’S e ‘inntreadh’ nàdarra ann an creagan air oir bearradh àrd a th’ ann an Clach na Maighdinn. O chionn fhada, bhiodh fir òga Hiort a’ sreap chun a’ mhullaich, a’ seasamh air fìor oir na creige agus an uair sin a’ seasamh air aon chois! Saoilidh tu gur e rud cunnartach agus gòrach a bh’ ann ach bhiodh na fir seo a’ cur seachad am beatha a’ sreap bhearraidhean casa airson eòin-mhara agus uighean. Bha e glè chudromach gun robh ceann aca a bha freagarrach airson a bhith ag obair aig àirde agus gun robh iad math air iad fhèin a chumail cothrom. Bha an deuchainn seo a’ sealltainn gum b’ urrainn dhaibh sin a dhèanamh agus gum faodadh iad a dhol a shealg nan eòin-mhara còmhla ri na fir eile. Aon uair ’s gun dèanadh iad seo, dh’fhaodadh iad pòsadh agus bhiodh dòigh aca air teaghlach a chumail.
|