’S iongantach gu bheil àite eile am Breatainn le uiread de ghaoith ri Hiort. Tha gèile ann airson 20% dhen bhliadhna – sin 75 latha à 365!
’S ann glè ainneamh a tha sneachd ann a’ Hiort. Tha a’ ghnàth-shìde fionnar agus fliuch. Faodaidh gaothan agus frasan tighinn nan grìosaich aig àm sam bith dhen bhliadhna. Sa gheamhradh, faodaidh seo milleadh mòr a dhèanamh air togalaichean an eilein. Nuair a tha thu ann a’ Hiort, chì thu na sguailichean mòra sin a’ tighinn a-steach on iar. Buailidh iad gu h-obann air an eilean agus, an uair sin, tha iad seachad. Tha an t-sìde cudromach dhut a-muigh an siud!
|