Ann an 1957, thàinig Feachd an Adhair agus an t-Arm a Hiort agus thòisich iad a’ togail campa a chumadh sùil agus a lorgadh làmhaidhean a chaidh a losgadh bho ionad anns na h-Eileanan Siar. An-diugh, tha a togalaichean agus stèisean an radar ann fhathast ach chan eil an t-Arm gan ruith a-nis. Tha na daoine a tha ag obair ann fhathast a’ cumail sùil airson làmhaidhean. Thai ad cuideachd a’ toirt taic do dh’ Urras Nàiseanta na h-Alba (NTS) le fònaichean, dealan is uisge. Tha iad cuideachd a’ coimhead às dèidh nan eileanan sa gheamhradh nuair nach eil luchd-obrach NTS a’ fuireach ann.
|