Tha luch shònraichte cuideachd ann a’ Hiort! ’S e sin luch-fheòir Hiort agus tha iad eadar-dhealaichte bho luchainn air tìr-mòr agus air na h-eileanan eile. Tha am fionnadh aca nas duirche agus nas deirge agus tha am mionach aca nas soilleire. Tha am fionnadh aca nas fhaide agus nas molaiche. Air sgàth sin, thuirt cuideigin gun robh iad na bu choltaiche ri hamstairean èibhinn na luchainn!
|