naidheachd an cois an leudachaidh air sònrachadh dhualchas na cruinne gus an sealladh cultarach a ghabhail a-steach a chur ris an làrach.

· Seallaidhean Cultarail Dhualchas na Cruinne: An Giblean 2005
 

An dèidh do Chomataidh Dhualchas na Cruinne aig UNESCO iarraidh, agus às leth Phàrlamaid na h-Alba agus Riaghaltas Bhreatainn, tha Urras Nàiseanta na h-Alba air mion-sgrùdadh coimeasail ullachadh a’ coimeas Hiort ri àiteachan eile air an t-saoghal. Faodaidh tu seo a luchdachadh a-nuas agus chì thu dhut fhèin carson a tha sinn dhen bheachd gu bheil Hiort gun shamhail! Tha pàipear eile ann a thugadh seachad aig còmhdhail eadar-nàiseanta air seallaidhean cultarail sa Ghiblean 2005 agus faodar am fear seo a luchdachadh a-nuas cuideachd. Tha e a’ còmhdach cuid dhe na ceistean a chaidh a thogail ann a bhith ag ullachadh a’ Mhion-sgrùdaidh Choimeasail.

· An t-Iuchar 2004
 

· Chaidh am brath naidheachd, a bha an cois an leudachaidh ann an comharrachadh dhualchas na cruinne gu bhith a' gabhail a-steach àrainneachd na mara, a chur ris an làraich.

· An Dùbhlachd 2003
 

· Chaidh làrach-lìn Ghàidhlig www.hiort.org.uk a chur air bhog air an 29mh dhen Lùnastal 2003.

· ’S e Rhodri Evans am manaidsear ùr aig Urras Nàiseanta na h-Alba airson nan Eileanan Siar, stèidhte ann am Beinn a’ Bhaoghla.

· B’ e Neil Mitchell an neach-raoin ùr, ràitheil aig Urras Nàiseanta na h-Alba.

· Fhuair Urras Nàiseanta na h-Alba Inbhe Buidheann Ceadaichte bho Dhualchas Nàdair na h-Alba gus Tèarmann Nàdair Nàiseanta Hiort a riaghladh.

· Chaidh aonta mail airson 25 bliadhna a shoighnigeadh le Ministrealachd an Dìon.

· Chaidh tagradh ainmeachaidh air ath-sgrùdadh a chur gu UNESCO a’ sireadh in-sgrìobhadh a bharrachd airson Dhualchas na Cruinne.

· Sgrìobhainn Ainmeachaidh airson Làrach Dhualchas na Cruinne: An Giblean 2003
 

Sa Ghearran 2003 chuir Pàrlamaid na h-Alba ainmeachadh a bh’ air ath-sgrùdadh gu UNESCO a’ sireadh tuilleadh leudachaidh san inbhe sna roinnean Dualchas Nàdarra agus Seallaidhean Tìre Dualchasach air sgàth dualchas sònraiche nan uisgeachan timcheall nan eileanan, agus an eisimpleir gun shamhail a tha na h-eileanan a’ toirt dhuinn air eachdraidh is cultar Alba. Tha tuilleadh fiosrachaidh agus sgrìobhainn an ainmeachaidh gu leir a-nis air an làraich seo. 
 

· Plana Riaghlaidh Hiort 2003-2008: 30 Faoilleach 2003
 

Tha Riaghlaidh Hiort 2003 – 2008 a-nis deiseil agus tha e ri fhaotainn air-loidhne. Chaidh am Plana Riaghlaidh cuideachd a chur gu UNESCO còmhla ris an ainmeachadh airson inbhe Làrach Dhualchas na Cruinne sna h-eileanan a leudachadh gu bhith a’ gabhail a-steach àrainneachd na mara agus an dualchais.
 

· Aithisg Airceòlaiche Hiort 2002: 23 Dùbhlachd 2002
 

Aithisg Bhliadhnail Airceòlais An Dùbhlachd 2002. ’S e iomradh air obair airceòlaiche Hiort san t-samhradh 2002 a tha san aithisg.

