Tha thu an seo: A’ tadhal air Hiort > Buidhnean Obrach


Buidhnean Obrach

Tha Buidhnean Obrach Urras Nàiseanta na h-Alba air a bhith a’ dol a Hiort o chionn còrr is leth-cheud bliadhna. ’S e saor-làithean le obair gu leòr a tha sna buidhnean obrach agus bidh daoine an sàs ann an obair glèidhteachais riatanach; ’s dòcha a’ càradh nam ballachan cloiche, a’ càradh an tughaidh air na taighean, a’ glanadh dhrèanaichean agus a’ peantadh cho math ri bhith a’ cuideachadh a’ ruith an eilein o latha gu latha. ’S àbhaist dha na buidhnean obrach a bhith a’ gabhail àite eadar An C`itean agus An t-Ògmhios.

Bidh neach-treòrachaidh eòlach os cionn gach buidheann, a’ stiùireadh na h-obrach agus a’ toirt comhairle mun obair a tha ri dhèanamh; tha còcaire ann a bhios a’ deasachadh a’ bhìdh fhad ’s a tha na buidhnean air an eilean. Bidh an fheadhainn a tha sna buidhnean obrach a’ fuireach ann an dà sheòmar mòr, le fir is mnathan air leth, ann an dà thaigh a chaidh a leasachadh air Sràid a’ Bhaile. Bidh cuairtean gan cur air dòigh airson an t-eilean fhaicinn.

Bidh iomadh seòrsa duine sna buidhnean obrach – tha cuid a’ coimhead airson saor-làithean le obair glèidheachais eadar-dhealaichte, tha ùidh aig cuid eile sna h-eòin-mhara a th’ ann a’ Hiort agus tha feadhainn dìreach airson greiseag a chur seachad air an eilean. Thar nam bliadhnachan tha ceudan dhed leithid fhèin air a bhith an sàs ann am buidheann obrach ann a’ Hiort. Chan eil feum air sgilean sònraichte sam bith, ach feumaidh tu bhith fiot agus spòrsail. Tha na buidhnean fosgailte do dhaoine a tha barrachd air 18 bliadhna. Airson tuilleadh fiosrachaidh is beachdan o fheadhainn a bha an sàs ann am buidheann obrach, brùth an seo.

Ma tha ùidh agad ann an obair shaor-thoileach no cothrom obrachadh sna saor-làithean ann an àitichean eile le Urras Nàiseanta na h-Alba, theirig gu www.thistlecamps.org.uk no www.ntslocalgroups.org.uk

 

Buidheann obrach a’ cur mullach ùr air taigh 6 ann an 1989

Dealbh: Taighean Tasgaidh Ghlaschu

BUIDHNEAN-OBRACH HIORT 2012

Tha tagraidhean airson buidhnean obrach na bliadhna seo a-nis dùinte, Ma tha ùidh agad ann an 2013, bidh sinn a’ gabhail thagraidhean a-mach on t-Samhain. Gheibhear na foirmean tagraidh air an làrach seo an uair sin.

 

Deit agus reat
Buidheann 1 9mh Cèitean – 23mh Cèitean 2012 £775.00 (le VAT)
Buidheann 2 23mh Cèitean – 6mh Ògmhios 2012 £775.00 (le VAT)
Buidheann 3 6mh Ògmhios – 20mh Ògmhios 2012 £775.00 (le VAT)

Bidh a h-uile buidheann a’ falbh às An t-Òb anns na Hearadh a tha sna h-Eileanan Siar an Alba.

Air a ghabhail a-steach: tha na prìsean airson gach neach agus tha iad a’ gabhail a-steach;

  • àite-fuirich agus biadh ann a’ Hiort
  • siubhal a Hiort agus às ann am bàta
  • àite-fuirich sna Hearadh an oidhche ron àm agus anns an tilleadh
  • bracaist sa mhadainn a bhithear a’ falbh

Chan eil e a’ gabhail a-steach:

  • siubhal dha na h-Eileanan Siar
  • biadh sam bith eile sna Hearadh
  • deochan no cosgaisean pearsanta

Am-bliadhna tha sinn gu h-àraidh a’ lorg dhaoine le sgilean coitcheann ann an cumail suas thogalaichean agus sgilean reic/fàilteachais.

Cuiridh sinn fios gu na tagraichean soirbheachail, ann an sgrìobhadh, ro dheireadh A’ Ghearrain 2012. Cuiridh sinn cuideachd fios gu tagraichean nach do shoirbhich a chuir thugainn cèis le seòladh agus stamp no seòladh-dealain.

© Urras Nàiseanta na h-Alba