Ann an 1860 bha stoirm eagalach ann a thug na mullaich far nan taighean-tughaidh ann a’ Hiort. Chaidh co-dhùnadh taighean ùra a thogail. An turas seo, chaidh clachair a chur dhan eilean airson cuideachadh le na16 taighean ùra a thogail. Bha dà nuinneig agus mullach tiona air na taighean ùra agus bha peant geal air an taobh a-muigh. Bha iad a’ coimhead ris a’ mhuir agus chaidh an togail eadar na seann taighean-tughaidh. Chaidh iad sin an uair sin a chleachdadh mar stòir agua airson a’ chruidh (cha robh cead aig a’ chrodh a bhith sna taighean ùra!) An dèidh dha na daoine fàgail ann an 1930, dh’fhalbh a’ ghaoth le na mullaich.
Tha Urras Nàiseanta na h-Alba air mullaich ùra a chur air taighean 1 - 6. Bidh na buidhnean obrach agus luchd-rannsachaidh a-nis a’ cadal annta, a’ còcaireachd agus a’ stòradh innealan.
|