’S i a’ mhuc-mhara minke a’ mhuc-mhara as trice a chì thu ann a’ Hiort. Chan fhaic thu i ach nuair a thig i an àird airson anail a tharraing. Ma choimheadas tu gu math, chì thu uaireannan ite bheag an droma no fairichidh tu fàileadh an èisg bho a h-anail! |