· Cuairtlitir a’ Phlana Riaghlaidh – An t-Sultainn 2002: 1 Damhair 2002
 

Tha Cuairtlitir a’ Phlana Riaghlaidh a’ toirt fiosrachaidh air iomairt Phàrlamaid na h-Alba air inbhe Làrach Dhualchas na Cruinne do dh’àrainneachd na mara ann a’ Hiort agus dhan dualchas. Tha iomradh ann air Dreachd Co-chomhairleachaidh a’ Phlana Riaghlaidh.

· A’ riaghladh Hiort: 1 Damhair 2002
 

Chaidh an earrann air Riaghladh Hiort ùrachadh le Dreachd Co-chomhairleachaidh slàn de Phlana Riaghlaidh Hiort airson 2002-2007. Tha am Plana Riaghlaidh a-nis ri fhaotainn ann an cruth PDF. Tha Bileag Freagairt ann airson do bheachdan air a’ Phlana Riaghlaidh.

· Cuairtlitir a’ Phlana Riaghlaidh – Am Màrt 2002: 27mh Cèitean 2002
  Tha seo a’ toirt beagan fiosrachaidh air an obair a tha a’ dol dhan Phlana Riaghlaidh, agus tha e ag innse na h-ìre aig an robh e sa Ghiblean 2002. Airon tuilleadh fiosrachaidh mun dòigh-obrachaidh, theirig gu Co-chomhairleachadh a’ Phlana Riaghlaidh.

· Cudrom agus Amasan: 27 Cèitean 2002
  Tha na pàirtean cudromach seo dhen Phlana Riaghlaidh a’ toirt iomraidh air na rudan a tha daoine a’ smaoineachadh a tha cudromach mu Hiort, agus mar a dh’fhaodadh na cùisean cudromach sin a bhith air an riaghladh sa cheann fhada. Tha fàilte ron h-uile duine beachd a thoirt air an seo oir tha e aig cridhe Phlana Riaghlaidh Hiort.
· Beachdan air Hiort: 27 Cèitean 2002
  Fiosrachadh air rannasachadh a tha a’ toirt sùil air Hiort on taobh a-muigh.
Nochdaidh toradh an rannsachaidh seo air an làrach-lìn seo. Ma tha thu an sàs ann an rannsachadh mu Hiort agus cuideachadh a dhìth ort, no ma tha fiosrachadh agad a tha thu airson a sgaoileadh, cuir fios thugainn aig: stkilda@nts.org.uk.

· Plan Riaghlaidh Hiort: 4 Gearran 2002
 

Fiosrachadh ùr air Plana Riaghlaidh Hiort le beachdan on Choinneimh Phoblaich sna Hearadh.

· Earrann Ùr: Ealain, Cànan agus Dualchas  24 Dùbhlachd 2001 
  "Pasgan Hiort" ga thoirt do NTS.he St Kilda Portfolio, a new work of art, is described.
· Ath-dhealbhadh: 24mh An Dùbhlachd 2001
  Chaidh an làrach-lìn gu lèir ath-dhealbhadh ach am bi i nas beòthaile agus gum bi e nas fhasa do shlighe a dhèanamh.  
· Goireas Luirg na Làraich: Lorg 24mh An Dùbhlachd 2001
  Goireas luirg luath airson na làraich-lìn gu lèir.
· Dealbh Sheallaidhean: Cuairtean ann an Dealbhan 7mh An t-Samhain 2001
  Sealladh 360 ceum de Bhàgh a’ Bhaile. A’ cur feum air bathar bog a dh’fhaodas tu a luchdachadh a-nuas.
· Earrann Ùr: A’ riaghladh Hiort 1mh An t-Samhain 200
  Earrann ùr a tha a’toirt an fhiosrachaidh as ùire air mar a chaidh Plana Riaghlaidh Hiort a chur na chèile.
 

© Urras Nàiseanta na h-Alba