Bha aon tidsear a’ teagasg a h-uile duine san aon chlas. Bha na sgoilearan ag ionnsachadh Beurla, Cruinn-eòlas, Eachdraidh agus Suimean. Uaireannan, cha bhiodh leasain ann oir bha aig a’ chloinn ri cuideachadh sna h-achaidhean, no le na caoraich no le bhith a’ cruinneachadh agus a’ spioladh eòin – ach b’ e leasain chudromach a bha annta sin cuideachd.
|