Hiort iùl beag Hiort iùl Hiort Quiz Hiort Dòigh-beatha Hiort Agallamh Hiort Suidheachadh
Sùlaire
Buthaide
Dreathan Donn Hiort
Fulmaire
Eun dubh an sgadai
Am Fasgadair Mòr
Luch
Caoraich
Beatha na Mara
Minke Whale
Cearban
An t-Sìde
Raon Rocaidean
NTS
Daoine - dh'fhalbh
Cleitean
Taighean
An Sgoil
Bàta-mheilichean
Clach na Maighdinn
Pàrlamaid
A' glacadh
Gàidhlig
 
Fulmaire
A’ sèideadh ola le droch fhàileadh

Tha barrachd fhulmairean ann a’ Hiort na th’ ann an àite sam bith eile ann am Breatainn na ann an Èirinn.
Bidh iad a’ neadachadh aig mullach nam bearraidhean. Taghaidh iad làrach le beagan ùir is feòir airson na nid aca seach dìreach creag lom. Nuair a bhios na fulmairean air an iteig, bidh na sgiathan aca cha mhòr còmhnard agus tha iad air eòin cho math ’s a th’ ann air a bhith ag itealaich ann an sruthan èadhair.
Spùtaidh fulmairean ola le fìor dhroch fhàileadh èisg air rud (no duine!) sam bith a thèid ri fhaisg air an nid aca. Ma thèid ola fulmaire air d’ aodach, fuirichidh am fàileadh ge b’ e dè cho tric ’s a nigheas tu e.
Bha na fulmairean uabhasach cudromach dha na daoine a bha a’ fuireach ann a’ Hiort.
Bha iad gan ithe agus a’ cleachdadh na h-ola aca ann an lampaichean agus ga suathadh air am fèithean nuair a bha iad sgìth. Bha iad a’ pàigheadh a’ mhàil le itean fhulmairean agus a’ cleachdadh nan sgiathan aca mar sheòrsa de bhruis airson an luath a sguabadh a-mach às an teine.

 
 
  air ais   air adhart  
             
 
   
Cead-aonta | Buidheachas | Wee St Kilda Guide | © Urras Nàiseanta na h-Àlba