Hiort iùl beag Hiort iùl Hiort Quiz Hiort Dòigh-beatha Hiort Agallamh Hiort Suidheachadh
Sùlaire
Buthaide
Dreathan Donn Hiort
Fulmaire
Eun dubh an sgadai
Am Fasgadair Mòr
Luch
Caoraich
Beatha na Mara
Minke Whale
Cearban
An t-Sìde
Raon Rocaidean
NTS
Daoine - dh'fhalbh
Cleitean
Taighean
An Sgoil
Bàta-mheilichean
Clach na Maighdinn
Pàrlamaid
A' glacadh
Gàidhlig
 
Buthaide
Eun a bhios a’ cladhach

’S e am buthaide an t-eun as bitheanta ann a’ Hiort, le timcheall air 270,000 eun ann as t-samhradh. Cha bhi iad a’ tighinn air tìr ach airson na h-uighean a bhreith agus coimhead an dèidh an àil.
Cha bhi buthaidean a’ neadachadh air oirean nam bearraidhean. ’S ann a bhios iad a’ dèanamh toll anns na leòidean gorma feòir aig mullach bearraidh agus a’ breith an sin. Tha An Dùn uabhasach freagarrach dhaibh oir tha iad air an dìon an sin bho chreachadairean. Nuair a thèid na h-iseanan a bhreith as t-samhradh agus a thòisicheas iad a’ dol air an iteig, bidh solais nan togalaichean a’ tàladh cuid dhiubh. Mar sin, bidh an neach-raoin ann a’ Hiort a’ tomhas nan eòin, a’ cur fàinne aithneachaidh orra agus gan leigeil às a-rithist far ceann a’ chidhe.
Chan eil gob soilleir, buidhe, srianagach air a’ bhuthaide ach as t-samhradh. ’S ann dorcha buidhe a tha e an còrr dhen bhliadhna. Bidh iad a’ cleachdadh an sgiathan airson a bhith ag itealaich fon uisge. Tha buthaidean a’ cur seachad a’ mhòr-chuid dhem beatha aig muir agus tha iad sònraichte math air snàmh. Canaidh cuid ann an eileanan na h-Alba 'Tammie Norries' ri na buthaidean.

 
 
  air ais   air adhart  
             
 
   
Cead-aonta | Buidheachas | Wee St Kilda Guide | © Urras Nàiseanta na h-Àlba