Cha bhi am fasgadair mòr a’ gintinn ach ann an Innis Tìle, na h-Eileanan Fàrach, Nirribhidh agus Breatainn. ’S e 'bonxie' an t-ainm eile air a shon. Tha mu 400 fasgadair mòr ann a’ Hiort. Daoibhidh na h-eòin mhòra, dhonna seo a-nuas ort ma thèid thu ro fhaisg air na neadan aca agus, uaireannan, buailidh iad thu sa cheann len casan! Nì iad an aon rud air eòin-mhara eile airson feuchainn ri toirt orra am biadh fhaighinn.
|