Chì thu uaireannan cearbain timcheall Hiort. Bidh na h-èisg mhòra seo a’ fàs gu còrr is 10m a dh’ fhaid. Ged a tha iad uabhasach mòr agus le beul mòr, cha bhi iad ag ithe ach beathaichean beaga agus planctan a tha beò san uisge. Chì thu iad bho thìr no bho bhàta ma dh’aithnicheas tu ite an droma aca agus, nas fhaide gu an cùl, bàrr an earbaill aca nuair a tha iad a’ snàmh air an socair a’ gabhail am bìdh lem beul fosgailte.
|