Airson fios a chur gu tìr-mòr, bhiodh na Hiortaich uaireannan a’ cleachdadh ‘bàta-mheilichean’. Tha bàta-mheilichean coltach ri modail beag fiodha a bheir leatha tiona agus litir na broinn. Uaireannan, bhiodh aotroman caorach ceangailte rithe airson a cumail a’ seòladh. Mar bu thrice, bha na Hiortaich a’ cur nam bàtaichean air falbh mar spòrs ach, uaireannan, bha iad a’ cur brath air falbh ann am bàta-mheilichean airson cuideachadh. Sa gheamhradh ann an 1876 bha na Hiortaich uabhasach gann de bhiadh agus chuir iad bàta-mheilichean air falbh aiirsn cuideachadh. Dìreach trì seachdainean an dèidh sin, thàinig bàta à Arcaibh a-steach dhan bhàgh le biadh.
Bidh daoine fhathast a’ dèanamh bhàtaichean agus gan cur air falbh à Hiort – dìreach airson faicinn càit an tog iad ceann! Tha a’ mhòr-chuid a’ siubhal gu tuath agus faodaidh iad a dhol air tìr ann an Arcaibh, Sealtainn no Nirribhidh oir sin an taobh a tha an làn gan giùlan.
|