Tha thu an seo: Hiort An-diugh > Ealain, Cànan agus Dualchas


Ealain, Cànan agus Dualchas          

         
Cruinneachadh Hiort

Tha Cruinneachadh Hiort, a tha a comharrachadh cultar agus fàsachadh Hiort, na cho-obrachadh sònraichte eadar am bàrd is an sgrìobhadair Bill Duncan, agus an neach-ealain is an neach-phriontan Susan Wilson.

Air a chur na chèile le Dundee Contemporary Arts Print Studio, tha an cruinneachadh stèidhte air còig dàin a sgrìobh Bill Duncan an dèidh a bhith air cladhach arc-eòlais ann a Hiort do Urras Nàiseanta na h-Alba. Thug an cruth-tìre agus an eachdraidh uiread de bhuaidh air s gun robh e airson eachdraidh an eilein innse ann an ìomhaighean mar a chithear sna dàin.



Cruinneachadh Hiort Dealbh: Susan Wilson

Tha na dealbhan a rinn Susan Wilson, airson a dhol an cois nan dàn, a nochdadh brìgh nan dàn agus an dàimh a bh aice ris an sgrìobhadh, agus tha an dà chuid freagairt phearsanta annta agus fiosrachadh eachdraidheil bhon rannsachaidh aice fhèin. Tha faclan agus ìomhaighean a sruthadh còmhla mar aon.



Susan Wilson Dealbh: Susan Wilson

Tha an cruinneachadh na chuimhneachan air muinntir an eilein agus an dòigh-beatha aca; tha gach folio dhe na 36 a cuimhneachadh gach neach a dhfhàg Hiort air 29mh Lùnastal 1930.

Dhe na sia lethbhreacan dearbhaidh, thugadh fear dhiubh do Ian Davidson, Manaidsear Glèidhteachais Urras Nàiseanta na h-Alba aig Caisteal nam Frisealach. Chaidh a thaisbeanadh ann an Taigh Wemyss, Ceàrnag Charlotte mar phàirt de shreath thaisbeanaidhean "500 Years of Printing in Scotland 1508 - 2008" còmhla ris a chiad dreachd (1698) dhen leabhar aig Martin Martin "A Late Voyage to St Kilda".

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Chruinneachadh Hiort, taisbeanaidhean san àm ri teachd agus mar a gheibhear an dreachd a cheannach, cuir post-d gu:

annis.fitzhugh@dca.org.uk and susanwilsonprintmaker@gmail.com

no fòn: DCA Print Studio +44 (0) 1382 909242

 

© Urras Nàiseanta na h-Alba