Daoibhidh an t-eun beag seo sìos còrr is 90 meatair airson iasg beag mar sgadan, sgadan geàrr agus sìolagan a ghlacadh. Feumaidh daoine a bhios a’ daoibheadh deiseachan sònraichte aig an doimhneachd seo!
Cha bhi eun dubh an sgadain a’ bodraigeadh le neadan. Bidh e a’ breith nan uighean air pallachan anns na bearraidhean. Tha cumadh peur air an ugh aige. Tha e air a dhealbh airson gun roilig e ann an cearcall – gus nach tuit e far a’ phalla!
|