Tha daoine air a bhith a’ fuireach ann a’ Hiort o chionn mhìltean bhliadhnaichean. Chì thu fhathast cuid dhe na rudan agus dhe na togalaichean a dh’fhàg iad às an dèidh. Bha beatha nan daoine cruaidh oir tha na h-eileanan seo cho fada bho àite sam bith eile. Bha a’ ghaoth agus na duilgheaasan co-cheangailte ri biadh a ghlacadh agus fhàs cuideachd a’ dèanamh am beatha doirbh. Bha daoine a’ fuireach ann a’ Hiort gu 1930. Dh’iarr iad an uair sin air an riaghaltas an cuideachadh gus fàgail oir bha iomadh rud a’ dèanamh am beatha doirbh dhaibh. Bha mòran dhaoine air fàgail mu thràth no air bàsachadh agus cha b’ urrainn dhaibh an dòigh-beatha aca a chumail a’ dol. Dh’aontaich an riaghaltas, chaidh na daoine a ghluasad agus chaidh am baile fhàsachadh.
|