Buinidh eileanan Hiort gu lèir do dh’ Urras Nàiseanta na h-Alba (NTS). Thug am fear dham buineadh iad na h-eileanan do NTS ann an 1957. Bha e airson gum biodh na h-eileanan air an cumail mar àite sònraichte agus nan tèarmann do dh’ eòin. As t-samhradh, tha luchd-obrach NTS a’ fuireach air an eilean:
Tha neach-raoin
NTS a’ coimhead às dèidh fiadh-bheatha nan eilean, a’ cur fàilte air luchd-tadhail agus a’ cuideachadh le bhith a’ coimhead às dèidh nam buidhnean obrach.
Tha airc-eòlaiche
NTS a’ coimhead às dèidh nan sean taighean, nan cleitean agus càil sam bith eile a tha air fhàgail co-cheangailte ri airc-eòlas, a’ cur fàilte air luchd-tadhail agus a’ cuideachadh le bhith a’ coimhead às dèidh nam buidhnean obrach.
Tha Neach-raoin
NTS airson na Mara is Eòin-mhara a’ cunntadh nan eòin-mhara sna h-eileanan, a’ cumail sùil air beatha na mara, a’ cur fàilte air luchd-tadhail agus a’ cuideachadh le bhith a’ coimhead às dèidh nam buidhnean obrach.
’S e buidhnean dhaoine, air an cur air dòigh le NTS a tha sna buidhnean obrach. Tha iad a’ dol a Hiort, gu saor-thoileach, gach bliadhna, airson coimhead ri na togalaichean agus an càradh. Tha e cuideachd a’ còrdadh riutha a bhith a’ fuireach greis air an eilean.
|